Cheannaich mi rocaid seachdain sa chaidh, tè bheag, seann-sgoil, dha ainm “Yankee” le Estes, mar na rocaidean beaga a chuir mi suas nuair a bha mi nam bhalach òg. Tha mi an dòchas a cur ri chèile agus a cur suas ann an Uibhist nuair a tha mi an sin an ath mhìos. Tha rocaideachd neo-dhreuchdail gu math spòrsail mar chur-seachad, agus tha mi an dòchas gun ath-bheothaich an rocaid seo an neard òg annam a-rithist.
Ged a bhios an Yankee agam cumhachdach agus a’ dol cho àrd ri mìle troighe leis an einsinn as motha, chan eil i faisg air na rocaidean a tha gan togail leis na saidheantairean rocaid neo-dhreuchdail saor-thoileach aig Copenhagen Suborbitals. ’S e buidheann neo-phrofaid a th’ annta agus tha iad ag obair gus cuideigin a chur suas gu fànas gun taic riaghaltais. Coimheadaibh air an deuchainn rocaid mu dheireadh aca. Làn-sgrios iomlan — uabhasach math!
Tha e brosnachail faicinn gu bheil cuid a’ feuchainn ri siubhail dha na speuran gun taic bho riaghaltas mòr, ach cuideachd, gun mhiann profaid aca nas motha. Gu ruige seo, tha fànas air a bhith glèidhte eadar riaghaltasan mòra agus na h-os-bheartaich. Ma shoirbhicheas le CS, bidh iad a’ fosgladh nan speuran do bhuidhnean neo-phrofaid, agus le sin, do dhaoine àbhaisteach. Tha iad glan chraicte, ach tha mi an dòchas gun tèid e leotha. Seo cruinneachadh de bharrachd dhe na deuchainnean aca:
PS. Thàinig seo an-diugh sa phost! Ù hù! Chì sibh gu bheil i air a sanasachadh gun tèid i cho àrd ri 1700 troighe. Tha sin craicte. Cha chreid mi gum faigh thu air ais i ma thèid i cho àrd ri sin. Ma dh’fhaoidte gun ceannaich mi einseannan nas lugha cuideachd, dhan chiad seòladh no dhà, mus cuir mi dhan ghealaich i. An rud as fheàrr ma deidhinn, tha i uile gu lèir sean-sgoil. Cheannaich mi tèile a chionn greis, agus bha i anns an nòs ùr, làn plastaig, agus nach do bhris mi i ga cur ri chèile. Ach an tè seo, thèid na h-itean a ghearradh a-mach a piosan fiodha-balsa agus thig i sìos le stiall fhada dhearg seach le paraisiut — dìreach mar a’ chuid a thog mi nam àrach òg. Agus seallaibh: thig i le “pocket rocket card”! Ù hù!