Leabhar-èisteachd

Tha mi uabhasach toilichte innse gu bheil sinn ag obair an-dràsta air leabhar-èisteachd de ACDD a thig a-mach uaireigin tràth anns an t-samhradh seo tighinn. Chuir CLÀR ACDD air adhart ann am farpais a chùm Foillseachadh Alba, ann an co-bhonn ris an Royal National Institute of Blind People agus Skills Development Scotland, anns an rachadh còig leabhraichean a thaghadh gu clàradh mar leabhraichean-èisteachd, agus nach do bhuannaich ACDD tè dhe na duaisean sin. Aibheiseach math! Agus nas fheàrr buileach, dh’aontaich Màrtainn Mac an t-Saoir gun leughadh e an nobhail. Tha Màrtainn cho tàlantach, an dà chuid mar sgrìobhadair agus mar chleasaiche; tha e a’ dol a bhith craicte fhèin math. Tha Màrtainn air a’ mhòr-chuid a chlàradh a-nis, agus fhad ’s a bha e anns an stiùideo, bhruidhinn e fhèin agus John Storey ri Robert Kirkwood mun thionnsgnadh.

Cluinnear am podcast an seo:

insight_radio

Seo an liosta slàn dhe na leabhraichean a bhuannaich:

The Hairdresser of Harare le Tendai Huchu (Freight Books)

The Disappearance of Adele Bedeau le Graeme Macrae Burnet (Saraband)

The Girl on the Ferryboat le Aonghas Pàdraig Caimbeul (Luath Press)

Air Cuan Dubh Drilseach (CLÀR)

Mindblind le Lari Don (Floris Books)

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 Responses to Leabhar-èisteachd

  1. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Meal do naidheachd, a charaid. Is math an airidh!

  2. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

  3. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Dìreach airson fiosrachaidh choitchinn, tha mi faicinn gu bheil “Cogadh na Reann” – eadar-theangachadh gu Gaeilge de “War of the Worlds” le H.G. Wells – foillsichte a-nis:
    http://www.evertype.com/books/wotw-ga.html

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s