The Dispossesed

The_DispossessedNuair a bha mi aig an Saltire Speakeasy ann an Dùn Èideann o chionn dà mhìos, chuir mo charaid, Beth, ceist orm mu Ursala Le Guin. Ceist mhath a bh’ ann, mu fhicsean-saidheans agus mu phoileataics anarcach, ach dh’fheumainn aideachadh aig an àm nach robh mi air Le Guin a leughadh fhathast. Mo nàire!

Mar sin, nuair a bha cothrom agam, cheannaich mi leth-bhreac de The Dispossessed le Le Guin agus leugh mi i. ’S e The Dispossessed an nobhail utòpach, anarcach as cudromaich ann am ficsean-saidheans is dòcha, is i  a-mach air càraid phlanaidean, tè na dachaigh do choileanaidh anarcach air an darna taobh (Anarres), agus tèile air a roinn eadar riaghaltasan calpach agus comannach air an taobh eile (Urras). San nobhail, tha sinn a’ leantainn aon anarcach, Shevek, a tha na fiosaigiche, agus e a’ siubhail bho Anarres gu Urras gus eòlas fiosaics (agus poileataics) a sgaoileadh eadar an dà phlanaid.

Tha an sgeulachd a’ leum air ais agus air adhart eadar Anarres agus Urras, agus aig a’ cheart àm, a’ leum air ais agus air adhart tro thìm.  Tha an aithris neo-dhìreach seo a’ toirt cothrom do Le Guin an comann ùtopach air Anarres a thaisbeanadh mean air mhean tron sgeulachd fhèin, gun a bhith a’ milleadh na h-aithris le cus mìneachadh. Tha cruth na sgeulachd fhèin inntinneach, oir, ann an seagh, chan eil cus a’ tachairt ann an ruith na nobhail. ’S e nobhail mheòrachail, fheallsanachdail a th’ ann, le glè bheag de dh’eachtradh innte agus mòran cnuasachaidh air poileataics, beatha agus nàdar mic-an-duine. Ach a dh’aindheoin sin, bha mi air mo bheò-ghlacadh. Tha an stoidhle aig Le Guin gu math lom, agus tha sin a’ cur gu mòr ris a’ mhìneachadh aice air a’ chomann anarcach air Anarres agus ris an dealbh aice air nàdar a’ phrìomh charactair, Shevek, a tha na dhuine de bheagan fhaclan, beò air oir na coimhearsnachd aige gu h-ìre.

Agus ged is e nobhail anarcach utòpach a th’ anns The Dispossessed gu cinnteach, chan e utòpas glan a th’ ann idir; tha trioblaidean aig comann Anarres, trioblaidean a tha ag adhbharachadh easaonta, agus sin tè dhe na cuspairean as inntinnich innte: dè thachras ann an comann anarcach an dèidh an aramaich? An dèidh dà cheud bliadhna agus iomadh ginealach, dè na h-atharraichean a thigeadh air comann anarcach agus dè na dùbhlanan a bhiodh romhpa?

Mheal mi The Dispossessed gu mòr. Nuair a thig e gu ficsean saidheans anarcach, cha chreid mi gu bheil beat air na nobhailean Culture aig Iain M. Banks, ach mholainn The Dispossessed  gu mòr, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris na nobhailean eile aig Le Guin a leughadh a dh’aithghearr.

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri The Dispossesed

  1. Thuirt Marconatrix:

    “Eadar-dhealaichte a tha solasan nan grian, ach chan eil ach aon dorchadas.”

    Gu dearbh, sin fear de na leabhraichean as spéiseil leam gu mór. ‘S còir leinn a bhith ‘ga leughadh a nise gu h-àraidh , nuair a tha sinn a’ smaoineachadh mu dhéidhinn sòisealtais ùr a chruthachadh anns an Albainn Shaoir a bhidh a’ tighinn oirnn gun teagamh.

    Fear eile le U. leG. gu math inntinneach, ‘se *Always Coming Home*. Sgrìobh goirid mochthrath leatha, *Semley’s Necklace*, as seud beag e, agus airson co-fhaireachdainn, fraochan is mac-meanmna, faic pìos beag eile *The Coming of Age in Karhide*.

    • Thuirt lasairdhubh:

      Taing airson nam molaidhean! Bha mi a’ coimhead air diofar leabhraichean aig le Guin Dihaoine, feuch dè leughainn aig an deireadh seachdain. Aig a’ cheann thall, cha do cheannaich mi fear, ach ceannaichidh mi a-nis. Feumaidh mi barrachd leatha a leughadh.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s