Ne: neon no nìon? Ceist a’ bhriathrachais theicinigich sa Ghàidhlig

neSpeactram slàn nìon, Coitcheannas Cruthachail le Jan Homann

An rèis cànanachais agus soiseochànanachais, is cinnteach nach coinnichear ri cuspair cho tòcail connspaideach ri dealbhadh corpais. Bho shusbaint na cuspair, cha bhite an dùil ris. Tha dealbhadh-corpais cho tioram fuar, air an uachdar co-dhiù, ach uair is uair, chithear an aon rud: cho luath a theothaicheas an deasbad nuair a thig e gu leasachadh briathrachais, litreachaidh no gràmair. Mar a sgrìobh Rosina Lippi-Green is i a-mach air deasbadan air a’ Bheurla cheart anns na Stàitean Aonaichte:

“Some of the discussion around language standards is so emotional in tone that parallels can be drawn to disagreements between scientists and theologians over the centuries.”
                                                               (Lippi-Green 1997, 169)

Is coltach gu bheil seo gu sònraichte fìor nuair a thathas a-mach air dealbhadh corpas mion-chànain. Is dòcha, mar thoradh air brisgead chànanan fo chunnart, gu bheil labhraichean mhion-chànanan gu h-àraidh cùramach mu na cànanan aca, a’ faicinn dealbh-corpais mar bhagairt. Bha e iongantach fhaicinn, mar eisimpleir, cho tro chèile ’s a bha cuid nuair a thàinig e am follais gun robh Bòrd na Gàidhlig a’ beachdachadh air acadamaidh chànain a stèidheachadh airson na Gàidhlig. Bha cuid gu math feargach agus iad nan seasamh gun daingeann an aghaidh a’ mholaidh, ach tha e doirbh a thomhas le cinnte dè tha na gearanan seo a’ ciallachadh, dè cho riochdail ’s a tha na guthan làidir seo air beachd na mòr-chuid. Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 9 beachd(an)

Fìorachd ghu-bhith, hipeitis Bostrom agus dubh-fhacal Fermi

Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd staid na h-ealain ann am fìorachd ghu-bhith choimpiùtaireach, Unreal Engine. ’S ann do geamaichean coimpiùtair a chaidh a dhèanamh, ach ’s urrainnear a chleachdadh ann an tionnsgnaidhean gu-bhith sam bith. Tha am fìorachas ann cho iongantach, ga dhèanamh ann am fìor-thìm is coltach, agus a’ coimhead air àrainneachd Ghàidhealach ga riochdachadh innte, thàinig e a-steach orm, ann an greiseag, bidh na prògraman seo cho eagarra, carson a dh’fhàgadh tu an taigh? B’ urrainn dhut a bhith beò ann an àrainneachd a cheart cho ‘fìor’ ri fìorachd fhèin, ach gun chunnart, bhròn no èiginn. B’ urrainn dhut siubhail gu planaidean eile, gu rionnagan eile, agus tachairt ri iomadh iongnadh, gun an dachaigh fhàgail. Tha cumhachd choimpiùtaireach ga leasachadh cho luath, chan ann fada gus an urrainn dhut a bhith beò ann am prògram gu-bhith a bhios cho math, is dòcha, nach urrainn dhut a ràdh le cinnt a bheil e fìor gus nach eil.

Agus thug an smaoin sin mi gu fuasgladh do dhubh-fhacal Fermi, a tha a’ tarraing, ann an dòigh, air hipeitis Bostrom: ma dh’fhaoidte nach faic sinn sgeul air coigrich bho phlanaidean eile, air sàilleabh ’s nach eil adhbhar aca an dachaigh aca fhèin fhàgail. Smaoinichibh, carson a shiubhladh tu eadar na rionnagan – euchd a mheasar do-thuigsinn doirbh – nuair as urrainn dhut siubhail ann gu gu-bhith gun cunnart agus anns a’ bhad. Measar gur e linntean a bhios ann, is dòcha, mus bi e comasach dhuinn siubhail eadar na rionnagan, ach ann an deich no fichead bliadhna, is dòcha, bidh fiorachd ghu-bhith cho adhartach ’s nach leig sin leas. A’ coimhead air a’ bhideo gu h-àrd, creididh mi gum bi an saoghal ùr gu-bhith againn ann an tamall beag. An uair sin, cò dh’fhàgas an taigh?

Via laughingsquid. Airson diofar fhuasglaidhean dhan dubh-fhacal Fermi, am fear gu h-àrd nam measg, faicibh: io9.

Air a phostadh ann an fànas, naidheachd | 1 bheachd

Eachtradh agus litreachas eachtrannach

The earliest novelists discovered adventure. Thanks to them we find adventure itself beautiful and wish to have it.

— Milan Kundera, The Art of the Novel, 1986, td. 122.

As dèidh dhomh am post mu dheireadh a sgrìobhadh agus as dèidh dhomh meòrachadh air an alt aig Philip O’Leary air ficsean saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann, tha mi air smaoineachadh mòran air an luaidh a rinn O’Leary air Alan Titley, agus am beachd gu bheil barrachd ’sgudal’ a dhìth air litreachas na Gàidhlig. Ged nach rachainn leis an fhacal sgudal, is dòcha, tha mi ag aontachadh gu bheil litreachas na Gàidhlig a’ faireachdainn uabhasach taobhach ri aon stoidhle àraid, no ri aon chruth dhen nobhail, no ri aon amas is dòcha. Bha mi a’ smaoineachadh air a’ phuing seo gu sònraichte fhad ’s a bha mi a’ leughadh an leabhair, The Art of the Novel, le Milan Kundera, agus e, anns a’ chiad chaibideil, a’ dol thairis air eachdraidh na nobhail anns an Roinn Eòrpa, bho Cervantes air adhart. Tha Kundera air Cervantes a shònrachadh mar stèidhiche na nobhail Eòrpaich, agus an nobhail eachtraidh aige, Don Quixote, mar a’ chiad nobhail cheart anns an Roinn Eòrpa.

Feumaidh mi aideachadh, agus coltach ri mòran daoine eile, tha mi eadar dà bharail a thaobh Kundera: tha a’ mhòr-chuid dhe na beachdan aige gun stàth, ach tha mu, is dòcha, 20% dhe na beachdan aige garbh smaoineachail, agus saoilidh mi gu bheil rudeigin inntinneach aige agus e a’ cumail a-mach gu bheil eachtradh aig bunait na nobhail Eòrpaich mar chruth ealain. Ghlac am beachd seo mi, oir, is coltach nach b’ urrainn dhomh ach eachtradh a sgrìobhadh. Chan eil fhios ’m am b’ urrainn dhomh nobhail shaiceòlach a sgrìobhadh, mar eisimpleir. Cò aig’ a fios dè bhios romham mar ùghdar anns an àm ri teachd, ach gu ruige seo, bha mi air mo tharraing gu làidir gu sgrìobhadh eachtradh. Tha eachtradh agus aithris an eachtraidh air a bhith gam thàladh bhon a bha mi gu math òg, agus fiù ’s chun an latha an-diugh, sin an seòrsa nobhail as fheàrr dhomh leughadh, agus sin an seòrsa sgeulachd is fheàrr dhomh innte. Tha mi a’ smaoineachadh orm fhìn mar eachtrannaiche agus is toil leam cluinntinn agus leughadh mu na h-eachtraidhean aig daoine eile. Tha e gam chumail òg is dòchasach.

Agus saoilidh mi, ma tha rudeigin a dhìth air litreachas na Gàidhlig, ’s e sin e: barrachd nobhailean le eachtradh aig am bunait. Chuir Kundera air adhart gu bheil am miann air eachtradh aig tùs na nobhail Eòrpaich agus gu bheil eachtradh bòidheach dhuinn mar thoradh. Saoilidh mi fhìn gu bheil am bòidhchead agus an dòchas an lùib sgeulachdan eachtraidh nan riatanas ann an litreachas na Gàidhlig agus gu bheil barrachd dha leithid a dhìth, do chloinn, seagh, ach gu h-àraidh do dh’inbhich. Nam bharail, ’s e eachtradh a dh’fhosglas suas na nobhail ann an Gàidhlig agus a bheothaicheas as ùr i. Tha mi ag iarraidh barrachd nobhailean Gàidhlig dhen a h-uile seòrsa is cinnteach, ach thàr gach nì, thoiribh dhomh eachtradh. Tha eachtradh beò brèagha agus tha mi ga iarraidh nam bheatha.

P.S.: Dè ur barail: am b’ fheàrr leibh am facal iasaid Èireannach air adventure, eachtradh; no am b’ fheàrr leibh am facal a tha nis cumanta ann an litreachas na cloinneadh, dàna-thuras? Tha mi fhìn taobhach ri eachtradh, ach tha an trioblaid ann gu bheil e, anns an tuiseal ghinideach, co-ionnan ri eachdraidh, co-dhiù, a thaobh fuaimneachaidh.

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 29 beachd(an)

Ficsean saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann

Thug Fearghas MacFhionnlaigh alt inntinneach dham aire, Science Fiction and Fantasy in the Irish Language le Philip O’Leary aig Colaiste Boston anns na Stàitean. Tha an t-alt beagan sean a-nis, ach a’ sgrìobhadh ann an 2005, mheas O’Leary nach robh mòran ficsean-saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann a b’ fhiach leughadh, agus bheachdaich e air adhbhar na h-easbhaidh sin. Chuir e dà adhbhar air adhart: nach robh mòran suim aig na h-Èireannaich ann an saidheans tràth anns an fhicheadamh linn; agus nach robh mòran ùidh aig ùghdaran Gàidhlig anns a’ genre co-dhiù agus air sàilleabh ’s nach do mheas iad gun robh ficsean-saidheans ‘cudromach’ gu leòr:

And if the traditionally devout may once have found science fiction potentially sinful, more recent Gaelic authors, eager to produce Literature with a capital L, seem to have found it silly. At any rate few literatures in the world today could be so top-heavy in their concentration on the serious and experimental over the light and accessible. As Alan Titley pointed out more than 20 years ago, Irish literature needs a lot more of what he called ‘junk’ of all kinds if it is to capture and hold readers.

Chan urrainn dhomh beachdachadh air a’ chiad adhbhar, ach a thaobh an dàrna adhbhair – gu bheil fada a bharrachd ùidh aig ùghdaran Gàidhlig ann am ficsean litreachail – tha mòran air an aon chlaon-bheachd a lorg ann an litreachas Gàidhlig na h-Alba cuideachd. Tha mi air a’ ghairm aig Titley a chluinntinn tric ann an Alba, airson barrachd ’sgudal’ ann an litreachas na Gàidhlig, agus le ’sgudal’ thathas a’ ciallachadh, tha mi am beachd, nobhailean eucoir, romans, guanais, agus is dòcha, ficsean-saidheans. Hmm…

Nuair a leughas mi ficsean saidheans, chan eil mi an dùil ri sgudal, ach cuid dhen litreachas as dùbhlanaich agus as inntinnich a leughar anns an latha an-diugh, agus gu dearbh, tha mi a’ smaoineachadh, anns na deich bliadhna on a sgrìobh O’Leary an t-alt seo, gu bheil ficsean-saidheans air barrachd spèis a chosnadh anns an fharsaingeachd. Mar a chùm Iain M. Banks a-mach, anns an t-saoghal nuadh anns a bheil teicneòlas a’ toirt buaidh nas treasa air beatha mhac-an-duine le gach latha, tha ficsean-saidheans a’ sìor fhàs nas cudromaich mar genre. Agus am fianais Mary Shelley gu Kazuo Ishiguro, an robh daoine inntinn-fhosgailte a-riamh fo amharas gum b’ urrainnear litreachas le ‘L’ mòr a sgrìobhadh ann am ficsean-saidheans? Ach chan eil teagamh gu bheil cuid mhòr ann fhathast nach cuir mòran diù anns an genre, agus is dòcha gu bheil am beachd staoin sin a’ claonadh sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba fòs. Bhiodh e gu sònraichte math cluinntinn bho na h-Èireannaich air a’ cheist seo. A bheil deagh fhicsean-saidheans ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Èireann idir? Ma tha, cò na nobhailean as fheàrr libh? Agus mur h-eil, nur barail, carson?

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 6 beachd(an)

Beachlann Shrutha

Na innsibh dhomh nach e ficsean-saidheans a tha seo! Seallaibh air an dealbh ùr do bheachlann a tha seo. Leigidh na beachlannan snasail seo leat mil a bhuain gun a bhith a’ cur dragh air na beachan agus gun bhuaireas mòr. Thòisich mi fhìn a’ cumail bheachan nuair a bha mi nam bhalach, mu 14 biadhna a dh’aois. Chòrd e rium gu mòr agus tha mi air a bhith a’ beachdachadh mu thòiseachadh a-rithist anns an Eilean Sgitheanach, ach am measg nan trioblaidean a bha gam chur dheth, ’s e ’s gu bheil buain na mile cho sàrachail, agus cuidachd, cunnartach dha na beachan mur eil thu uabhasach faiceallach. Ach is coltach, ma tha i ag obair mar a thèid a sanasachadh an seo, gu bheil a’ bheachlann ùr seo a’ dèanamh na cùise mòran nas fhasa dhut agus nas sàbhailte dha na beachan. Tha mi ag iarraidh tè.

Via Boingboing agus Laughingsquid.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 2 beachd(an)

Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig

DASGBha adhbhar agam an tasglann dideatach ùr, DASG, a chleachdadh an seachdain seo, agus dìos-o, abair goireas. Rannsachadh a thoireadh mòran ùine roimhe, a’ rùsladh tro fhaclairean is tro leabhraichean eile, rinn mi ann an corra dhiog ann an DASG.

Seo na thachair: dh’èirich ceist a thaobh na h-abairt, neo-ar-thaing: an cleachdar i leis an fhoirm dhearbhach no àicheil dhen ghnìomhair (m.e.: neo-ar-thaing gun robh i brèagha NEO neo-ar-thaing nach robh i brèagha = gun robh i brèagha)? Ann am faclair Mark, tha grunn eisimpleirean ann dhen abairt ann an co-theacsa, ach chithear an sin gu bheil an dà structar air an cleachdadh. Ann an ACDD, chleachd mi fhìn ’neo-ar-thaing’ leis an fhoirm dhearbhach dhen ghnìomhair, ach seachdain sa chaidh, mhol caraid dhomh gu bheil am foirm àicheil dhen ghnìomhair nas traidiseanta, an t-àicheadh dùbailte mar gum b’ eadh. Cò tha ceart? Uil, choimhead mi gu luath ann an DASG agus is coltach gu bheil mo charaid ceart, gu bheil an t-àicheadh dùbailte nas traidiseanta. Nis feumaidh mi an teacsa atharrachadh anns an ath chlò-bhualadh de ACDD!

Saoilidh mi gun seas DASG mar dheagh charaid do Fhaclair Dwelly gu sònraichte. Tha Faclair Dwelly sgoinneil, ach an laigse as motha a th’ air, nach eil eisimpleirean gu leòr ann dhe na seann fhaclan ann an co-theacsa, ach le DASG, ’s urrainnear faclan bho Dwelly a sgrùdadh ann an iomadh suidheachadh agus dèanamh cinnteach gun cleachdar gu ceart iad. Is duilich leam nach robh an goireas seo agam nuair bha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus gu dearbh, tha mi an dùil gum bi mi a’ dol thuige tric is minic a-nis. Is geal a choisinn an sgioba cruinneachaidh/deasachaidh DASG aig Oilthigh Ghlaschu am moladh a fhuair iad. Aibheiseach math.

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

2312

2312’S e nobhail eachdraidh àm-ri-teachd a th’ ann an 2312, le Kim Stanley Robinson, an 17mh nobhail aige, agus gun teagamh, an tè as ainmeil. Thàinig an nobhail a-mach an clò ann an 2012, agus mar a bhiodh dùil bhon tiotail, tha an nobhail stèidhichte trì ceud bliadhna anns an àm ri teachd, ann an 2312. Mun àm sin, chithear gu bheil bithean daonna air ar rian-grèine a coilineachadh air fad bho Mhearcair gu Pliuto, agus ’s e na coilinidhean seo, agus droch staid ar phlanaid dhachaigh, an Talamh, prìomh cuspairean na nobhail. Leanaidh sinn ceathrar charactaran: dealbhadair-tìre eadar-ghnè bho Mhearcair; seòltaire leth-losgainn bhon ghealaich, Tìotan, mu Shatarn; sgrùdaiche-poileis beag bho Mhàrs agus Talamhach òg bho New Jersy, is iad uile a’ siubhail eadar na planaidean agus na gealaichean anns an rian-grèine, an sàs ann an corra atharrachadh mòra a thachras anns a’ bhliadhna fo cheist.

’S ficsean-saidheans fìorasach a th’ ann an 2312. Tha an teicneòlas ann an 2312 uile so-chreidsinn agus a’ leantainn bho na riaghailtean fiosaics mar as aithne dhuinn iad an-dràsta. Chan fhaicear siubhail nas luaithe na leus, mar eisimpleir, ach mìneachadh mionaideach air gnìomh an tìr-chruthachaidh air planaidean cèin. Ach a thuilleadh air sin, tha ùidh làidir aig Robinson anns na caractaran aige, anns a’ bheatha mhoralta agus shaiceòlach aca, agus anns na dàimhean eatarra. Tro shaidheans-ficsean, tha Robinson a’ cnuasachadh air na ceistean: dè th’ ann am beatha fhiachail agus dè an dleasdanas againn dha ar caraidean agus dha ar prionnsabalan, gu h-àraidh nuair a tha e coltach gu bheil na dleasdanasan againn do charaidean agus do phrionnsabalan a’ dol as àicheadh a chèile?

Ann an dòigh, chan eil dad as ùr ann an 2312 a thaobh chuspair. Chithear na h-aon chùraman ann an iomadh nobhail fhicsean-saidheans eile a chaidh foillseachadh o chionn greis: iar-daonnachd, tùr innealta, caitheamh na h-àrainneachd, strì eadar diofar shiostaman poilitigeach agus eaconomach, agus coilineachas anns an rian-ghrèine againn. ’S e na tha a’ comharrachadh na nobhail seo càileachd an sgrìobhaidh innte agus doimhneachd a’ cnuasachaidh air na cuspairean gu h-àrd. Is iongantach cho farsaing ’s a tha eòlas Robinson, gum b’ urrainn dha sgrìobhadh gu h-ùghdarail air cuspairean cho farsaing ri litreachas, feallsanachd, coimpiutaireachd, an àrainneachd, fiosaics, bitheòlas, teòraidh shòisealta agus poileataics.

Coltach ri Iain M. Banks, tha Robinson air fiscsean-saidheans a sgrìobhadh a tha meòrachail agus ioma-chuspaireil — “the fiction of ideas” mar a thuirt Ray Bradbury — ach cuideachd, ficsean-saidheans a tha ag obair mar dheagh sgeulachd spòrsail. Agus ann an 2312, tha Robinson air deuchainneachadh beagan le cruth na nobhail ann an dòigh a chuir Moby Dick nam chuimhne, a’ siubhail air falbh beagan bhon aithris dhìrich àbhaistich, agus eadar na caibideilean aithriseach dhen sgeulachd, a’ cur rithe caibideilean beaga de liostaichean de bhriathran air diofar chuspairean a bhuineas don nobhail, caibideilean sruth-mothachaidh bho eanchainn coimpiutair fhèin-mhothachail, agus caibideilean beaga eile a tha coltach ri earrannan a bha air an gearradh de theacsaichean teòiridheal neo-fhicsean.

Anns an t-seagh seo, tha 2312 rud beag coltach ri ficsean litreachail doilleir, gum feum an leughadair beagan obair a dhèanamh gus an teacsa a ghabhail a-steach, ach a dh’aindeoin sin, mholainn 2312 mar nobhail do chuid nach àbhaist dhaibh ficsean-saidheans a leughadh. Air sàilleabh ’s gu bheil 2312 cho deuchainneach, bhiodh i math mar inntrigeadh don chuid a tha teagmhach mun genre, a’ sealltainn cho farsaing a dh’fhaodadh ficsean-saidheans a bhith.

Chan eil 2312 gun lochd. Aig amannan bha am plot fhèin rudeigin doirbh a chreidsinn. Bha e doirbh a chreidsinn gun robh an ceathrar seo uile an sàs ann am mòran thachartasan cudromach, ach eadar-dhealaichte, air feadh an rian-ghrèine. Agus aig amannan, bha mi a’ faireachdainn gun robh cabhag air Robinson aig an deireadh, gun do chaill e foighidinn anns an sgeulachd aige fhèin. B’ fheàrr leam barrachd mionaideachd mu chuid dhe na tachartasan gaisgeil aig deireadh an leabhair. Ach na gearanan sin gu aon taobh, ’s e sàr nobhail a th’ ann an 2312, airidh air a chliù, air an fhèill agus air na duaisean a choisinn i.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

One Way Ticket to Cubesville

Lèirmheas air Drilseach bhon mhion-iris iomrailteach, One Way Ticket to Cubesville:

cubesville

“… an angry Gaelic slant on proceedings,” gu dearbh fhèin!

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèimheas ann an NÓS

NosSgrìobh Eoin P. Ó Murchú lèirmheas air ACDD anns an iris snasail Èireannach, NÓS, a thàinig a-mach an clò am mìos seo. Tha mi uabhasach toilichte gun do chòrd ACDD ri Ó Murchú, agus a bharrachd air an sgeulachd fhèin, rinn Ó Murchú moladh mòr air ealain agus air dealbhadh còmhdach na nobhail le Heather Brennan agus le Freight Design. Chuirinn mo mholadh fhìn ri sin. Mar as tric, chan eil mòran smachd aig ùghdaran air dealbhadh agus air ealain nan leabhraichean aca, agus tha mi cho fortanach gun d’fhuair ACDD dealbhadh a tha cho grinn. Tha e ag ràdh mòran mun phroifeiseantachd aig CLÀR gu bheil na leabhraichean aca uile cho brèagha. Fhuair mi Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich sa phost o chionn ghoirid, an leabhar as ùire aig CLÀR, agus tha e a cheart cho àlainn.

Tha Ó Murchú air Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh aig SMO agus tha mi taingeil gun do rinn e an obair agus an oidhrip gus nobhail a leughadh anns a’ chànan. Ged a tha Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann coltach ri chèile, chan eil iad cho coltach sin, agus feumas nach robh e furasta dha. Gu dearbh, cha do rinn mi fhìn a leithid fhathast ann an Gàidhlig na h-Èireann. Bheachdaich Ó Murchú gun robh e toilichte nach deach ACDD eadar-theangachadh chun na Gàidhlig Èireannaich fhathast, oir thug e cothrom dha obair air a’ chuid Gàidhlig Albannach. Tuigidh mi sin, ach aig a cheart àm, saoilidh mi gum biodh e math nan rachadh a h-eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann aon latha. Chì sinn.

Air a phostadh ann an naidheachd | 6 beachd(an)

Manadh air bàs iom-chànanais?

Leis cho luath ’s a tha na teicneòlasan aithneachadh-gutha, eadar-theangachadh innealach agus tùr innealta gan leasachadh, bha e do-sheachanta gun tigeadh eadar-theangachadh beò am bàrr uair no uaireigin, agus chithear anns a’ bhideò an àrd gur e Skype (agus mar sin, Microsoft) a tha air a’ chiad sheirbheis dha leithid a chur air bhog le eadar-theangachadh eadar Spànnais agus Beurla ri fhaodainn aig ìre beta a-nis.

Tha an leasachadh seo garbh inntinneach, le buaidh a dh’fhaodadh mòran atharrachadh a thaobh chànanan agus shluaighean air feadh an t-saoghail, ach tha e doirbh a ràdh le cinnt an-dràsta, ciamar. Dè buaidh a bheir seirbheisean mar seo air ionnsachadh cànain? An tèid an cleachdadh mar ghoireas gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh is dòcha, no ma bhios na seirbheisean seo air am fidhe a-steach gu teicneòlas eile mar Google Glass, an dèan iad ionnsachadh-cànain uile gu lèir neo-riatanach aig a’ cheann thall? Mar a chanas muinntir Skype fhèin:

Skype Translator gives you the ability to speak another language without learning one.

Agus dè buaidh a bheir seo air mion-chànanan mar a’ Ghàidhlig gu sònraichte? Tha e gu math doirbh a ràdh. Atharraichidh eadar-theangachadh beò meidh na cumhachd eadar na cànanan mòra, agus tha e dòirbh ro-innse dè buaidh a bheir an rèite ùr seo air na mìlltean de mhion-chànanan nach gabh eadar-theangachadh leis na seirbheisean ùra, aig an toiseach co-dhiù. Chan eil beachd agam, ach tha fadachd orm gus faighinn a-mach. Linn ùr inntinneach gu cinneach.

Via Wired.

Air a phostadh ann an naidheachd, saibeirneatachd | 1 bheachd