Tha iad ann an clò!

Tha mi toilichte a ràdh gu bheil an nobhail ùr agam, An Luingeas Dorcha air Fàire, a-nis anns na bùithtean! Cuideachd, rinn CLÀR ath-chlò-bhualadh dhen chiad nobhail anns an t-sreath, Air Cuan Dubh Drilseach, agus tha sin ri faighinn a-nis a-rithist, às dèidh dhi a bhith bliadhnaichean a-mach à clò.

Gheibhear aig na làraichean air loidhne seo:

Comhairle nan Leabhraichean — ri teachd
Scottish Bookstore — ACDD, ALDAF
Waterstones — ACDD, ALDAF

Agus ma tha sibh ag iarraidh am moladh dhan bhùth-leabhair ionadail agaibh, tha CLÀR a’ cleachdadh Lomond Books mar sgaoileadair. Mòran taing!

Air a phostadh ann an naidheachd | Air a thagadh , , , | 2 beachd(an)

Cymera 2026

Bha fìor dheagh àm agam aig an fhèis Cymera ann an Dùn Èideann am bliadhna. Bha mi air an àrd-ùrlar còmhla ris an ùghdar à Glaschu, Robin C.M. Duncan, is sinne a’ bruidhinn ri Màiri Kidd mu sgrìobhadh ficsean-saidheans ann am mion-chànanan na h-Alba. Ceud mìle taing do Mhàiri, do mhuinntir na fèise, agus do Chomhairle nan Leabhraichean a chuir air chois e. Mar a chì sibh anns an dealbh, bha mi fhìn is Robin air ar dòigh!

Dealbh le Màiri fhèin.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

Aig a’ chlò-bhualadair

Tha i gu bhith deiseil, is tha i mòr: 615 duilleagan! Bidh i air na sgeilpichean ro dheireadh a’ mhìosa, tha sinn an dòchas. Is nach eil an còmhdach brèagha!! Mo thaing do Phineas X Jones a tharraing an dealbh. The e dìreach sgoinneil.

Air a phostadh ann an naidheachd | Air a thagadh , , , , | 1 bheachd

Cymera 2026

Ma bhios sibh ann an Dùn Èideann anns an Ògmhios, bidh mi aig an fhèis-leabhair Cymera a-rithist am bliadhna, air Dihaoine, an 5mh latha, far am bi mi a’ bruidhinn mun leabhar ùr agam, An Luingeas Dorcha air Fàire. Ma thèid a h-uile rud mar a tha dùil againn (corragan croiste), bidh an leabhar fhèin air ais bhon chlò-bhualadair ron latha sin agus ri cheannach aig a’ chuirm. Bidh mi air an àrd-ùrlar còmhla ris an ùghdar Scots Robin C.M. Duncan air panail fon tiotal: Wor(l)d Weaving. Cha do thachair mi a-riamh ri Robin, agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris. Tha e a’ dol a bhith inntinneach. Thigibh ann!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Air a thagadh , , , , | Sgrìobh beachd

Nad Aislingean — Lasair san Adhar

B’ ann fada air ais anns an Iuchar 2024 a thàinig mi fhìn agus na riochdairean-ciùil, Ill Equipped agus J-Rock, ri chèile air a’ cho-chomann agam, the Institute of Applied Piracy, anns na beanntan anns an Leth-eilean Oilimpeach faisg air Seattle a dh’obair air an òran seo. Bha Anna Roc air a guth a chlàradh mar-thà anns an Aodann Bhàn anns an Eilean Sgitheanach anns a’ gheamhradh roimhe, agus bha Ill Equipped agus J-Rock air turas rathaid bho Shan Fran Siosgo, a’ tadhal oirnn, agus ghabh sinn an cothrom. Tha e fhathast a’ còrdadh rium gu mòr, ach tha e doirbh a lorg air an eadar-lìon a-nis. Mar sin, chuir mi suas air YouTube e an-diugh:

Air a phostadh ann an ceòl | Air a thagadh , , | Sgrìobh beachd

Daor-chleachdadh

Dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air ‘exploitation’ anns an t-seagh shònraichte a’ ciallachadh a bhith a’ cleachdadh cuideigin no rudeigin ann an dòigh mhì-chothromach no neo-bheusach, mar a mhìnicheas an OED:

“The action or fact of taking advantage of something or someone in an unfair or unethical manner.”

Tha e coltach gu bheil a’ chiall àicheil dhen fhacal seo reusanta ùr agus gun deach a chleachdadh anns an t-seagh seo sa Bheurla a’ chiad uair anns na 1830an ann an iomradh air an sgrìobhadh aig an t-sòisealach thràth Saint-Simon.

’S e bun-bheachd ro chudromach a th’ ann, ach cha chreid mi gu bheil deagh fhacal Gàidhlig againn fhathast a tha ga riochdachadh gu ceart.

Tha ‘dúshaothrú’ aig na h-Èireannaich, ach chan eil fios agam an cleachdar ‘saothair’ ann an dòigh aisigeach ro thric air an taobh againne de Shruth na Maoile. Cuideachd, tha an ro-leasachan ’dú-‘ (dubh-) caran farsaing. Bu toil leam rudeigin nas mionaidich.

Mar sin, tha mi a’ dol a dh’fheuchainn ‘daor-chleachdadh’. Tha mi a’ faireachdainn, ann an co-theagsa, gum bi ciall a’ bhriathair seo reusanta trìd-shoilleir. Tha mi a’ moladh ‘daor-’ anns an t-seann seagh ‘unfree, servile, laborious’ (faicibh ‘doír’ ann an eDIL). Gheibhear an ro-leasaichean seo anns na faclan ‘daor-mhaighstir’ (oppressor), ’daor-ghille’ (slave), agus ‘daor-thaigh’ (prison).

Is toil leam e, ach dè ur beachdan-se?

Dealbh: Coalbrookdale by Night, Philip James de Loutherbourg, 1801

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Air a thagadh , , , | 2 beachd(an)

Cass Ezeji aig Leabharlann Irise Ghlaschu

Bidh mo charaid, Cass Ezeji, a’ cumail dà bhùth-obrach an ath mhìos aig Leabhrlann Irise Ghlaschu air a’ chuspair, Fèin-aithne nan Afro-Gàidheal, Cò Sinn? Anns an dàrna bùth-obrach, bidh cothrom aig freastalaichean iriseagan a dhèanamh. Tha coltas fior inninneach air an iomart seo, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhi. Tha na bùithtean-obrach seo fosgailte do dhaoine de dhath (BIPOC/BAME), agus gheibhear tiogaidean dhan dà thachartas an seo agus an seo.

Air a phostadh ann an naidheachd | Air a thagadh , , | Sgrìobh beachd

Tùr Innealta

Ciamar a chanar artificial intelligence anns a’ Ghàidhlig?

Nuair a thig teicneòlas ùr sam bith am bàrr, daonnan ’s e ceist a th’ ann—anns a h-uile cànan ach a’ Bheurla mar as tric—dè briathar ùr a chleachdar air an teicneòlas sin? An dèan sinn tar-litreachadh air an ainm Bheurla mar a rinnear le ‘fòn’, an cruthaich sin briathar ùr freumhaichte anns a’ Ghàidhlig mar a rinneadh le ‘eadar-lìon’, no an dèan sinn rudeigin eadar a dhà mar a rinneadh leis a’ bhriathar ‘teicneòlas’ fhèin?

Tha a’ cheist seo na cùram don chuid a sgrìobhas ficsean saidheans gun teagamh, ach cuideachd, ’s e tè a bheir buaidh air an dòigh anns am bruidhinn sinn mu theicneòlas anns na naidheachdan agus air an dòigh anns an tèid saidheans agus teicneòlas a theagasg anns na sgoiltean. Agus dh’fhaodadh i a bhith connspaideach cuideachd aig amannan, le diofar bheachdan aig diofar dhaoine air an fhreagairt a b’ fheàrr dhi.

A thaobh artificial intelligence, tha mi air ‘tuigse innealta’, ‘tuigse innleachdail’, ‘faisneis fuadain’, agus ‘inntinn fuadain’ fhaicinn, ged nach eil gin dhiubh stèidhichte fhathast, chanainn. ’S e an cleachdadh as cumanta air fad ann an sgrìobhadh Gàidhlig, ach cuideachd ann an labhairt, bhite an dùil, gun cleachdar an acronaim ‘AI’ air iasad bhon Bheurla, agus tha sin nàdarra gu leòr, ach dè ma tha sinn ag iarraidh an abairt shlàn a chleachdadh? Dè bhiodh ciallach anns a’ Ghàidhlig an uair sin?

Mar a chithear bhon thiotal, b’ fheàrr leamsa ‘tùr innealta’, agus bu toil leam mìneachadh carson.

A’ tòiseachadh le artificial, agus a-mach à ‘fuadain’, ‘brèige’ agus ‘innealta’ mar eadar-theangachaidhean, saoilidh mi gur e ‘innealta’ am briathar as iomchaidh anns a’ cho-theacsa seo. Tha blas rudeigin breitheach, àicheil air na faclan ‘fuadain’ is ‘brèige’, coltach ri fake sa Bheurla. Tha ‘innealta’ nas neodraich, chanainn, a’ riochdachadh rudeigin a chaidh a chruthachadh le innleachdan daonna seach gnìomhan nàdarra.

Tha an t-eadar-theangachadh air intelligence nas dorra gu cinnteach. Tha iomadh briathar Gàidhlig mun cuairt air a’ bhun-bheachd a tha ga riochdachadh an seo le intelligence sa Bheurla: ‘tuigse’, ‘gliocas’, ‘inntinn’, ‘tulchuis’, ‘ciall’, ‘aigne’, ‘mothachadh’ uile nam measg. Ach dhòmhsa dheth, co-dhiù, ’s e ‘tùr’ am briathar as fhaisge air intelligence anns an t-seagh ‘comas-smaoineachaidh’’, mar a thèid ciallachadh nuair a thathas a-mach air ‘AI’.

Chan e facal uamhasach cumanta a th’ ann an ‘tùr’ anns an t-seagh seo, ach chan eil e uile gu lèir à cleachdadh fhathast nas mò, gu h-àraidh anns an abairt ‘gun tùr’, agus tha am buadhair stèidhichte air, ‘tùrail’, reusanta bitheanta, cuideachd. Agus saoilidh mi gu bheil e nas fheàrr a bhith a’ tarraing air faclan nach eil ro chumanta nuair a nithear briathran no abairtean ùra mar seo gus “semantic overload” a sheachnadh, mar a theireadh Wilson McLeod ris, .i. a’ cur cus chiallan air àireimh bhig de bhriathran làitheil, rud a gheibhear nan cleachdte ‘tuigse’ an seo, tha mi a’ creidsinn.

Mar sin, bidh mi a’ cleachdadh ‘tùr innealta’ anns an ath nobhail agam. Tha mi air fàs cleachdte ris, agus tha e a’ còrdadh rium, ach sin mise. Saoil, dè ur beachd-se? Dè mholadh sibhse?

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Air a thagadh , , , | 5 beachd(an)

Coimheagar

Chan eil diù a’ choin agam do glainead na Gàidhlig. Bidh cànanan daonnan a’ gabhail iasad air faclan is abairtean bho chànanan eile. ’S e gnìomh cudromach, àbhaisteach a th’ ann ann am mion-fhàs cànain sam bith. ’S mar sin, nuair a thig e gu bruidhinn anns a’ Ghàidhlig mu rian de rudan a tha ag obair ri chèile, coltach ris a h-uile duine eile, cleachdaidh mi am facal-iasaid siostam, agus gur math a fhreagras e.

Ach an latha eile, thàinig mi tarsaing air facal ùr ann an Dwelly a’ riochdachadh an aon bhun-bheachd: comh-eagar, agus thaitinn e leam cho mòr, saoilidh mi gun tòisich mi a chleachdadh an àite siostam, aig amannan co-dhiù. Is toil leam comh-eagar air sàillibh ’s gu bheil ciall an fhacail cho follaiseach bho chiall an dà eileamaid dheth: rudan air an eagrachadh ri chèile, .i. siostam.

Chan e facal cumanta a th’ ann, gun teagamh. Cha do lorg mi aon iomradh air ann an DASG. Ach tha e reusanta cumanta ann an Gàidhlig na h-Èireann, a’ ciallachadh co-òrdanachadh an sin. An aon rud, ge-tà: nuair a chanas mi fhìn e, gu nàdarra, bidh mi a’ cur a’ bheuma air a’ chiad lide. Chan eil fhios agam a bheil sin traidiseanta gus nach eil, ach tha e a’ faireachdainn ceart, agus mar sin, nuair a chleachdas mi ann sgrìobhadh e, saoilidh mi gun litrich mi mar aon fhacal e: coimheagar.

Dè ur beachd?

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 1 bheachd

Lèirmheas: Dune 2

Choimhead mi Dune 2 a’ chiad uair air an sgàilean mhòr aig a’ Highland Cinema anns a’ Ghearasdan na bu tràithe am bliadhna, agus nuair a thàinig mi a-mach às an taigh-dheilbh, bha mi air chrith. Cha chreid mi gun tug film eile an aon bhuaidh orm on a chunnaic mi a’ chiad Star Wars anns an taigh-dheilbh is mi nam bhalach bheag air ais an 1977. Cheannaich mi an DVD, agus choimhead mi a-rithist e thar an deiridh-sheachdain corra thuras, agus ged nach robh an aon bhuaidh aige air an sgàilean bheag, bha e fhathast uabhasach math.

Tha fios gun robh mòran iomagaineach, agus ’s e faochadh a th’ ann gu bheil e cho math ’s a tha e. Bha an leabhar cianail cudromach dhomh nuair a bha mi òg, agus easbhaidhean an dàrna taobh, tha mi cuideachd measail air a’ film aig David Lynch. Bha a’ chiad film anns an t-sreath ùr seo glè mhath, ach bha fios gum biodh an dùbhlan a bu mhotha ri thighinn anns an dàrna fear. An soirbhicheadh le Denis Villeneuve far nach do shoirbhich le Lynch no Alejandro Jodorowsky roimhe?

Ann am meadhan nan seachdadan, nuair nach deach e le Jodorowsky, dh’fhalbh George Lucas, agus rinn e Star Wars, a bha, gu h-ìre mhòr, na thionndadh faoin ach spòrsail air an sgeulachd aig Frank Herbert, agus leis an fhìrinn innse, is dòcha gum b’ e deagh rud a bha sin. B’ e film às na 70an a bh’ ann an Star Wars gu a chùl. Cha chreid mi gum freagradh an Dune aig Villeneuve air an linn sin, ach tha e a’ faireachdainn buileach iomchaidh dhan linn againne, le a chnuasachadh air cumhachd agus air a’ chunnart an cois ceannardais mhesiasaich.

’S e film dorcha gun dòchas a th’ ann, agus ’s ann mar sin a lorg mi an nobhail nuair a bha mi òg. Tha an saoghal aig Dune uile gu lèir Machiavellianach. ’S e deachdairean geur-chùiseach a th’ ann an teaghlach Paul Atreides, dìreach rud beag nas sìobhalta na an teaghlach Harkonnen, ach iad nan deachdairean fhathast. Agus còmhla ris na Bene Gesserit, an Spacing Guild, an t-Iompaire fhèin: tha iad uile a’ cluich an aon gheama chumhachd, geama gun iochd. “This world is beyond cruelty,” mar a chanas Paul anns a’ film, agus tuigear gu bheil e a-mach air an t-saoghal aige air fad, chan ann a-mhàin air Dune fhèin.

Tha Dune 2 dìleas dhan lèirsinn dorcha a thug buaidh cho làidir orm nuair a bha mi nam bhalach, agus nach do bhris e mo chridhe a-rithist, ceathrad ’s a chòig bhliadhna air adhart, air latha dorcha, fliuch, ann am baile beag, glas, fada on bhaile mhòr, uaine, làn dòchais far an d’fhuair mi m’ àrach òg.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Air a thagadh , , , , , , | Sgrìobh beachd