OK, a’ hype air fad gu aon taobh, feumaidh mi aideachadh gun robh e àibheiseach craicte am Millennium Falcon fhaicinn a-rithist, ceòl John Williams a’ cluich fhad ’s a thug i dubh ionnsaidh air dà TIE fighter. Dhìth hagh! Tha mi air bhioran a-nis, ach dìos-o, 13 mìosan ri feitheamh gus am faic sinn am fiolm fhèin; tha sin fada. Gu fortanach, thàinig trailer eile a-mach an t-seachdain-sa a’ sanasachadh fìor long-fhànais, agus cha leig sinn leas fuireach ach beagan làithean gus a faicinn. An ath sheachdain, bidh an long-fhànais ùr, Orion, a’ dol suas air a’ chiad seòladh aice, gun sgioba, air muin rocaid tomadach mòr, an Delta IV Heavy. Air cho titheach ’s a tha mi air a’ Falcon, tha deuchainn Orion nas tarraingich buileach. ’S e seo an long-fhànais, thathar an dòchas, anns an nithear misean daonna gu Màrs, agus air an Diardaoin seo, an 4mh dhen Dùbhlachd, aig 7.05 am Florida (12.05 pm Slèite; 4.05 am Seattle), togaidh Orion oirre air siubhail ceithir uair a thìde, le dà chuairt air an Talamh, agus i a’ dol cho àrd ri 3,600 mìle os cionn na Talmhainn mus tig i sìos a-rithist sa mhuir, goirid ri San Diego, California. Tha e cudromach gun tèid an deuchainn gu math. Is fhada bhon a rinn an cinne-daonna iomairt seachad air cuairt-thalmhainn ìosail: 42 bliadhna bhon a chaidh Apollo 17 air a’ mhisean mu dheireadh againn dhan Ghealaich. Leis cho cosgail agus connspaideach ’s a tha miseanan daonna dha na speuran, tha mòran a’ crochadh air soirbheas na deuchainn Diardaoin. Chithear an seòladh air fad ga chraoladh air NASA TV.
Iar-sgrìobhadh:
Mar ro-shealladh air na h-eachdraidhean a dh’fhaodadh a bhith ron chinne-dhaonna anns an rian-ghrèine againn, chruthaich Erik Wernquist fiolm goirid ficsean-saidheans, Wanderers, a’ taisbeanadh dhaoine a’ rannsachadh, a’ tàmh, agus is coltach, a’ cluich ann an iomadh àite air feadh nam planaidean as fhaisge oirnn. Tha an rian-grèine againn cho mòr agus làn phlanaidean; tha am fiolm aig Wernquist a’ cur nar cuimhne nach leig sinn leas seòladh gu rionnagan eile fada air falbh gus saoghalan ùra a rannsachadh. Tha mòran iongantasan rin rannsachadh air an starsnaich againn fhìn. Thoir buaidh Orion!
Via io9.com.