Treasamh ràith de Dhìlleachdan Dubh anns an RA?

dilleachdan_dubhDon chuid nach do dh’fhiosraich e fhathast, is e Orphan Black am prògram ficsean-saidheans as fhèarr air TBh on a chaidh an dreach ùr de Battlestar Galactica a chraoladh. Tha an sgrìobhadh glic; tha Tatiana Maslany gun chosmhail a’ cluich seachd caractaran tur eadar-dhealaichte; tha Jordan Gavaris na mhiorbhail cuideachd mar an caractar, Felix; ach a dh’aindeoin gun deach Maslany ainmeachadh do Emmy am bliadhna, agus a dh’aindeoin cho soirbheachail ’s a tha am prògram, cha deach an treasamh ràith a chraoladh anns an Rìoghachd Aonaichte fhathast. Chraol BBC America an treasamh ràith ann an Ameirigea a Tuath eadar 18 an Giblean agus 20 an t-Ògmhios am bliadhna, ach chan eil naidheachd againn cuin a thig i a-mach anns an RA. Air làrach-lìn BBC3, tha iad ag ràdh gun do cheannaich iad na còraichean dhith, ach nach eil i air a’ chlàr-ama fhathast. Tha mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ phrògram. Tha a’ dèanamh fiughair mhòr ris an ath ràith, agus a’ feuchainn ri milltearan mun sgeulachd a sheachnadh a tha air feadh an eadar-lìn a-nis on a chaidh a chraoladh ann am pàirt eile dhen t-saoghail mar thà. Cha tuig mi carson nach do chraol BBC3 an treasamh ràith an seo aig an aon àm a thàinig i a-mach thall thar a’ chuain mhòir. Chan eil fios aig duine beò. Sàrachail! Ach anns an eadar-ama, mura chunnaic sibh iad, mholainn ràith I agus II gu mòr. Is fhiach iad gun teagamh.

PS. clone (ainmear/gnìomhair) bhon Ghreugais, κλών, a’ ciallachadh geug, agus a thàinig a-steach dhan Bheurla bhon ghnìomh tron a chinnear lusan ùra bho geugan luis-phàrant.

Mar sin, dè b’ fheàrr leibh: facal stèidhichte air fuaim na Greugais (via na Beurla), m.e., clòn (ainmear/gnìomhair), clònadh (ainmear gnìomhaireach), no faclan le tùs Gàidhealach, m.e., ionannaiche (ainmear) ionannaich (gnìomhair), ionannachadh (ainmear gnìomhaireach)? No rudeigin eile is dòcha? Chleachd mi fhìn clòn ann an sgrìobhadh, ach is dòcha gum biodh faca stèidhichte air a’ Ghàidhlig na bu grinne. Dè ur barail?

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein

grianliathTha iomadh ìre de sructar aig cànan. Aig a’ cheann shìos, tha feartan mar fhuaimneachadh agus pròsaid [prosody]; aig a’ mheadhan ìre tha feartan mar ghràmar agus briathrachas; agus aig a’ cheann shuas, tha na h-àrd-sructaran mar ghnàthasan-cainnte, sructaran conaltraidh agus dioscurs. Tha e cothromach a ràdh, an dà chuid ann an rannsachadh cànanachais agus ann an teagasg cànain, gu bheil mòran aire ga toirt dha na sructaran meadhanach, do ghràmar agus do bhriathrachas, agus nach eil an aon aire ga toirt dha na h-ìrean eile. Gu dearbh, am measg a’ phobaill, is cumanta gun tuigear cànan mar “faclan + gràmar”. (cf. Pawley 1986, 58–60) Agus air sàilleabh ’s gun gabh gràmar sgrùdadh mar rian sructarach, ’s e sin prìomh cuspair an raoin chànanachais, prìomh cuspair chànanachais ghlain co-dhiù.

Ach tha na h-ìrean eile de chànan a cheart cho cudromach ann an gnìomh, gu h-àraidh ma tha thu ag iarraidh cànan ionnsachadh chun na h-ìre gun tèid d’ aithneachadh mar labhraiche fhileanta. Tha daoine gu sònraichte mothachail do fhuaimneachadh agus do phròsaid, mar eisimpleir, agus ma tha deagh fhuaimneachadh Gàidhlig agad, agus tu ga bruidhinn le pròsaid thraidiseanta, ’s ann sa chumantas a thèid d’ aithneachadh mar labhraiche reusanta fileanta, fiù ’s mur h-eil mòran bhriathrachais agad no ma tha an gràmar agad fhathast rud beag cugallach. Agus mar a sheall Nancy Dorian (1982), is i a’ sgrùdadh ‘leth-labhraichean’ Gàidhlig, daoine a thogadh leis a’ Ghàidhlig ga bruidhinn mun cuairt orra, ach nach bruidhinn an cànan gu fileanta, ma tha thu eòlach air riaghailtean dioscurs traidiseanta, mar a bha na leth-labhraichean a sgrùd i, aithnichear mar bhall dhen choimhearsnachd chànain thu, fiù ’s gun cus comais labhairt.

’S ann anns na h-àrd-ìrean a nì mi fhìn mòran obrach nuair a bhios mi a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig, a’ sgrìobhadh anns an dàrna cànan agam. Rinn mi iomradh mar thà gun leugh mi faclairean tric, gan sgrùdadh is a’ lorg eisimpleirean de chleachdaidhean traidiseanta Gàidhlig – gnathasan-cainnte agus sructaran àrd-ìre eile – a bhios feumail dhomh nam sgrìobhadh. Tha mi gu sònraichte titheach air Faclair Colin Mark, agus leughaidh mi e, duilleag seach duilleag, a’ cumail nòtaichean anns an leabhar-là agam air na sructaran agus air na faclan ùra a chòrdas rium. Ach feumaidh mi aideachadh, air sàilleabh ’s gun deach m’ oideachadh mar shoiseochànanaiche seach mar chànanaiche ghlan, chan eil mi fhathast uabhasach cinnteach ciamar a thèid bruidhinn mu na sructaran aig an àrd-ìre seo. Chan eil mi eòlach air na bun-bheachdan agus air a’ bhriathrachas iomchaidh, agus mar sin, bha mi gu sònraichte buidheach nuair a dh’ionnsaich mi briathar ùr bho mo cho-obraiche, Nicola Carty, collocation, a shònraicheas diofar sructaran aig an ìre seo.

’S e co-ionadachadh a th’ anns an fhacal Ghàidhlig a mhol Roy Wentworth dhan bhrithear, collocation. ’S e co-ionadachadh a th’ ann an dà fhacal a thèid an cleachdadh ri chèile tric. Mar eisimpleir, ’s e dà cho-ionadachadh Beurla a th’ anns na h-abairtean, categorically deny agus deeply regret. Anns an dà abairt, tha na faclan categorically agus deeply a’ cur cuideam air na gnìomhairean deny agus regret. Tha an dà fhacal, categorically agus deeply a’ dèanamh an aon obrach, gu h-ìre mhòr, agus gu dearbh, a rèir gràmar na Beurla, faodaidh tu an suapadh – categorically regret; deeply deny. Thèid do thuigsinn; chan eil dad ceàrr leis an dà abairt gu gràmaireil, ach fhathast, mheasadh a’ mhòr-cuid de labhraichean Beurla nach eil na h-abairtean ùra seo buileach ‘ceart’ no gnathasach. Tha na co-ionadachaidhean categorically deny agus deeply regret nan gnàthasan-cainnte anns a’ Bheurla, agus gus a’ Bheurla a bhruidhinn no a sgrìobhadh ann an dòigh a mheasar ‘fileanta’, feumaidh tu co-ionadachaidhean dhen leithid ionnsachadh.

’S e bun-bheachd a th’ ann an co-ionadachadh a thèid a chleachdadh gu sònraichte ann an sgrùdadh corpais, ach air sàilleabh ’s gu bheil iad cho cudromach do luchd-ionnsachaidh cànain, thèid an sgrùdadh le rannsaichean a tha ag obair air buannachadh cànain cuideachd. Dh’ionnsaich mi am briathar air sàilleabh ’s gun tàinig mi thairis air post le Dr Carty air Facebook mu sgrùdadh ùr a sheall gu bheil luchd-ionnsachaidh a chleachdas an cànan ùr aca gu sòisealta taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg eòlach air barrachd cho-ionadachaidhean na a’ chuid nach chleachd. Tha mi fhìn mothachail nam obair mar òraidiche gu bheil mòran chalcan [calques] ùra bhon Bheurla air tighinn a-steach dhan Ghàidhlig air sàilleabh ’s nach eil labhraichean òga agus labhraichean ùra tric cho eòlach air co-ionadachaidhean traidiseanta, gu h-àraidh air gnìomhairean abairteach [phrasal verbs] anns a’ Ghàidhlig.

Canaidh sinn gnìomhairean abairteach ri gnìomhairean a dh’atharraicheas ciall a rèir nan roimhearan, nan ainmearan no nam faclan eile a thèid an cleachdadh taca riutha. Tha a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig làn dhiubh. Mar eisimpleir, anns a’ Bheurla, tha an gnìomhair againn, run, a tha a’ ciallachadh, gu sìmplidh, ’ruith’ leis fhèin, ach ma chuireas tu roimhearan eile ris, gheibh tu gnìomhairean eadar-dhealaichte. Tha run up a’ ciallachadh meudachadh rudeigin, mar, running up a big room-service bill in Vegas. No tha run through a’ ciallachadh sàth rudeigin tro rudeigin eile, mar, I ran a stake through the sparkly vampire’s heart.

Tha gnìomhairean abairteach a’ toirt dhuinn mòran dhen chumhachd agus dhen t-sùbailteachd a th’ againn nar cuid Gàidhlig no nar cuid Beurla. Tha iad thar luach ann an sgrìobhadh cruthachail, ma bhios e, an dà chuid, gnàthasach agus togarrach, ach dh’fhaodadh iad a bhith nan trioblaid do labhraichean ùra, oir, chan eil gnìomhair abairteach anns an dàrna cànan daonnan a’ ciallachadh an aon rud anns a’ chànan eile. Mar eisimpleir, tha take on anns a’ Bheurla a’ ciallachadh gabhail os làimh (am measg rudan eile), ach tha ’gabh air’ anns a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh pretend, beat no continue (am measg rudan eile). Sin aon adhbhar ’s gur toil leam fhìn Faclair Mark cho mòr: ’s gu bheil e uabhasach math a thaobh nan gnìomhairean abairteach agus a thaobh cho-ionadachaidhean eile, le trì duilleagan slàn a-mach air abairtean le ’gabh’ mar eisimpleir.

Mar ùghdar agus mar rannsaiche, tha a’ chuspair seo uabhasach inntinneach dhomh, ged nach d’fhuair mi oideachadh ceart innte. Bhiodh ùidh agam ann am barrachd bhun-bheachdan ceangailte ris a’ chùis. Ma tha sibh eòlach air briathran ceangailte ri abairteòlais [phraseology] no ri sgrùdadh àrd-sructaran eile ann an cànanan, bu mhath leam gu mòr ionnsachadh mun deidhinn. Ceud mìle taing!

Dorian, Nancy C. (1982) “Defining the speech community to include its working margins.” Ann an: Sociolinguistic Variation in Speech Communities, Suzanne Romaine (deas.), London: Edwand Arnold, 25–33.

Pawley, Andrew (1986) “On Speech Formulas and Linguistic Competence.” Kansas Working Papers in Linguistics 11, 47–87.

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Facal dealachaidh nan Bhulcanach

Chan eil mi nis nam Treckie mòr mar a b’ àbhaist dhomh a bhith, ach chunna mi an abairt seo ann an Dwelly’s (t.d. 871) agus dh’fheumainn a dhèanamh…

spog

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

An Lìon Neuranail

thync_neurosignalingAnns na nobhailean Cultair aig Iain M. Bank, tha muinntir a’ Chultair ceangailte ri chèile agus ris na longan-fànais ghlice aca tro eadar-aghaidh ann an riochd lìon neuranail innealta air fhighe nan eanchainn. ’S urrainn dha na caractaran aig Banks fiosrachadh a lorg air an eadar-lìon agus conaltradh ri chèile gu h-obann tron eadar-aghaidh seo nan claigeann, agus cuideachd, cleachdaidh iad an lìon neuranail gus an eanchainn fhèin agus an corp fhèin a riaghladh. Tha seasamh ceadachail aig sìobhaltas a’ Chultair a thaobh dhrugaichean agus staidean-inntinn atharraichte, agus leis an lìon neuranail aca, ’s urrainn do mhuinntir a’ Chultair diofar dhrugaichean a sgaoileadh tro an corp fhèin, ag atharrachadh ghnìomhan bitheòlach am bothaige fiosaigich no ghnìomhan inntinneil an eanchainn: gan socrachadh fhèin; gan giorrachadh fhèin; no gan cur fhèin air mhisg.

A-nis, tha saidheantairean aig Harvard air rudeigin coltach a dhèanamh ann an eanchainn luchagan. Dh’ann-steallaich iad lìon cuairt-dhealain ann an eanchainn nan luchagan agus chunnaic iad gun do dh’fhill an lìon a-steach do neuranan nan luchagan rè ùine, gun cron sam bith, is coltach, air na luchagan fhèin. An uair sin, tron chuairt-dhealain, b’ urrainn dha na saidheantairean mothachadh do shruth-dhealain ann an neuranan fa leth. Mar a thuirt prìomh rannsaiche an tionnsgnaidh, Charles M. Lieber, ann an agallamh ri Smithsonian, “we think we can really revolutionize our ability to interface with the brain”. Creididh na saidheantairean gun gabh lìon coltach ri seo cleachdadh anns a’ gheàrr-ùine gus sructar na h-eanchainn a mhapadh, agus cuideachd, anns an fhad-ùine, mar eadar-aghaidh eadar an eanchainn agus coimpiùtairean.

Is cinnteach gur e greis a bhios ann mus tig eadar-aghaidh dhen leithid dhan mhargaid phoblaich, ach tha companaidh mharsanta a-nis air eadar-aghaidh eanchainn diofraichte a chur air a’ mhargaid mar thà, agus cha leigear leas a chur anns an eanchainn gu fiosaigeach. Thèid a càradh air craiceann a’ chinn, os cionn na mala deis, agus ann an conaltradh le ap air fòn glic. ’S Thync as ainm dhi, agus gabhaidh i cleachdadh gus staid-inntinn atharrachadh, gad dhèanamh nas giorra no nas sochaire. Sin an agairt aca co-dhiù. ’S e brodadh sruthaidh dhìrich thar-chlaiginn (tDCS sa Bheurla) an teicneòlas air cùl an inneil. Rinneadh beagan rannsachaidh air an teicneòlas (cuid le proifeiseantaich agus cuid eile le daoine aig an taigh), agus tha fianais ann gu bheil buaidh aig tDCS air staid-inntinn ann an da-rìribh, gu h-àraidh air daoine a tha a’ fulang fo iomagain, ach chan eil an t-inneal fhèin aig Thync air mòran dearbhaidh fhaighinn. Sgrìobh na saidheantairean air a chùl pàipear an taic ris, ach cha deach am pàipear fhoillseachadh fhathast le iris sgoileireil, agus mar sin, cha deach lèirmheas neo-eisimeileach a dhèanamh air.

Caveat emptor mar sin, ach ma tha e ag obair, dè ur barail? An cleachdadh sibh e? Tha mi fhìn caran amharasach mu dhealan ga shruthadh tro m’ eanchainn, ach tha mi feòrachail.  Dè mun lìon neuranail? An leigeadh sibh le cuideigin sin a chur nur claigeann?

Via boingboing.com, laughingsquid.com, techcrunch.com agus The Guardian.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 9 beachd(an)

Ficsean-saidheans anns a’ Chuimris

un_manAnns a’ Boston Globe an-dè, dh’aithris Britt Patterson mun aiseiridh a thathas a’ faicinn ann am ficsean-saidheans anns a’ Chuimris an-dràsta. Thug Patterson iomradh sònraichte air an nobhail ùir fhicsean-saidheans, Un Man, le Joanna Davies, a choisinn leabhar na mìosa le Comhairle nan Leabhraichean Cuimris. Bhruidhinn Patterson ri Miriam Elis Jones, oileanach PhD a tha a’ sgrùdadh ficsean-saidheans anns a’ Chuimris agus a chumas blog, Gwyddonias, a-mach air ficsean-saidheans agus ga sgrìobhadh anns a’ Chuimris, agus airson co-theacsa Ameireaganach, bhruidhinn Patterson ri Grace Dillon, a dheasaich co-chruinneachadh de sgeulachdan ficsean-saidheans le ùghdaran tùsanach, Walking the Clouds. Chan eil gin dhe na sgeulachdan ann an Walking Clouds ann an cànan tùsanach ge tà. A rèir Dillon, cha deach ficsean-saidheans sam bith a sgrìobhadh ann an cànan tùsanach ann an Ameireaga, agus mhol Patterson gur e cionn taic sructarach as coireach. Is cinnteach gu bheil i ceart. An cànan Diné (Navajo) gu aon taobh, tha na cànanan tùsanach anns na Stàitean ann an suideachadh uabhasach bochd. Ach cò aige a tha fios? Ma dh’fhaoidte gur e a’ chiad cheum a th’ ann gum foillsichear cruinneachadh mar Walking the Clouds, agus gum brosnaich an cruinneachadh ùghdaran tùsanach gu feuchainn ficsean-saidheans anns na cànanan aca fhèin. Bhiodh e sgoinneil nan nochdadh ficsean-saidheans ann an cànanan tùsanach Ameireaganach anns an àm ri teachd, agus gu cinnteach, tha mi a’ dol a cheannach Walking the Clouds, agus feuch dè th’ aca. ’S e an teachdaireachd aig Patterson gu bheil ficsean-saidheans ann am mion-chànanan uabhasach cudromach – ‘imagining an indigenous future’ mar a th’ aca anns an sanasachd do Walking the Clouds – agus tha mi an dòchas gu bheil an t-alt aig Patterson na chomharra gu bheil ficsean-saidheans ann an iomadh cànan beag a’ fàs na bitheanta.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Luaithead-teicidh?

Bha mi a’ leughadh tro Dwelly an latha eile — dhiup, chan eil beatha agam — agus thachair mi ris an fhacal, teòthad, ga mhìneachadh le Dwelly mar degree of heat, agus thàinig e a-steach orm, duh … sin a’ Ghàidhlig air temperature. Feumas gu bheil mi tiugh, ach gu ruige sin, cha robh mi eòlach air facal air temperature anns a’ Ghàidhlig, ga thuigsinn mar sgèile °C no °F, agus ann an còmhradh Gàidhlig, chleachdainn am facal Beurla air iasad. Cha chreid mi gun cuala mi teòthad air aithris na tìde air Radio nan Gàidheal, chan eil cuimhne agam, ach saoilidh mi gum biodh e freagarrach.

Beagan ron sin, lorg mi am facal, searbhad ann an Dwelly, ga mhìneachadh mar degree of bitterness, sourness, harshness or severity, agus smaoinich mi, seagh, is dòcha gur e searbhad am facal Gàidhlig ceart air acidity (pH) anns a’ Ghàidhig. ’S e searbhag am facal a th’ aig Mark agus a th’ aig an t-Seotal air acid, agus mar sin, saoilidh mi gu bheil acidity no ‘degree of acidness’ ga riochdachadh gu math le searbhad.

A’ smaoineachadh anns an dòigh seo, tha iomadh facal anns a’ Ghàidhlig gan dèanamh leis an leasachan -ad — ann an co-fhreagairt air an leasachan -ness anns a’ Bheurla —  a dhèanadh deagh eadar-theangachadh air faclan saidheansail teicnigeach a tha a’ ciallachadh degree of rudeigin. Seo liosta goirid a lorg mi ann an Dwelly, le beachd air a’ bhriathar theicnigeach a fhreagradh orra:

dealraichead — degree of brightness — luminosity?
luaithead — degree of swiftness — velocity?
searbhad — degree of bitterness — acidity?
teòthad — degree of heat — temperature?
tomad — bulk, largeness (tomuilt) — mass?

Gu dearbh, chì mi gu bheil An Seotal a’ dol le tomad air mass. Agus tha mi cinnteach, le beagan smaoineachaidh gun b’ urrainnear iomadh briathar teicnigeach, saidheansail eile a chruthachadh, a’ cleachdadh an leasachain -ad anns an dòigh seo.

Nis, seo a’ cheist: chleachd mi luathas air velocity  ann an ACDD, agus mar sin, ’s e luathas-teichidh a chleachd mi air escape velocity agus a chleachd mi mar thiotal dhan chiad chaibideil, ach an robh mi ceàrr? Am bu chòir dhomh luaithead-teichidh a chleachdadh na àite? Dè ur beachd?

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

No Man’s Sky

Sgrìobh mi post o chionn greis mu dhubh-fhacail Fermi agus air a’ chuspair sin, mholainn a’ bhideo ùr spòrsail seo aig Kurz Gesagt:

Anns a’ phost a sgrìobh mi, shònraich mi aon fhuasgladh inntinneach dhan dubh-fhacail, agus ’s e sin gum fàsadh fìorachd ghu-bhith cho eagarra math, nach bu mhiann le coigrich adhartach na planaidean aca fhàgail idir. Mar fhianais a bharrachd an taic ris an argamaid sin, coimheadaibh aig a’ bhideo seo dhen gheama fhicsean-saidheans, No Man’s Sky:

Eu-choltach ri geamannan eile mar Eve Online no Star Citizen, chan eil leasaichean No Man’s Sky a’ cuimseachadh air fiorachas buileach, ach air an stoidhle ealain a chithear air seann leabhraichean ficsean-saidheans clasaigeach – caran os-fhìorach agus triopaidh – agus nach eil e àlainn. Ged nach e geamair a th’ annam, bu toil leam seòladh mun cuairt No Man’s Sky beagan, nuair a thig e a-mach air PC. A thuilleadh air na longan-fànais agus na planaidean craicte, tha dineosoran aca!

Cuideachd, eu-choltach ri mòran gheamannan eile, tha No Man’s Sky ga chruthachadh tron ghnìomh, agus mar sin, ann an teòiridh, tha saoghal a’ gheama gun chrìch, le billeanan is billeanan de phlanaidean a dh’fhaodadh tu lorg. Nis, can gun robh thu beò ann an siobhaltas coigreach adhartach, le saoghalan gu-bhith mar seo rim faighean, a cheart cho triopaidh ach fada na bu mhionaidich, agus gun crìch. Am fàgadh tu a’ phlanaid agad gus siubhail iomadh linn tron domhainn mhòir chunnartaich fhalaimh nuair a b’ urrainn dhut fuireach aig an taigh agus siubhail tro gheama ghu-bhith mar seo, gu sgiobalta luath agus gun chunnart?

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Factaraidhean gun obraichean (beò)

“It is necessary to replace human workers with robots…”
Di Suoling, head of Taiwan Business Association

O chionn greis, chuir mi post suas mun bhideo, Humans Need Not Apply, le CGP Grey, agus esan am beachd gun tig an latha an ceann tamaill bhig anns am bi robotan a’ gabhail thairis air an obair againn uile. Mar fhianais a bharrachd gu bheil linn nan robotan a’ tighinn gar h-ionnsaigh gun abhsadh, tha an China Daily air aithisg an-dè gu bheil a’ chiad fhactaraidh ‘obraiche-neoni’ ga leasachadh ann an Sìne an-dràsta fhèin. Agus ged a tha na Sìnich air toiseach càich, ma dh’fhaoidte, a thaobh leasachaidhean ann an robotachd, chan ann dìreach ann an Sìne a thèid robotan-obrach fhaicinn ann an dreuchdan iongantach ùra. Mar eisimpleir, chì sibh anns a’ bhideo gu h-ìosail robot a’ cur ghoirmean-searradh craicte luath aig Bob’s Market ann am Mason, West Virginia:

Dhomhsa dheth, chan eil fios agam mu rannsachadh soiseochànanach, ach a thaobh teagaisg chànain, tha mi cinnteach gum faic mi compiùtair a’ dèanamh na h-obrach teagaisg agam an ceann mu dheich bliadhna. Dè ur beachd? Dè cho luath ’s a bhios iad a’ cur robot nur n-àite aig ur n-obair-sa? Agus na theiribh dhomh nach dèan robot ur n-obair dhoirbh shònraichte — thig an latha agaibh cuideachd a bheibidh!

Via io9.com agus boingboing.net via digg.com.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 3 beachd(an)

Robotan Cogaidh

Bha mi aig dìnnear le caraid an latha eile, agus dh’iarr i orm, ann an da-rìribh, an do chreid mi gun tigeadh an latha nuair a dh’fhàsadh coimpiutairean fèin-mhothachail mar a chaidh a dhealbhadh anns an nobhail agam? Dh’fhreagair mi, gu dearbh, gun do chreid. Is dòcha gu bheil an t-àm ri teachd a dhealbhaich mi ann an ACDD a’ faireachdainn fada air falbh ann an corra seagh, agus aidichidh mi gur fada gus an tig an latha anns am bi siubhail nas luaithe na leus againn, ma thig e idir, ach a thaobh coimpiùtaireachd agus robatachd, abair gu bheil teicneòlas a’ ruith air toiseach oirnn na dheann. Mar aon eisimpleir gu sònraichte draghail dheth, chithear anns a’ bhideo gu h-àrd gu bheil na cogaidhean robatach air tòiseachadh mar thà, an ann riochd nan drònan, agus is coltach gu bheil robotan cogaidh a’ dol a dh’fhàs mòran nas adhartaich agus nas bitheanta gu h-eagalach luath. ’S e a’ cheist a th’ ann, nach do fhreagair iad anns a’ bhideo, a bheil dòchas idir againn gum b’ urrainn dhuinn casg a chur air leasachadh an teicneòlais seo? Ma tha e doirbh stad a chur air sgaoileadh an teicneòlais niùclasaich air feadh an t-saoghail, nach bi e iomadh uiread nas dorra stad a chur air leasachadh an teicneòlais a chum robotan cogaidh? An gabh e dèanamh idir, no an coinnich sinn ri robotan muirteach anns an àm ri teachd, ged a bhitheamaid deònach no diombach?

Bho Motherboard via Laughingsquid.

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 3 beachd(an)

Leabhar-èisteachd

Tha mi uabhasach toilichte innse gu bheil sinn ag obair an-dràsta air leabhar-èisteachd de ACDD a thig a-mach uaireigin tràth anns an t-samhradh seo tighinn. Chuir CLÀR ACDD air adhart ann am farpais a chùm Foillseachadh Alba, ann an co-bhonn ris an Royal National Institute of Blind People agus Skills Development Scotland, anns an rachadh còig leabhraichean a thaghadh gu clàradh mar leabhraichean-èisteachd, agus nach do bhuannaich ACDD tè dhe na duaisean sin. Aibheiseach math! Agus nas fheàrr buileach, dh’aontaich Màrtainn Mac an t-Saoir gun leughadh e an nobhail. Tha Màrtainn cho tàlantach, an dà chuid mar sgrìobhadair agus mar chleasaiche; tha e a’ dol a bhith craicte fhèin math. Tha Màrtainn air a’ mhòr-chuid a chlàradh a-nis, agus fhad ’s a bha e anns an stiùideo, bhruidhinn e fhèin agus John Storey ri Robert Kirkwood mun thionnsgnadh.

Cluinnear am podcast an seo:

insight_radio

Seo an liosta slàn dhe na leabhraichean a bhuannaich:

The Hairdresser of Harare le Tendai Huchu (Freight Books)

The Disappearance of Adele Bedeau le Graeme Macrae Burnet (Saraband)

The Girl on the Ferryboat le Aonghas Pàdraig Caimbeul (Luath Press)

Air Cuan Dubh Drilseach (CLÀR)

Mindblind le Lari Don (Floris Books)

Air a phostadh ann an naidheachd | 4 beachd(an)