Eachtradh agus litreachas eachtrannach

The earliest novelists discovered adventure. Thanks to them we find adventure itself beautiful and wish to have it.

— Milan Kundera, The Art of the Novel, 1986, td. 122.

As dèidh dhomh am post mu dheireadh a sgrìobhadh agus as dèidh dhomh meòrachadh air an alt aig Philip O’Leary air ficsean saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann, tha mi air smaoineachadh mòran air an luaidh a rinn O’Leary air Alan Titley, agus am beachd gu bheil barrachd ‘sgudal’ a dhìth air litreachas na Gàidhlig. Ged nach rachainn leis an fhacal sgudal, is dòcha, tha mi ag aontachadh gu bheil litreachas na Gàidhlig a’ faireachdainn uabhasach taobhach ri aon stoidhle àraid, no ri aon chruth dhen nobhail, no ri aon amas is dòcha. Bha mi a’ smaoineachadh air a’ phuing seo gu sònraichte fhad ’s a bha mi a’ leughadh an leabhair, The Art of the Novel, le Milan Kundera, agus e, anns a’ chiad chaibideil, a’ dol thairis air eachdraidh na nobhail anns an Roinn Eòrpa, bho Cervantes air adhart. Tha Kundera air Cervantes a shònrachadh mar stèidhiche na nobhail Eòrpaich, agus an nobhail eachtraidh aige, Don Quixote, mar a’ chiad nobhail cheart anns an Roinn Eòrpa.

Feumaidh mi aideachadh, agus coltach ri mòran daoine eile, tha mi eadar dà bharail a thaobh Kundera: tha a’ mhòr-chuid dhe na beachdan aige gun stàth, ach tha mu, is dòcha, 20% dhe na beachdan aige garbh smaoineachail, agus saoilidh mi gu bheil rudeigin inntinneach aige agus e a’ cumail a-mach gu bheil eachtradh aig bunait na nobhail Eòrpaich mar chruth ealain. Ghlac am beachd seo mi, oir, is coltach nach b’ urrainn dhomh ach eachtradh a sgrìobhadh. Chan eil fhios ’m am b’ urrainn dhomh nobhail shaiceòlach a sgrìobhadh, mar eisimpleir. Cò aig’ a fios dè bhios romham mar ùghdar anns an àm ri teachd, ach gu ruige seo, bha mi air mo tharraing gu làidir gu sgrìobhadh eachtradh. Tha eachtradh agus aithris an eachtraidh air a bhith gam thàladh bhon a bha mi gu math òg, agus fiù ’s chun an latha an-diugh, sin an seòrsa nobhail as fheàrr dhomh leughadh, agus sin an seòrsa sgeulachd is fheàrr dhomh innte. Tha mi a’ smaoineachadh orm fhìn mar eachtrannaiche agus is toil leam cluinntinn agus leughadh mu na h-eachtraidhean aig daoine eile. Tha e gam chumail òg is dòchasach.

Agus saoilidh mi, ma tha rudeigin a dhìth air litreachas na Gàidhlig, ’s e sin e: barrachd nobhailean le eachtradh aig am bunait. Chuir Kundera air adhart gu bheil am miann air eachtradh aig tùs na nobhail Eòrpaich agus gu bheil eachtradh bòidheach dhuinn mar thoradh. Saoilidh mi fhìn gu bheil am bòidhchead agus an dòchas an lùib sgeulachdan eachtraidh nan riatanas ann an litreachas na Gàidhlig agus gu bheil barrachd dha leithid a dhìth, do chloinn, seagh, ach gu h-àraidh do dh’inbhich. Nam bharail, ’s e eachtradh a dh’fhosglas suas na nobhail ann an Gàidhlig agus a bheothaicheas as ùr i. Tha mi ag iarraidh barrachd nobhailean Gàidhlig dhen a h-uile seòrsa is cinnteach, ach thàr gach nì, thoiribh dhomh eachtradh. Tha eachtradh beò brèagha agus tha mi ga iarraidh nam bheatha.

P.S.: Dè ur barail: am b’ fheàrr leibh am facal iasaid Èireannach air adventure, eachtradh; no am b’ fheàrr leibh am facal a tha nis cumanta ann an litreachas na cloinneadh, dàna-thuras? Tha mi fhìn taobhach ri eachtradh, ach tha an trioblaid ann gu bheil e, anns an tuiseal ghinideach, co-ionnan ri eachdraidh, co-dhiù, a thaobh fuaimneachaidh.

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

29 freagairt ri Eachtradh agus litreachas eachtrannach

  1. Thuirt Marconatrix:

    Gu dearbh, bha mi a’ leughadh ‘eachdraidh’ an àite ‘eachtradh’ air feadh an uilt seo. Thug mi sùil air A’ Fhaclair Bheag agus fhuair mi ‘guais’, ‘guais-bheart’, ‘guasachd’ is ‘driod-fhortan’. Dé do bheachd?

  2. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Tha “eachtradh” agus “eachtrannach” san fhaclair aig Colin Mark.

    Tha mi ‘n dòchas gu bheil “eachtrannach” soilleir gu leòr airson “adventurous” (tha Dwelly ag aontachadh – ged a bhios a’ chiall “foreign” aige cuideachd.)

    A-rèir coltais tha an aon fhreumh aig “eachtradh” agus “eachdraidh”. Tha MacBain ag ràdh:

    <>

    (Cho fad ‘s a tha fios agamsa is e “stair” am facal as trice aig na h-Èireannaich an-dràsta airson “history”.)

    Tha am faclair air-loidhne “eDIL” a’ mìneachadh bun-chiall an fhacail “echtra” mar a leanas:

    <>

    Gus mi-thuigsinn a lùghdachadh gu ìre, saoil an gabhadh “eachtra” (gun “dh”) a chleachdadh airson “adventure”, an dà chuid san tuiseal ainmneach AGUS ginideach? (Agus mar riochd iomarra: “eachtrannan” = “adventures”?)

    No, mur eil sin iomchaidh, dè mu dhèidhinn “eachtrannachd” mar ainmear?

    No, air ràmh eile, “dàn-eachtra”/”eachtra-dàna”? (no fiù “spreòd-eachtra”?/ bior-eachtra”?)

    Ceadaichidh am facal ceart riochdan a bharrachd:
    “Adventurer” = “eachtrannaiche”?
    “Adventurism” = “eachtrannachas”?

    Dè cho “eachdraidheil” ‘s a tha na riaghailtean-gràmair?!
    Dè cho “eachtrannach” am bu chòir dhuinn a bhith a thaobh am brisidh?!

  3. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Chaidh na mìneachaidhean-faclair a leanas air chall bhon phost agam shuas:

    Tha MacBain ag ràdh:
    Eachdraidh:
    a history; Irish eachdaireachd, history; eachdaire, historian; Early Irish echtra, adventures; from Early Irish prep. echtar, without, *ekstero, Welsh eithr, extra; Latin extra, externus; from ex (see a, as).
    —-
    Tha am faclair a “eDIL” ag ràdh:
    Echtra:
    Forms: eachtra; heachtra; echtrai;
    Meaning: An expedition, journey, voyage; an adventurous journey, an expedition in quest of adventure:; goes on a journey, an adventure

  4. Thuirt lasairdhubh:

    Fhearghais agus Macronatrix, ceud taing airson an fhiosrachaidh! Rinn mi fhìn rud beag rannsachaidh air a’ cheist seo an-dè cuideachd. Tha am moladh aig Macronatrix, guais, inntinneach. Sgrùd mi ann an Dasg e, agus ged nach eil e cumanta, tha e ann. Saoilidh mi gu bheil ciall an fhacail nas fhaisge air buaireas, cunnart no trioblaid, seach adventure ge tà. Is fhiach e barrachd rannsachaidh. Dhomhsa dheth, tha driod-fhortan a’ ciallachadh droch thachartas, gun do dh’èirich rudeigin dona dhut, a dh’fhaodadh a bhith na adventure, is dòcha, ach chan eil an aon seagh de ‘dànadas’ agus de ‘turas’ air, saoilidh mi. Is toil leam am moladh aig Fearghas, dìreach gun tèid sinn air ais dhan fhacal mar a bha e anns an t-Seann Ghàidhlig, eachtra, nuair a bhios sinn a-mach air adventure gu sònraichte, a’ cumail eachdraidh airson history. On a tha am facal anns a’ Ghàidhlig mar thà, cò b’ urrainn gearan? (B’ urrainn mòran, actually; is e dealbhadh-corpais a th’ ann. Tha beachd aig na h-uile air!) Ma tha Kundera ceart, agus ma tha eachta cho meadhanach nar cultar, cho bòidheach dhuinn agus cho cudromach, is truadh nach eil facal math againn air anns a’ Ghàidhlig. Bhiodh e sgoinneil beachdan dhaoine eile fhaighinn air a’ cheist seo cuideachd. Chì sinn cò nochdas anns an deasbad. Ceud mìle taing dhan dithis agaibh!

  5. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Eisimpleir no dhà bho thiotalan foillsichte –

    Chaidh an leabhar ainmeil “Alice’s Adventures in Wonderland” le Lewis Carroll eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann ann an 1922 le Pádraig Ó Cadhla fon tiotal: “Eaċtraḋ Eiḃlís [Eachtradh Eibhlís] i dTír na nIongantas”.

    Agus a-rithist ann an 2003 le Nicholas Williams fon tiotal: “Eachtraí Eilíse i dTír na nIontas”.

    Airson Gàidhlig na h-Alba (2012) chleachd Moray Watson: “Eachdraidh Ealasaid ann an Tìr nan Iongantas”.

    Air an làimh eile, air còmhdach an leabhair “An t-Eilean Dubh” eadar-theangaichte le Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil ann an 2013, chaidh “The Adventures of Tintin” a thionndadh gu: “Na Dàna-thursan aig Tintin”.

    San fhaclair a rinn Ruaraidh MacThòmais, tha “tachartas” aige airson “adventure” (ach airson “adventurous” thill e gu: “dàna, deuchainneach”).

    Air cùl an leabhair “Eilean an Ionmhas” (eadar-theangachadh de “Treasure Island” bho Alba Nuadh) is e am facal seo “tachartas” a chaidh a thaghadh: “…an sgeul ainmeil seo air tachartas gill’ òig an tòir air ionmhas caillte agus spùinneadairean-mara…”.

  6. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Dhìochuimhnich mi Giglets:

    “The Adventures of Sherlock Holmes” = “Sgeulachdan Sherlock Holmes” (!)

  7. Thuirt Akerbeltz:

    Facal nach eil furasta gu dearbh. Mar is trice bidh mise a thoiseach air chàch a’ gearan ma tha facal ùr aig cuideigin a tha a’ briseadh riaghailtean fuaimneachaidh na Gàidhlig ach tha eachdraidh /ɛxt̪ɾɪ/ leis an t-sreath /xt̪/ ann an lide le beum car neònach is connspaideach e fhèin. Ged a tha e a’ nochdadh an-siud ‘s an-seo o chionn fhada, saoilidh mi gun deach a thogail on Ghaeilge sa chiad dol a-mach an dèidh dha /xt̪/ gluasad dha /xk/ sa Ghàidhlig.
    Chan eil beachd làidir agam fhìn a thaobh dè am facal as fhearr ged is toigh leam an fheadhainn le driod- ach tha Fearghas ceart gur e am freumh eachtrann- as sùbailte a thaobh freumhachaidh agus tha sin cudromach. An aon mholadh a bhiodh agam, b’ e sin am freumh goirid eacht- a sheachnadh oir ann an cainnt, chan eil ‘s cha bhiodh diofar eadar eachd(raidh) agus eacht- (chanar /xt̪/ airson an dà dhiubh) agus ge be cò às a thàinig na faclan o thùs, chanadh daoine an-diugh gur e ‘history’ a th’ ann an eachdraidh agus cha bhiodh sin soilleir do dhaoine aig nach eil am facal agus nach do leugh an deasbad seo!

  8. Thuirt Marconatrix:

    Tha mi a’ smaoineachadh gur e dòcha gun robh ‘eachdraidh’ < 'eachtra' fo bhuaidh an fhacail Bheurla 'history' ??

  9. Thuirt Akerbeltz:

    Mar is trice, ‘s e -adh am freumh agus an uairsin, thig an tuiseal ginideach an àite an tuiseil ainmearaich ann an cuid a dh’àitichean (-adh > -aidh) no ann an àitichean eile, caillear an -dh (cf lìonra istora (call h- toisich agus lagachadh ann an lide gun bheum) > ichtra > eachtra (ìsleachadh /i/ na /ɛ/ an cois an t-sreatha leathainn /tra/)

  10. Thuirt lasairdhubh:

    A Fhearghais, ceud taing! Agus Akerbeltz, bha mi an dòchas gun tigeadh tu a-steach air an deasbad. Sgoinneil! Bha mi a’ bruidhinn ri co-obraichean aig an t-Sabhal an-dè cuideachd. Am measg nan rudan a chaidh am moladh dhomh:

    Airson freumh nas giorra (am puing ciallach aig Akerbeltz), dh’fhaodadh tu tòiseachadh le guais-bheart, agus an uair sin, a’ leantainn a’ phàtrain: cas-bheart > caiseart, dh’fhaodadh tu guaiseart a chleachdadh air adventure, agus an uair sin, gheibheadh tu guaiseartach air adventurous agus guaiseartaiche air adventurer.

    An uair sin, air an ruith agam an dèidh obair an-dè, smaoinich mi, uil, dh’fhaodadh tu an aon rud a dhèanamh le dàna-thuras, ga ghiorrachadh gu dànaras mar adventure, a bheireadh dànarasach air adventurous agus dànarasaiche air adventurer. Aig ìre aesthetic, is fìor thoil leam fuaim dànarais mar fhacal. Rinneadh giorrachadh ad hoc coltach ri seo le a’ craobh-sgoileadh > a’ craoladh, nach do rinneadh? (Ceartaichibh mi ma tha mi ceàrr!)

    Air neo, an rachamaid leis an fhreumh ghoirid, dànaich; dànachadh, mar an gnìomhair: dànaich adventure (òrdugh) agus dànachadh adventure (ainmear gnìomhaireach)? An uair sin, bhiodh dànachd againn air a’ bhun-bheachd eas-chruthach, adventure, dànachdail air adventurous, is dòcha, agus dànaire no dànaiche mar adventurer? Tha na faclan seo agus na ciallan seo faisg air na th’ ann an Dwelly mar thà, agus ’s e buannachd a tha sin, is dòcha, a thaobh gabhail-ris am measg luchd-labhairt agus luchd-leughaidh.

    Ceud taing dha na h-uile airson cur ris an deasbad seo. Saoilidh mi gum biodh e uabhasach math nan tigeadh cuid dhe na foillsichearan a-steach air a’ cheist seo cuideachd, leithid Acair no CLÀR, oir is ann tric a bhios iadsan a’ dèiligeadh le adventure mar bhun-bheachd, gu h-àraidh Acair. Bhiodh e inntinneach na beachd acasan a chluinntinn.

    An-dràsta, tha mi ag obair air cùrsa CPD do dhaoine a dh’obraicheas anns na meadhanan, agus an-diugh fhèin, bidh mi a’ sgrìobhadh clas a-mach air dealbhadh-corpais anns na meadhanan, agus mar sin, tha an deasbad seo a’ freagairt air a’ headspace agam glè mhath!

  11. Thuirt lasairdhubh:

    PS, Tha air tighinn a-steach orm nach do thuig mi am puing a thaobh an fhreumh aig Akerbeltz gu ceart (agus mi a’ cur fhaclan na bheul!). Duilich!

  12. Thuirt Akerbeltz:

    Ged a tha pàtranan mar guais-bheart, agus an uair sin, a’ leantainn a’ phàtrain: cas-bheart > caiseart, dh’fhaodadh tu guaiseart nàdarra gu leòr thar ùine, cha mholainn seo idir airson facal ùr. Bu chòir dha facal ùr a bhith soilleir do dhaoine no co-dhiù leth-shoilleir as aonais faclair. Tha dàn(a)-thuras soilleir gu leòr agus guais-bheart (ged nach do thachair mi ris an fhacal seo ro thric ‘s chan eil fhios a’m dè cho marbh ‘s a tha e). Ach cha tuig duine sam bith dànaras (shaoileadh iad gur e dànachd no rud mar sin a bhiodh ann) no, nas miosa fhasthast, guaiseart. Chan obraicheadh sin.

  13. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Earrann à Faclair “Bun-tomhasach” Roy Wentworth nach maireann:
    http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/wentworth/faclair/bun-tomhasach/bun-tomhasach.doc

    adventure1 n 1 euchd m, pl euchdan. Life of adventure, beatha làn euchdan, saoghal euchdach

    ​• driodfhortan m, gen & pl driodfhortain. He told us all his adventures, dh’innis e dhuinn a chuid dhriodfhortan, a chuid sgiorraidhean

    ​• guais-bheart f, gen guais-bheairt, pl guais-bheartan. He was not afraid of adventure, cha robh eagal air ro ghuais-bheart

    ​• tachartas m, gen tachartais, pl tachartasan. You had quite an adventure today, nach ann agad a bha an tachartas an diugh

    ​He had a lot of adventures during the holidays, thachair mòran ris tro na làithean-saora

    ​Adventure games, geamannan dùbhlain

    ​2 (commerce) guais f, pl guaisean

    adventure2 1 v tr cuir an cunnart, vn cur an cunnart. We had adventured our lives, bha sinn air ar beatha a chur an cunnart

    ​• cuir an guais, vn cur an guais. To adventure money upon a project, airgead a chur ann an guais air pròiseact

    ​• meantraig, vn meantradh m. We adventured our money, mheantraig sinn ar cuid airgid

    ​2 v i & pr To adventure (oneself) upon an undertaking, a dhùraigeadh air gnothach, ionnsaigh a thoirt air gnothach

    adventurer n neach-dùraigidh m, gen neach-dhùraigidh, pl luchd-dùraigidh. The Fife adventurers, an luchd-dùraigidh Fìobhach

    adventurous a. dàna
    ​• deuchainneach, comp deuchainniche

  14. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Duilich – tha mi sgrìobhadh cus! Am fear mu dheireadh…

    MacBain –
    amhartan: luck, Irish amhantur, abhantur, from French aventure, English adventure.

  15. Thuirt lasairdhubh:

    Fhearghais chòir,

    Chan eil thu a’ sgrìobhadh cus idir! Ceud mìle taing. Abair saothair. Tha e nas soilleire dhomh a-nis gu bheil an t-uabhas roghainnean againn. Saoilidh mi nach feum sinn ach sìneadh-cèille beag a dhèanamh air cuid dhe na freumhan a th’ ann mar thà gus adventure a riochdachadh.

    Dhì-chuimhnich mu fhachlar Roy, an laoch. Taing airson an obair aige a thoirt an aire. Bha neacheigin aig a’ Cholaiste a’ moladh euchd cuideachd, agus cha robh mi a’ toirt cus for air, ach bhon mhìneachadh aig Roy, saoilidh mi a-nis gu bheil euchd a’ riochdachadh adventure anns an t-seagh aig Cervantes gu math. Tha achievement, deed, exploit, feat, masterpiece aig Mark air, agus bhiodh exploit agus feat gu math faisg air adventure anns an t-seagh seo.

  16. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    éacht1, m. (gs. ~a, pl. ~aí). 1. Lit: (a) Killing, slaying; slaughter. Cú mo chéad ~, a dog was the first thing I slew. (b) Slain person; casualty. 2. Feat, exploit; achievement. A chuid ~aí a aithris, to recount his exploits. Is iomaí ~ a rinne sé, many a feat he performed. ~ oibre, prodigious work. Rinne tú ~, it was quite an achievement for you. Rugadh san ~ orthu, they were caught in the act.
    (Foclóir Gaeilge-Béarla Ó Dónaill)

    Gus am facal “euchd” agus Cervantes a thoirt còmhla, seo againn am facal fhèin (na chruth Èireannach) a’ nochdadh air a’ chiad duilleag dhen eadar-theangachadh air Don Quixote a rinn an tAthair Peadar Ó Laoghaire (“Don Cíochótae, Cló Thalbóid 2001) –

    “Roinnt céadta bliain ó shin bhíodh aicme laoch sg gluaiseacht ar fud na hEorpa agus Ridirí Fáin a tugtaí orthu….Nuair a bhí an aicme sin ar bith ar feadh roinnt aimsire, agus iad ag déanamh a ngníomhartha, thosnaigh scéalta iontacha ar bheith á n-insint i ngach aon bhall, ina dtaobh féin agus i dtaobh na ngníomhartha gaile agus gaisce a dheinidís. Ansan tosnaíodh ar an scéalaíocht san a chur síos i leabhraibh, agus thosnaigh na leabhair ar dhul ó lámh go lámh go dtí gur leathadar, coitian go maith, ar fud na hEorpa….[B]híodh an leabhar ag an duine sin, agus bhíodh lán tí ina thimpeall gach aon tosach oíche, agus é ag léamh an leabhair dóibh, agus a mbéal ar leathadh acu ag éisteacht leis na hiomaí éacht a léití as an leabhar dóibh…Timpeall na haimsire sin bhí ina chónaí sa Spáinn, i La Macha, i mbaile beag nach cuimhin liom cad é an ainm a bhí air, agus gur cuma liom, duine de na huaisle úd ar ghnáth leo roinnt de na córacha a bhain leis an ridireacht a choimeád agus a bheith acu. Bhí aige, in airde ar raca, sleá ridire agus seansciath mheirgeach. Bhí aige seanchapall lom agus cú; agus bhí sé féin, ar nós an chapaill, lom láidir. Bhí sé lom go maith, pé acu bhí sé láidir go maith nó ná raibh.”

    [Fhads a sgrìobh mi na seantansan mu dheireadh ud, thàinig dham chuimhne fhèin mactalla dhe fhosgladh “An Hobad” (eadar-theangaichte le Nicholas Williams, 2012) – “I bpoll sa talamh a bhí cónaí ar hobad. Níor pholl gránna, salach, fliuch é, lán le péisteanna stróicthe agus le boladh láibe. Níor pholl tirim, lom, gainmheach a bhí ann ach an oiread, gan aon rud ann le n-ithe ná le suí síos air; poll hobaid ab ea é agus is ionann sin agus compord.” Agus a thaobh deasbad air eadar-theangachadh fhaclan, chaidh dàil mhòr a chur air foillseachach an leabhair seo bho nach robh aonta idir eadar Williams agus am foillseachair (Michael Everson) air a’ Ghaeilge as fhreagarraiche airson “elf”!]

    Tha “Iarfhocal” sgrìobhte le Noel Griffin aig deireadh Don Cíochótae, is e a’ toiseachadh leis a’ pharagraf inntinneach a leanas –

    “Is leis an saothar seo, Don Cíochótae, a cuireadh tús leis an úrscéal san Eoraip. Braithimid a mhacallaí i gcónaí i ngach seánra scéalaíochta – ar an teilifís féin – i ngach saothar ina leanann duine a aisling. ‘Aislingeach’ is brí leis an bhfocal ‘quixotic’, ar ndóigh agus tá brí ar leith ag an aidiacht sin sa saol teicneolaíochta ina mairimid, saol ina bhfuil spiorad an duine geall le bheith múchta. Thosaigh múchadh seo an spioraid leis an oidhreacht Chairtéiseach agus a leathbhádóir san, an réaduchtachas, sa mhéid gur theip ar na healaíona go léir, nach mór – theip orthu coiméide na beatha a léiriú go farasaing fial fírinneach. Is féidir breith a dhèanamh ar úrscéalta an lae inniu d réir an cháighdeáin a leagadh síos in ‘El Quixote’.”

  17. Thuirt lasairdhubh:

    Fhearghais chòir, Deagh latha dubhadh na grèine dhuibh, agus ciad mìle taing a-rithist! Tha Don Quixote ann an Gàidhlig na h-Èireann sgoinneil inntinneach, gun nochd éacht ann. Thug e orm dol dhan Spàinnis an-dè agus a leughadh beagan. Rinn mi sireadh air an fhacal ‘aventura’ agus tha e a’ nochdadh 276 turasan anns an teacsa! Tèama na nobhail gu cinnteach. Dìreach gus aon rud eile a chur ris a’ bhrochan, thàinig e a-steach orm, nan dèanainn facal ùr anns a’ Ghàidhlig air adventure, saoilidh mi, an àite dàna-thuras, gun rachainn le dàna-chuairt, oir, saoilidh mi gu bheil ‘cuairt’ a’ riochdachadh na h-ealamaid de shiubhail ann an ciall adventure nas fheàrr na turas. Ann an adventure, bidh tu a’ falbh, a’ dèanamh euchdan, agus an uair sin, a’ tilleadh gus innse mu dheidhinn. Is e cuairt a th’ ann. Co-dhiù, sin mar a tha mi fhìn ga thuigsinn.

  18. Thuirt lasairdhubh:

    Marconatrix, Is toil leam ‘triall’. Tha ealamaid na adventure anns an fhacal sin cuideachd. Taing!

    • Thuirt Marconatrix:

      Ceart gu leòr. ‘S ann as _The Dispossed_ a thàinig an ás-aithris sin. Leabhar ‘s fhiù ‘eadar-theangachadh uair ‘sam bith. “Bha balla ann. Cha robh coltas cudromach air. ‘B ann a chlachan garbh a bha e air a thogail le beagan aoil-thàthaidh …”🙂

  19. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Thug mi an aire an-dràsta fhèin gu bheil leabhran le Milan Kundera ri fhaighinn ann an Gàidhlig na h-Èireann – “Croí na hEorpa” (foillsichte le Coiscéim ann an 1990, 28 taobhan-duilleige, €2.25)
    http://www.litriocht.com/shop/product_info.php?products_id=1828#.VRCMsxiQGrW

  20. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Tha “Kidnapped” le Robert Louis Stevenson a’ fosgladh –
    “I will begin the story of my adventures with…”

    Atharrachadh Giglets (“Fo Bhruid”) –
    “Tòisichidh mi sgeulachd mo chuid sgiorraidhean le…”

  21. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Saoilidh mi gur dòcha gu bheil am facal a’ suidhe dòigheil gu leòr ann an co-theacs seantans-fosglaidh seo “Fo Bhruid” (gu sònraichte leis an uaim eadar “sgeulachd” agus “sgiorraidhean”). Ach a bheil suidheachaidhean eile ann far nach biodh e coimhead cho cofhurtail idir, m.e. “adventure park” = “pàirc sgiorraidh”?

    Na chanas caochla fhaclairean –

    MacBain:
    sgiorr – slip, stumble, Irish sciorraim

    Dwelly:
    sgiorradh: Act of slipping, sliding or stumbling. 2 Act of running a risk, risking. 3 Accident, adventure, mischance. 4 Sudden danger. 5 Mischief, harm. A’ sgiorradh, pr pt of sgiorr. Gun sgiorradh gun tubaist, without slip or mishap.

    Am Faclair Beag:
    sgiorr: slip, slide, stumble!
    chaidh agam air an òraid a chumail gun sgiorradh sam bith: I managed to hold the speech without a single slip
    dèan dealbh gun sgiorradh: make a picture without a slip, paint without a slip!
    gun sgiorradh gun spàirn: without any problem whatsoever
    sgiorradh-facail: slip of the tongue, lapsus linguae

    MacAlpine:
    sgiorradh: hurtful, disastrous accident

    Colin Mark:
    sgiorradh: 1. accident, misfortune, mischance; tro sgiorradh air choreigin: through some mischance or other; 2. adventure

    Angus Watson:
    sgiorradh: an accident (cf more usu tubaist); slipping, a slip, stumbling, a stumble, cf tuisleadh

    Faclair na Sgoile:
    sgiorradh: rud dona a thachras tro dhroch fhortan; tubaist: bha Iain ann an sgiorradh leis a’ chàr

  22. Thuirt lasairdhubh:

    Ceud taing dhan dithis agaibh! Tha e coltach gu bheil sgiorradh nas fhaisge air misadventure ach anns a’ cho-theagsa cheart dh’fhaodadh gun ciallaicheadh e ‘adventure’ cuideachd. Saoilidh mi gur e co-theagsa a th’ anns an rud as cudromaich, agus ge be dè a nithear ann an teagsa: ma chleachdar seann fhacal le rud beag sìneadh-cèille; no ma chruthaichear facal ùr, ma tha an co-theagsa soilleir, tuigidh daoine. Is e sin am fiosrachadh agamsa co-dhiù, gu bheil leughadairean Gàidhlig gu math fosgailte do dheuchainnean agus do nuadhachd, cho math is gu bheil an co-theagsa soilleir agus gun tèid an teagsa a thuigsinn.

  23. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Geàrr-iomradh air na molaidhean agaibh airson “adventure” agus faclan a bhuineas ris:

    Adventure

    1. eachtradh 2. eachtra, eachtrannan (iolra) 3. eachtrannachd 4. dàn-eachtra 5. amhartan

    1. guais-bheart 2. guaiseart 3. dàna-thuras 4 dànaras 5. dànachd 6. dàna-chuairt

    1. (dàn-)euchd(an) 2 driod-fhortan 3 tachartas 4 eachdraidh 5 meantraigeadh 6 sgiorradh 7 sgeulachdan

    Adventurous

    1. eachtrannach 2. dàna 3. deuchainneach 4 guaiseartach 5 dànarasach 6 dànachdail

    Adventurer

    1. neach-dùraigidh 2 eachtrannaiche 3. dànarasaiche 4. dànaiche 5. guaiseartaiche

    Agus agamsa, uile a rèir co-theagsa:

    Adventure
    dàna-sgeulachd; dàna-thachartas (Pàirc dhàna-thachartais – theme/adventure park); dàn-ghnìomhan (adventure planet – planaid dàn-ghnìomhan – seo aig eadar-theangaiche Leòdhasach);

    Adventurer

    neach-dàna (eadar-theangaiche Gàidhlig)

    À facairean eile:

    Adventure
    baidsireachd n. f – adventuring, cruising, sea-faring life (pronouncing dictionary); guasachd – a perilous adventure (Armstrong); im-thus – progress, adventure (armstrong); teagmhais (armstrong)

    Adventurous
    baoghalach (dwelly); tionnsgalach, tionnsgantach, tionnsgnach (armstrong); teagmhaiseach (armstrong)

    adventurousness
    tionnsgnachd (armstrong),
    Adventurer
    baidsire – a voyager, an adventurer (pronouncing dictionary); baoghlair; teagmhasair (armstrong);

    Adventures: (Wentworth, Faclair Gàidhlig Ros an Iar) thachair mòran ris – he had lots of adventures

    Ruigidh each mall muileann…

  24. Pingback: Sluagh-thùsadh bhriathran | Air Cuan Dubh Drilseach

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s