Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean
- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom
- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD
Roinnean-seòrsa
- ceòl (31)
- corpas ficsean-saidheans (16)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (87)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (126)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (5)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Category Archives: saibeirneatachd
The Ultra Violet Grasslands and the Black City
ʾS e The Ultra Violet Grasslands and the Black City geama cleasachd ficsean-saidheans le Luka Rejec suidhichte ann an saoghal meatailt saidhg-dàlach, agus thàinig an leth-bhreac agam sa phost corra latha air ais. Tha e dìreach barraichte… Am bliadhna, ri … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, punc, saibeirneatachd
1 bheachd
Eadar-theangachadh Os-theacsail
Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun do rinneadh eadar-theangachadh de Air Cuan Dubh Drilseach gu Gàidhlig na h-Èireann! Chan eil sinn buileach cinnteach fhathast cuin a bhios e a’ tighinn a-mach an clò, agus mar sin, cha chan … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd, saibeirneatachd
4 beachd(an)
Bith-spòltadh 2
Uao, seall seo! Tha na h-innealan sin gam thoirt air ais beagan bhliadhnachan. Seo gu h-àrd na gheibh tu leis an Genetic Engineering Home Lab Kit bhon chompanaidh bhith-spòltaidh, The ODIN. Air an $1,849.00 agad, gheibh tu inneal PCR, trì pipettean, bocsa electrophoresis, … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
1 bheachd
Robot reòiteige!
会社にいるアイスクリームロボット。100円でソフトクリーム🍦作ってくれる😋 An ice cream-serving robot pic.twitter.com/N4ldjYiS17 — とら(Steve) (@torachitech2) August 24, 2017
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
Bith-spòltadh
“We believe that bio-hacking is the next phase of human evolution.” Beagan mhìltean tuath air baile m’ àraich, mu letheach slighe eadar Seattle agus Canada, tha Mt Vernon, WA, baile beag far a bheil Amal Graafstra a’ fuireach agus e a’ … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, saibeirneatachd
2 beachd(an)
Azuma Kikari
Suidhichte àiteigin eadar iongantach agus tiamhaidh, tha Gatebox, seòrsa ‘bean-taighe mhas-fhìor’ agus neach-taice pearsanta ann an riochd caractar Anime hologràmach a tha air a chuimseachadh air fir òga Sheapanach nach eil pòsta. Is coltach gu bheil e a’ sìor fhàs nas cumanta gum … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
1 bheachd
Yanis Varoufakis: Star Trek no am Matrix?
A thuilleadh air drilseach.net, tha mi a’ cumail blog eile, The Socialist Entrepreneur, agus nuair a chunnaic mi a’ bhideo sgoinneil gu h-àrd, bha fios agam sa bhad gun robh mi ag iarraidh a cur suas air fear dhe na … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
4 beachd(an)
Uaireannan is mi a’ faireachdainn cho trèigte…
Is fìor thoil leam a’ bhideo ùr seo bho na Chemical Brothers dhan òran aca, Sometimes I Feel So Deserted. Fiolm goirid ficsean-saidheans a tha e, agus boireannach saibeirneatach a’ teicheadh tron fhàsach. Tha mòran dhen aesthetic de Mad Max: … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd
An Lìon Neuranail
Anns na nobhailean Cultair aig Iain M. Bank, tha muinntir a’ Chultair ceangailte ri chèile agus ris na longan-fànais ghlice aca tro eadar-aghaidh ann an riochd lìon neuranail innealta air fhighe nan eanchainn. ’S urrainn dha na caractaran aig Banks fiosrachadh a … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an saibeirneatachd
9 beachd(an)
No Man’s Sky
Sgrìobh mi post o chionn greis mu dhubh-fhacail Fermi agus air a’ chuspair sin, mholainn a’ bhideo ùr spòrsail seo aig Kurz Gesagt: Anns a’ phost a sgrìobh mi, shònraich mi aon fhuasgladh inntinneach dhan dubh-fhacail, agus ’s e sin gum fàsadh fìorachd ghu-bhith cho … Cum ort a leughadh
Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd
Sgrìobh beachd