Am measg nan leabhraichean ficsean-saidheans as fheàrr leam, tha Never Let Me Go le Kazuo Ishiguro. Tha Ishiguro ainmeil mar fhear dhe na h-ùghdairean litreachail as buadhaich ann am Breatainn, a choisinn an Duais Booker airson Remains of the Day, agus iomadh urram eile. Is geal a choisinn Ishiguro na h-urraman aige. Cha do thachair mi ri neach a leugh Never Let Me Go nach robh air an deargadh gu domhainn leatha. Tha an sgrìobhadh innte àlainn agus an sgeulachd neo-stràiceil, fìor agus drùidhteach truadh. Bha mi fhathast a’ meòrachadh air an leabhar mìosan as dèidh dhomh crìoch a chur air. Mholainn gu mòr e.
Chunna mi am fiolm dhen nobhail an toiseach, mus do leugh mi an nobhail fhèin; an rathad ceàrr is docha, ach cha chreid mi gun do rinn e diofair. Fhuair mi barrachd às an leabhar air sàilleabh ’s gum faca mi am fiolm an toiseach. Cha channadh tu sin mu dheidhinn mòran fiolmaichean stèidhichte air nobhailean soirbheachail, ach ’s e comharra air cho math ’s a tha am fiolm nach eil e a’ toirt air falbh bhon a gheibhear bhon nobhail, ach ga rìribh, a’ cur ris. Feumas gu bheil an deagh eadar-theangachadh a rinneadh bho nobhail gu fiolm na thoradh air comas an sgrìobhadair sgriobt, Alex Garland. Tha Garland na sgrìobhadair ficsean-saidheans e fhèin. Sgrìobh e an nobhail nuadh diostòpach, The Beach, agus na sgriobtan do 28 Days Later agus do Sunshine. Tha e soilleir gun robh Garland gu math dìleas agus faiceallach nuair a rinn e an tionndadh air Never Let Me Go gu sgriobt fiolm, agus a rèir coltais, tha an dìleas sin stèidhichte air càirdeas fada eadar an dithis ùghdair, mar a mhinich iad ann an agallamh a rinn iad goirid an dèidh dhan fiolm tighinn a-mach:
Is fhiach an t-agallamh air fad a choimhead. Tha an còmhradh eadar na h-ùghdaran smaoineachail agus tha e gu sònraichte inntinneach cluinntinn na thuirt iad mu fhicsean-saidheans anns a’ chiad còig mionaidean. Tuigear gun robh e rud beag doirbh do chuid aideachadh gur e ficsean-saidheans a th’ ann an Never Let Me Go. Anns an lèirmheas aice anns an New York Times, bha Sarah Kerr air a maslachadh gun sgrìobhadh ùghdair litreachail cho cliùiteach ri Ishiguro ann an genre cho ìorasal ri ficsean-saidheans:
The setup is so shocking — in such a potentially dime-store-novel way — that it’s hard to believe at first that it issued from Ishiguro’s desktop. Has one of our subtlest observers gone to pulp? […] Is he setting up house in a pop genre — the sci-fi thriller — in order to quietly upend its banal conventions, as he did with the manor-house elegy in ”The Remains of the Day” and the detective yarn in ”When We Were Orphans”?
Tha rudeigin truadh èibhinn mun tàmailt àrdanaich a ghabh Kerr an seo, cinnteach nach biodh an gaisgeach litreachail aice a’ sgrìobhadh gu dìreach agus gun chleas ann am ficsean-saidheans. Dh’fheumadh gun robh adhbhar eile aige, shaoil i, agus gu dearbh, aig a’ cheann thall, bha Kerr am beachd gun do ghabh Ishiguro ri cunnart sgrìobhadh ann am ficsean-saidheans airson maith na sgeulachd aige, gun do chleachd e an genre ìorasal air adhbharan ealtanta uasal, mar chothrom beachdachaidh air fèin-aithne agus air nàdar cuimhne. Ach an e rud ùr a tha seo, na beachd? Nach eil fèin-aithne agus cuimhne ri chèile nam prìomh chuspairean ann am mòran ficsean-saidheans? Is iongantach cho deiseil ’s a tha cuid beachdachadh air fiach ficsean-saidheans agus iad dearg aineòlach mu fhairsaingeachd an genre.
Ach chì sinn anns a’ bhideo gu h-àrd gun robh beachd fada nas subailte agus fosgailte aig Ishiguro fhèin na bh’ aig Kerr, gun robh e deònach aideachadh nach robh e cho fiosraichte ri Garland mu dheidhinn ficsean-saidheans agus gun robh an sgarradh eadar ficsean-saidheans air an dàrna làimh agus ficsean litreachail air an làimh eile faoin agus gun cus brìgh co-dhiù.







PS. Thàinig seo an-diugh sa phost! Ù hù! Chì sibh gu bheil i air a sanasachadh gun tèid i cho àrd ri 1700 troighe. Tha sin craicte. Cha chreid mi gum faigh thu air ais i ma thèid i cho àrd ri sin. Ma dh’fhaoidte gun ceannaich mi einseannan nas lugha cuideachd, dhan chiad seòladh no dhà, mus cuir mi dhan ghealaich i. An rud as fheàrr ma deidhinn, tha i uile gu lèir sean-sgoil. Cheannaich mi tèile a chionn greis, agus bha i anns an nòs ùr, làn plastaig, agus nach do bhris mi i ga cur ri chèile. Ach an tè seo, thèid na h-itean a ghearradh a-mach a piosan fiodha-balsa agus thig i sìos le stiall fhada dhearg seach le paraisiut — dìreach mar a’ chuid a thog mi nam àrach òg. Agus seallaibh: thig i le “pocket rocket card”! Ù hù!





