Drilseach!

bratach


Beagan mhìosan air ais, sgrìobh mi gun robh cothrom agam tachairt ris a’ chòmhlan, Drilseach, anns an stiùideo, agus iad a’ clàradh òrain ùir don chlàr-chruinneachaidh, New Wave of the Grave New Beat, a chaidh a chur air dòigh le Our Future Records. Uil, fhuair mi post-d bho Dhrilseach an-diugh fhèin, agus na chois, bha Mp3 dhen òran, uile deiseil agus a’ ròcadh gu cruaidh! Èistibh ris gu h-àrd, agus seo na faclan:

Luathas-teichidh

Cha ghabh e creidsinn, ach a h-uile col’as gu bheil sinn ann,
An rocaid a’ siubhail tron iarmailt ’s an ùine a’ fàs gann,
Cha bu lèir dhomh na bha romham, ach rug mi air co-dhiù,
Cunnairt agus cruadal, seall air na rinn thu!

Ò Shàil, na bi diombach, chan e mo choire-sa a th’ ann,
Cha do thagh mi a bhith far a bheil mi a-nis, lag ’s fann,
Gath-plasma tro mo bhroilleach, cleasan-teine ro mo shùil,
Dlùth-charaid dhomh a’ losgadh orm, gun rian is gun diù.

’S ge be càit am bi an t-slighe seo gam fhàgail, (luathas-teichidh)
’S ge be càit am faic mi thu a-rithist, (luathas-teichidh)
’S ann ortsa a bhios mi a’ bruadair am measg nan speuran.
Luathas-teichidh, cho luath ri mo chridhe.

Ghoid sinn rocaid, leth-chrogall air ar tòir,
Domhainn ann am fànas, an ruig sinn an stèisean beò?
Rìosa, leanaidh mi thu, gu crìch, ge be càit,
Ach dè bha thusa a’ smaoineachadh, gar cur ann an cunnart bàis?

Dìos-o, na bi gòrach, bidh a h-uile rud ceart gu leòr,
Seòlaidh sinn tro na rionnagan is togaidh sinn ùpraid mhòr,
Nì sinn beatha ùr, a-mach air planaid chèin,
Ach beatha ann am prìosan, le sin cha dèan mi rèit’!

CD

A rèir coltais, ’s e seo a’ chiad òran ann an opra-ròc a tha Drilseach a’ sgrìobhadh stèidhichte air an sgeulachd ann an ACDD, agus an duan gu h-àrd a-mach air na thachras anns a’ chiad chaibidil, Luathas-teichidh. ’S e ‘Opra-cruaidh Nuadh’ a tha iad a’ cur air an stoidhle aca. Cluinnidh tu Sàl agus Rìosa a’ bruidhinn air a’ chruaidh-chas anns a bheil iad, agus air an drochaid, cluinnidh tu beagan fhaclan às an leabhar fhèin: na freiceadain shìos air Roghail a’ gairm air an rocaid fhad ’s a tha i a’ blosgadh air falbh gun dùil. Thuirt Drilseach gun robh iad gu sònraichte taingeil do ChLÀR (agus mar sin Ùr-Sgeul) airson na taic a fhuair iad bhuapa leis na faclan.

Tha an t-òran dìreach sgoinneil nam bheachd, agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris na h-òrain eile. Thuirt Drilseach gum bi an t-òran, Luathas-teichidh, ri fhaighinn saor-san-asgaidh gu diditeach ann an greis bheag, neo air CD an ceann mìos no dhà. Cuiridh mi ceanglaichean suas an seo cho luath ’s a tha fios agam càit a gheibhear grèim orra.

’S urrainnear an CD a cheannach a-nis aig:

24/10/2014    Bandcamp

27/10/2014    BASE ann an Tokyo

CD2

Chaidh seo a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, punc. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Responses to Drilseach!

  1. Pingback: One Way Ticket to Cubesville | Air Cuan Dubh Drilseach

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply