Bha adhbhar agam an tasglann dideatach ùr, DASG, a chleachdadh an seachdain seo, agus dìos-o, abair goireas. Rannsachadh a thoireadh mòran ùine roimhe, a’ rùsladh tro fhaclairean is tro leabhraichean eile, rinn mi ann an corra dhiog ann an DASG.
Seo na thachair: dh’èirich ceist a thaobh na h-abairt, neo-ar-thaing: an cleachdar i leis an fhoirm dhearbhach no àicheil dhen ghnìomhair (m.e.: neo-ar-thaing gun robh i brèagha NEO neo-ar-thaing nach robh i brèagha = gun robh i brèagha)? Ann am faclair Mark, tha grunn eisimpleirean ann dhen abairt ann an co-theacsa, ach chithear an sin gu bheil an dà structar air an cleachdadh. Ann an ACDD, chleachd mi fhìn ’neo-ar-thaing’ leis an fhoirm dhearbhach dhen ghnìomhair, ach seachdain sa chaidh, mhol caraid dhomh gu bheil am foirm àicheil dhen ghnìomhair nas traidiseanta, an t-àicheadh dùbailte mar gum b’ eadh. Cò tha ceart? Uil, choimhead mi gu luath ann an DASG agus is coltach gu bheil mo charaid ceart, gu bheil an t-àicheadh dùbailte nas traidiseanta. Nis feumaidh mi an teacsa atharrachadh anns an ath chlò-bhualadh de ACDD!
Saoilidh mi gun seas DASG mar dheagh charaid do Fhaclair Dwelly gu sònraichte. Tha Faclair Dwelly sgoinneil, ach an laigse as motha a th’ air, nach eil eisimpleirean gu leòr ann dhe na seann fhaclan ann an co-theacsa, ach le DASG, ’s urrainnear faclan bho Dwelly a sgrùdadh ann an iomadh suidheachadh agus dèanamh cinnteach gun cleachdar gu ceart iad. Is duilich leam nach robh an goireas seo agam nuair bha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus gu dearbh, tha mi an dùil gum bi mi a’ dol thuige tric is minic a-nis. Is geal a choisinn an sgioba cruinneachaidh/deasachaidh DASG aig Oilthigh Ghlaschu am moladh a fhuair iad. Aibheiseach math.
Càit as fheàrr air làrach DASG airson rannsachadh den leithid seo a dhèanamh?
Hey Steaphan! Thòisich mi an seo: http://www.dasg.ac.uk/corpus/ agus chuir mi am briathar-targaid agam a-seach. Dh’ionnsaich mi gum feum beàrn a bhith eadar gach eileamaid, m.e.: neo-ar-thaing = neo – ar – thaing.
Reblogged this on An Tuairisceoir.