An Lìon A-Muigh

An dèidh na dh’ionnsaich sinn o chionn greis mu dheircneachadh riaghaltais air an eadar-lìon, tha mòran air beachdachadh air a’ cheist, dè thig an dèidh a’ chiad dreach dhen eadar-lìon? Dè bhios anns an eadar-lìon 2.0 mar gum b’ eadh? A bheil dòigh ann lìon nas tèarainte a thogail, ach cuideachd, lìon a bhios nas fhosgailte, lìon a bhios nas coltaich ris an t-seann lìon shaorsail a bha againn aig an toiseach, tràth anns na naochadan, no a bheil na làithean geala sin air falbh gu sìorraidh?

Tha iomadh ro-innleachd air am moladh gus eadar-lìon fosgailte tèarainte a thogail, ach tha an tè a tha ga moladh anns an iomairt Indiegogo gu h-àrd, Lantern, gu sònraichte inntinneach air sàilleabh ’s gu bheil i a’ tabhainn lìon a bhios, an dà chuid, gun urra agus uile-làthaireach. ’S e lìon aon-sligheach a th’ ann, anns an t-seagh gun urrainnear dàta a luchdachadh sìos gu coimpiùtair tro shiostam de shaideilean, Outernet, ach chan urrainnear dàta a luchdachadh suas air ais dhan lìon. Chan e siostam-conaltraidh a th’ ann an Lantern/Outernet, mar an t-eadar-lìon a th’ againn a-nis, ach siostam airson sgaoileadh fiosrachaidh a-mhàin.

Ged a tha e coltach gur e laigse a tha seo, bho shealladh eile, ’s e neart a th’ ann. Air sàilleabh gur e lìon aon-sligheach a th’ ann, tha an lìon uile gu lèir gun urra agus tèarainte; chan fhaic an riaghaltas dè tha sibh a’ coimhead air Outernet. Cuideachd, air sàilleabh ’s gu bheil an lìon stèidhichte air sreath de shaidealan seach uèirean fiosaigeach, chan urrainn do riaghaltas ann an aon dùthaich caisg a chur air susbaint Outernet, gu furasta co-dhiù. Agus leis a’ ghlacadair, Lantern, bidh e comasach lìon ùr saor a’ sgaoileadh air feadh na cruinne, do dh’àiteachan gun eadar-lìon fiosaigeach, no eadhan gun dealain. Tha Lantern a’ tighinn le pannalan-grèine beaga agus aon uair ’s gun leudaichear an siostam le barrachd shaidealan, thèid Lantern a chleachdadh àite sam bith san t-saoghal.

Seo lìon sìmplidh, tèarainte agus gun chrìochan — dè ur beachd? An e seo am fuasgladh, no pàirt dheth co-dhiù?

Via boingboing.net.

Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to An Lìon A-Muigh

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s