Ma tha sibh gu bhith ann an Dùn Èideann anns a’ chiad seachdain dhen Lùnasdal aig an Fhèis Eadar-Nàiseanta, bidh mi fhìn an sàs ann an tachartas air Iomall na Fèise a thèid a chur air dòigh le Comann Crann na h-Alba: The Saltire Speakeasy. Bidh an Speakeasy a’ tachairt thairis air ceithir oidhcheannan, le diofar dhaoine air a’ chlàr gach oidhche, agus bidh mi fhìn a’ nochdadh air oidhche Diardaoin, an 7mh latha dhen Lùnasal. Bidh Mark Wringe anns a’ chathair, agus bidh mi a’ leughadh bho ACDD, a’ bruidhinn (sa Bheurla) mun nobhail, agus cò aig a tha fios dè eile. Chì sinn. Bidh dà chuirm anns gach oidhche, tè aig 5f agus tèile aig 7f, ach tha an talla beag agus mar sin, mholainn, ma tha sibh ag iarraidh tighinn, gun ceannaich sibh tiocaidean ro làimh. Bidh an Speakeasy ann an seòmraichean a’ Chomainn, 9 Fountain Close, teann ris an t-Sràid Àrd, agus gheibh sibh tiocaidean bho làrach-lìn a’ Chomainn no bho làrach-lìn na Fèise cuideachd.
Air an aon oidhche bidh bàrdachd le Jenny Lindsay:
Agus ceòl le Adam Hunter agus Kara Swinney bho Conservatoire Rìoghail na h-Alba.
Bidh seo craicte! Caite a bheil Fountain Close? A bheil sin faisg air Steisean-reile Waverley? Am faigh thu a-staigh le deise-fanais ort?
A rèir coltais, tha Fountain Close dìreach shìos an t-Sràid Àrd leth chearnag bho North Bridge, còig mionaidean bho Waverley aig a’ char as fhaide. Agus cinnte, gheibh ochtachan a-staigh fiù ’s, ma tha e modhail!
Pingback: The Dispossesed | Air Cuan Dubh Drilseach