Bha mi aig dìnnear le caraid an latha eile, agus dh’iarr i orm, ann an da-rìribh, an do chreid mi gun tigeadh an latha nuair a dh’fhàsadh coimpiutairean fèin-mhothachail mar a chaidh a dhealbhadh anns an nobhail agam? Dh’fhreagair mi, gu dearbh, gun do chreid. Is dòcha gu bheil an t-àm ri teachd a dhealbhaich mi ann an ACDD a’ faireachdainn fada air falbh ann an corra seagh, agus aidichidh mi gur fada gus an tig an latha anns am bi siubhail nas luaithe na leus againn, ma thig e idir, ach a thaobh coimpiùtaireachd agus robatachd, abair gu bheil teicneòlas a’ ruith air toiseach oirnn na dheann. Mar aon eisimpleir gu sònraichte draghail dheth, chithear anns a’ bhideo gu h-àrd gu bheil na cogaidhean robatach air tòiseachadh mar thà, an ann riochd nan drònan, agus is coltach gu bheil robotan cogaidh a’ dol a dh’fhàs mòran nas adhartaich agus nas bitheanta gu h-eagalach luath. ’S e a’ cheist a th’ ann, nach do fhreagair iad anns a’ bhideo, a bheil dòchas idir againn gum b’ urrainn dhuinn casg a chur air leasachadh an teicneòlais seo? Ma tha e doirbh stad a chur air sgaoileadh an teicneòlais niùclasaich air feadh an t-saoghail, nach bi e iomadh uiread nas dorra stad a chur air leasachadh an teicneòlais a chum robotan cogaidh? An gabh e dèanamh idir, no an coinnich sinn ri robotan muirteach anns an àm ri teachd, ged a bhitheamaid deònach no diombach?
Bho Motherboard via Laughingsquid.
Tha grunn sgeulachd saidhfaidh far a bheil na robatain mac-an-duine air cur ás gu léir, agus leothasan a-mhàin a tha an talamh.
Lus? Leus??
Leus! Doh!!! Sgìobhadh luath, smaoineachadh slaodach. Taing!
Gu dearbh, bha beagan dragha orm, ach bha mi a’ cumail sùla géire air a’ ghlasraich …
Bha am fiolm gu math inntinneach, co-dhiù.