“It is necessary to replace human workers with robots…”
Di Suoling, head of Taiwan Business Association
O chionn greis, chuir mi post suas mun bhideo, Humans Need Not Apply, le CGP Grey, agus esan am beachd gun tig an latha an ceann tamaill bhig anns am bi robotan a’ gabhail thairis air an obair againn uile. Mar fhianais a bharrachd gu bheil linn nan robotan a’ tighinn gar h-ionnsaigh gun abhsadh, tha an China Daily air aithisg an-dè gu bheil a’ chiad fhactaraidh ‘obraiche-neoni’ ga leasachadh ann an Sìne an-dràsta fhèin. Agus ged a tha na Sìnich air toiseach càich, ma dh’fhaoidte, a thaobh leasachaidhean ann an robotachd, chan ann dìreach ann an Sìne a thèid robotan-obrach fhaicinn ann an dreuchdan iongantach ùra. Mar eisimpleir, chì sibh anns a’ bhideo gu h-ìosail robot a’ cur ghoirmean-searradh craicte luath aig Bob’s Market ann am Mason, West Virginia:
Dhomhsa dheth, chan eil fios agam mu rannsachadh soiseochànanach, ach a thaobh teagaisg chànain, tha mi cinnteach gum faic mi compiùtair a’ dèanamh na h-obrach teagaisg agam an ceann mu dheich bliadhna. Dè ur beachd? Dè cho luath ’s a bhios iad a’ cur robot nur n-àite aig ur n-obair-sa? Agus na theiribh dhomh nach dèan robot ur n-obair dhoirbh shònraichte — thig an latha agaibh cuideachd a bheibidh!
Via io9.com agus boingboing.net via digg.com.
Có aig tha fhios? A thaobh do chuid obair fhéin, ged a bhios compiùtairean gu math cuideachail na gnìomhan gnàthach a chur seachad, am faca tu gu deimhinn robotan brosnachadh mar seo a thoirt gu luchd ionnsachaidh? (Chan i a’ Ghàidhlig ach a’ dh’aindeoin sin … seall air samplichean air feadh an leasain) :
Dìos-o, tha ise math! Tha mi a’ dol leat: tha rudeigin sònraichte mu oide cànain beò nach dèan coimpiùtair an-dràsta, ach fhathast, ann an deich bliadhna, cò aige a tha fios. Bha mi a’ feuchainn Duolingo Spàinis an latha eile (https://www.duolingo.com/) agus ged nach eil e foirfe, tha e iongantach cho adhartach sa tha e. Ann an deichead eile, leis cho luath sa tha coimpiùtaireachd a’ leasachadh, is dòcha nach eil m’ obair-sa cho sàbhailte sin. Chì sinn!
Reblogged this on An Tuairisceoir.