Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd staid na h-ealain ann am fìorachd ghu-bhith choimpiùtaireach, Unreal Engine. ’S ann do geamaichean coimpiùtair a chaidh a dhèanamh, ach ’s urrainnear a chleachdadh ann an tionnsgnaidhean gu-bhith sam bith. Tha am fìorachas ann cho iongantach, ga dhèanamh ann am fìor-thìm is coltach, agus a’ coimhead air àrainneachd Ghàidhealach ga riochdachadh innte, thàinig e a-steach orm, ann an greiseag, bidh na prògraman seo cho eagarra, carson a dh’fhàgadh tu an taigh? B’ urrainn dhut a bhith beò ann an àrainneachd a cheart cho ‘fìor’ ri fìorachd fhèin, ach gun chunnart, bhròn no èiginn. B’ urrainn dhut siubhail gu planaidean eile, gu rionnagan eile, agus tachairt ri iomadh iongnadh, gun an dachaigh fhàgail. Tha cumhachd choimpiùtaireach ga leasachadh cho luath, chan ann fada gus an urrainn dhut a bhith beò ann am prògram gu-bhith a bhios cho math, is dòcha, nach urrainn dhut a ràdh le cinnt a bheil e fìor gus nach eil.
Agus thug an smaoin sin mi gu fuasgladh do dhubh-fhacal Fermi, a tha a’ tarraing, ann an dòigh, air hipeitis Bostrom: ma dh’fhaoidte nach faic sinn sgeul air coigrich bho phlanaidean eile, air sàilleabh ’s nach eil adhbhar aca an dachaigh aca fhèin fhàgail. Smaoinichibh, carson a shiubhladh tu eadar na rionnagan – euchd a mheasar do-thuigsinn doirbh – nuair as urrainn dhut siubhail ann gu gu-bhith gun cunnart agus anns a’ bhad. Measar gur e linntean a bhios ann, is dòcha, mus bi e comasach dhuinn siubhail eadar na rionnagan, ach ann an deich no fichead bliadhna, is dòcha, bidh fiorachd ghu-bhith cho adhartach ’s nach leig sin leas. A’ coimhead air a’ bhideo gu h-àrd, creididh mi gum bi an saoghal ùr gu-bhith againn ann an tamall beag. An uair sin, cò dh’fhàgas an taigh?
Via laughingsquid. Airson diofar fhuasglaidhean dhan dubh-fhacal Fermi, am fear gu h-àrd nam measg, faicibh: io9.
Pingback: No Man’s Sky | Air Cuan Dubh Drilseach