Thug Fearghas MacFhionnlaigh alt inntinneach dham aire, Science Fiction and Fantasy in the Irish Language le Philip O’Leary aig Colaiste Boston anns na Stàitean. Tha an t-alt beagan sean a-nis, ach a’ sgrìobhadh ann an 2005, mheas O’Leary nach robh mòran ficsean-saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann a b’ fhiach leughadh, agus bheachdaich e air adhbhar na h-easbhaidh sin. Chuir e dà adhbhar air adhart: nach robh mòran suim aig na h-Èireannaich ann an saidheans tràth anns an fhicheadamh linn; agus nach robh mòran ùidh aig ùghdaran Gàidhlig anns a’ genre co-dhiù agus air sàilleabh ’s nach do mheas iad gun robh ficsean-saidheans ‘cudromach’ gu leòr:
And if the traditionally devout may once have found science fiction potentially sinful, more recent Gaelic authors, eager to produce Literature with a capital L, seem to have found it silly. At any rate few literatures in the world today could be so top-heavy in their concentration on the serious and experimental over the light and accessible. As Alan Titley pointed out more than 20 years ago, Irish literature needs a lot more of what he called ‘junk’ of all kinds if it is to capture and hold readers.
Chan urrainn dhomh beachdachadh air a’ chiad adhbhar, ach a thaobh an dàrna adhbhair – gu bheil fada a bharrachd ùidh aig ùghdaran Gàidhlig ann am ficsean litreachail – tha mòran air an aon chlaon-bheachd a lorg ann an litreachas Gàidhlig na h-Alba cuideachd. Tha mi air a’ ghairm aig Titley a chluinntinn tric ann an Alba, airson barrachd ’sgudal’ ann an litreachas na Gàidhlig, agus le ’sgudal’ thathas a’ ciallachadh, tha mi am beachd, nobhailean eucoir, romans, guanais, agus is dòcha, ficsean-saidheans. Hmm…
Nuair a leughas mi ficsean saidheans, chan eil mi an dùil ri sgudal, ach cuid dhen litreachas as dùbhlanaich agus as inntinnich a leughar anns an latha an-diugh, agus gu dearbh, tha mi a’ smaoineachadh, anns na deich bliadhna on a sgrìobh O’Leary an t-alt seo, gu bheil ficsean-saidheans air barrachd spèis a chosnadh anns an fharsaingeachd. Mar a chùm Iain M. Banks a-mach, anns an t-saoghal nuadh anns a bheil teicneòlas a’ toirt buaidh nas treasa air beatha mhac-an-duine le gach latha, tha ficsean-saidheans a’ sìor fhàs nas cudromaich mar genre. Agus am fianais Mary Shelley gu Kazuo Ishiguro, an robh daoine inntinn-fhosgailte a-riamh fo amharas gum b’ urrainnear litreachas le ‘L’ mòr a sgrìobhadh ann am ficsean-saidheans? Ach chan eil teagamh gu bheil cuid mhòr ann fhathast nach cuir mòran diù anns an genre, agus is dòcha gu bheil am beachd staoin sin a’ claonadh sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba fòs. Bhiodh e gu sònraichte math cluinntinn bho na h-Èireannaich air a’ cheist seo. A bheil deagh fhicsean-saidheans ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Èireann idir? Ma tha, cò na nobhailean as fheàrr libh? Agus mur h-eil, nur barail, carson?
Reblogged this on An Tuairisceoir.
Bu mhath liosta a fħaighinn air son na Gàidhlig coltach ris an té Éireannach aig Ó Laoghaire.
Bu mhath! Tha liosta anns an Uicipeid Ghàidhlig:
http://gd.wikipedia.org/wiki/Ficsean-saidheans
Mar a bhite an dùil, tha an liosta mòran nas giorra na an liosta Èireannach. A rèir dè am mineachadh a chleachdar air ‘ficsean-saidheans’, bhiodh mòran sgeulachdan goirid ann an corpas na Gàidhlig air an cuirear ’science-fiction-esque’, ach chanainn gu bheil an liosta beag seo a’ riochdachadh na th’ ann de dh’fhicsean-saidheans ‘ceart’ anns a’ Ghàidhlig. Chan eil mòran ann. Gun cuir sinn ris!!!
Glè inntinneach Tim. Bidh e inntinneach choidh leughadh mu bheachdachadh dhaoine gu h-àiridh nuair a bhios e mud dheidhinn fhèin. ‘S Èireannach a th’ annam agus tha Gàidhlig Èireannach agam. Cha robh mi ann tràth anns an fhicheadamh linn, ach tha mi ann a-nis. A bheil duine sam bith ann an dràsta nach bheil suim aige ann an saidheans , fiù ’s nach eil ann ach suim san fhasan saidheansail?
Ach, aidichidh mi nach robh suim agamsa san fhicsean-saidheans , ged a chòrd am fiolm Blade Runner gu mòr liom. ‘S ann nach do thuig mi dè a bh’ ann! Bha mi ag smaoineachadh nach do bhuin ficsean-saidheans dha saoghal na Gàidhlig. Mòran dha na leabhraichean a rinn Ó Laoghaire luaidh dhaibh, th’ iad à clò. Chan eil faighinn orra. Leugh mi Pax Dei le Ó Brolacháin ach cha tàinig e a-steach orm gu b’ e ficsean-saidheans a bh’ ann. Ged a bheil alt Ó Laoghaire deich bliadhnaichean a dèit, chan eil a cho-mhath dha “Air Cuan..” an Gàidhlig Èireannaich. Mar a thuairt mi an àite eile, nochd an leabhar seo dhòmh gu robh mi ceàrr. Tha àite sa Ghàidhlig, an dà chuid, dha ficsean-saidhseans.
Seadh, shaoil mi nuair a bha mi ag fàs suas gu robh ìrean litreachais ann agus gu robh ficsean saidhseans aig bun an fhàraidh. Mo chreach ’s thàinig, ach nach eil mòrchuid dha na daoine a’ smaoineachadh an aon rud gun latha an-diugh? Ach thàinig an “cùram” orm a thaobh ficsean-saidheans. ‘S iomadh tarsannanan a tha sa fhàradh litreachais, chan eil fear nas cothromaiche seach fear.
A bheil deagh fhicsean-saidheans ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Èireann idir? Chan eil, tha mi ag smaoineachadh.
Carson? Sodal litreachais.
Ó mo chreach ’s thàinig! Nach mis a bha ceàrr? Thà mi duilich. Tha e foilleasach gu bheil grunn leabhraichean SF ann Gàidhlig Èireannaich ann an lath aan-diugh , eadar leabhraichean Thomás Mhic Siomóin agus Artemis Fowl le Eoin Colfer ( eadar-theangachahd) a thà ri faighinn ar an eadar-lìonair son sgilling. Abair bargan!
Glè mhath! Dè na tiotalan aig Tomás Mac Siomóin a tha ficsean-saidheans.