Dè tha seo?

Thòisich mi am blog seo nuair a bha a’ chiad nobhail agam, Air Cuan Dubh Drilseach, gu bhith a’ tighinn a-mach an clò, mar chothrom bruidhinn air cuspairean a nochd innte. Rè nam bliadhnaichean, agus fhad ’s a chuir mi barrachd leabhraichean an clò, leudaich rèis a’ bhlog, agus a-nis, bidh mi a-mach air iomadh cuspair a seo, bho fhicsean-saidheans gu poileasaidh-foghlaim.

My name is Tim Armstrong, and I am a writer and academic living on the Isle of Skye in Scotland. On this blog, I publish short posts about some of the subjects that feature in my fiction and non-fiction writing.

5 Responses to Dè tha seo?

  1. Thuirt Coinneach:

    ‘S e fìr dheagh naidheachd a tha sa leabhar sa a thaobh leasachadh is leudachadh air farsaingeachd litreachais na Gàidhlig. Eil ceann-latha nas mionaidiche agaibh son foillseachadh fhathast?

    • Thuirt lasairdhubh:

      A Choinnich chòir, Tha sin an dùil an leabhar a chur air bhog gu h-oifigeil aig an fhèis-litreachais, Aye Write, air an 18mh dhen Ghiblean ann an Glaschu. Tha sinn fhatast a’ cur a h-uile rud air dòigh ach cuiridh mi barrachd fiosrachaidh mun fhoillseachadh agus mun bhogadh air an làraich seo ann an ùine ghoirid.

  2. Thuirt Marconatrix:

    Gabhaibh mo leisgeul, is dòcha nach eil seo an t-àite ceart airson sin, ach co-dhiù …

    O chionn dà-fhichead bliadhna chaidh an nobhail shaidhfaidh dystopian _Y Dydd Olaf_ (An Latha Mu Dheireadh) a fhoillseachadh ´sa Chuimris, agus o chionn ghoirid chaidh an teacsa seo a chur ´sa eadar-lìon, an seo sios, far a bheil i ri faighinn an-asgaidh (ceanglaichean-lìn fo´n dealbh) :

    https://ytwll.com/2016/05/y-dydd-olaf-owain-owain/

    Tha mi ga h-eadar-theangachadh gus am Beurla (leth-dhèanta gus a seo, ged nach e ach ´draft´ a th´ann!) :

    https://dl.dropboxusercontent.com/u/65030277/dyddolafEng.txt

    Thoir ur beachdan dhomh, ma ´se ur toil e.

    Am bidheadh fiù airson tionndadh Gàidhlig a rinn? (Cha b´urrainn dhomh sin a dhèanamh!)

  3. Thuirt James Magruder:

    Latha math, a Mhaighstir Armstrong! Chuir mi crioch air “an cuan dubh drilseach” feasgar seo. ‘Se nobhail sàr mhath à th’ann, ’nam beachd. An uair a bha Sàl ag ràdh gu bheil e ag iarraidh cùmail sgeapan sheilleanan-meala, rinn mi faite-gaire gun teagamh. Bidh mi ag òrdugh an dàrna leabhar gun dàil. (Seriously, thanks. I learned to read English with Robert Heinlein’s books, the juveniles and, shortly thereafter, the ones my parents would have banned if they only knew…. Having a good, science fiction yarn in not-too-intimidating Gaelic has been so terrifically helpful to me. My ability to form my own sentences still lags in a most frustrating manner, but now I am reading without having to reach for the dictionary more than once or twice a page.)

    • Thuirt lasairdhubh:

      James chòir, Sgoinneil! Tha mi cho toiliche a chluinntinn gun do chòrd ACDD riut. Gu cearbach, chan eil an ath thè builleach deiseil fhathast, uil, faisg air deiseil a dh’inne na fìrinne. Tha corra chaibideil air tighinn a-mach anns an iris STEALL, ach tha mi fhathast ag obair oirre. Tha i a’ dol a bhith mòran nas fhaide, agus mar sin, tha e a’ toirt greis fhada a sgrìobhadh. Tha mi suas gu dreach de chaibideil 8, agus chan eil mi fiù ’s letheach slighe troimhpe. Ach tha mi an dòcha gum fiach e feitheamh!!! le meas, Tim

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply