Plasma

ath-inntrigeadh2
An t-seachdain seo, tha Institiud na Fiosaigs, Buidheann na Fiosaigs Plasma an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ cumail na co-labhairt bliadhnail aca, agus shaoil mi, mar chomharra air an tachartas, gun gabhainn an cothrom sgrìobhadh rud beag mu dheidhinn fiosaigs plasma, oir, tha plasma na chuspair ann an ACDD — tha dagaichean plasma gan cleachdadh le Raithdead agus le Sadb — ach ged a tha plasma na stait stutha as cumanta ann an nàdar, chan eil fios aig mòran daoine gu bheil an ceathramh stait fhiosaigeach seo idir ann.

Is cinnteach nach eil daoine nas eòlaich air plasma mar stait stutha air sàilleabh ’s nach eil e cumanta idir air uachdar na Talmhainn. Shìos an seo, aig na teothadan a bhios gnàthasach air an Talamh, is àbhaist dhuinn tachairt ris na trì staitean stutha as aithne dhuinn uile: gas, lionn, agus cruad (no teann-stuth mar a th’ aig Stòrlann air). Ged nach eil na trì staitean seo rim faicinn anns gach stuth a chithear air an Talamh, tha iad rim faicinn anns a’ mhoileciuil as cudromaich do bheatha: H2O. Tha sinn uile eòlach air uisge, deigh agus smùid (H2O mar ghas a’ fionnarachadh air ais gu lionn san adhar).

Ach ma tha sinn ag iarraidh plasma fhaicinn, feumaidh sinn a lorg ann an suidheachaidhean nas mì-àbhaisteach, aig gas aig teothadan àrda no gas le sruth dealain a’ ruith troimhe, no an dà rud ri chèile. Da-rìribh, tha plasma na stait stutha as cumanta san domhainn mhòir mar an stait stutha a gheibhear ann an rionnagan mar eisimpleir, ach air an Talamh, chan fhaicear plasma ach ann an corra shuidheachadh àraid, mar eisipleir, ann an dealanach no ann an sanasan nìon.

Tha fiosaigs plasma gu sònraichte cudromach gu saidheantairean rocaid air sàilleabh ’s gum fulaing longan-fànais buaidh phlasma craicte teth ann an ath-inntrigeadh dhan àile. Nuair a bhuaileas rudeigin ris an àile agus e a’ dol aig astar, dreag no long-fhànais can, thèid a theothachadh le suathadh an àile gu teothadan cho teth ri uachdar rionnaig. Ruigeadh an spàl-fànais,  mar eisimpleir, teothad mu 1900 K (mu 1,600 C) aig ath-inntrigeadh, agus ruigeadh an capsail Apollo 11 teothad mu 3000 K (mu 2,700 C) aig ath-inntrigeadh. Agus ’s e sin ath-inntrigeadh fo smachd. Le ath-inntrigeadh peilearach (neo ballistic reentry), ath-inntrigeadh nas luaithe agus gun smachd, ath-inntrigeadh dreag mar eisimpleir, ruigte teothad fada na b’ àirde na sin.

Anns na teothadan seo, thèid na h-eileagtronan a shaoradh bho na h-atoman anns a’ ghas, a’ cruthachadh plasma a dh’fhaodadh a bhith cho teth ri uachdar na grèine. Gus tighinn tron inntrigeadh gu sàbhailte, feumaidh uachdar na luinge-fànais a bhith air a dhìon gus seasamh ri teothad a’ phlasma sin, rud nach eil idir soirbh. Gu dearbh, chainte gu bheil e a cheart cho doirbh, gu teicnigeach, long-fhànais fhaighinn air ais gu uachdar na Talmhainn gu sàbhailte ’s a bha e a cur suas ann an cuairt mun phlanaid anns a’ chiad dol-a-mach.

ath-inntrigeadh1

Bha mi a-riamh airson barrachd a chur suas air a’ bhlog seo a-mach air saidheans ACDD. Bha mi a’ feuchainn ri ACDD a’ sgrìobhadh ann an nòs ‘cruaidh’, anns an t-seagh gun robh mi a’ feuchainn ri laghan fiosaics agus bitheòlais a’ leantainn gu reusanta dlùth fhad ’s a bha mi a’ cur na sgeulachd ri chèile. Mar sin, rinn mi mòran rannsachaidh air an saidheans air cùl na sgeulachd, agus anns a’ bhlog, bu mhath leam an cothrom a ghabhail bruidhinn mu dheidhinn an t-saidheans seo ann am barrachd doimhneachd. Tha mi an dòchas gun robh seo inntinneach. Leig fios dhomh!

(lanntair plasma: Luc Viatour, CC 3.0; dealbh de Orion air ath-inntrigeadh, NASA)
Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Ficsean sreathach


Tha mi air a bhith a’ cnuasachadh air ficsean sreathach mòran o chionn greis, agus mar thurchairt, dh’fhoillsich Nerdwriter a’ bhideo gu h-àrd beagan làithean air ais a-mach air an dearbh chuspair. Is toil leam na th’ aige ri ràdh mun chothrom a bheir ficsean sreathach dhan sgrìobhadair sgeulachdan mòran nas motha a chruthachadh, le grunn mòr charactaran nan lùib agus iomadh fo-sgeulachd fighte nam broinn.’S e rud glè tharraingeach a tha sin dhomh. Sin an seòrsa sgeulachd fhicsean-saidheans is fheàrr leam leughadh agus bu toil leam gu mòr a leithid a sgrìobhadh mi fhìn. Tha e a’ toirt orm smaoineachadh…

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

¡Me siento muy orgulloso!

Tha mi ann am Madrid an dràsta, a’ mathachadh mo chuid Spàinnis, agus mhothaich mi gun deach ACDD a thaghadh le #SCOTLITFEST mar tè dhe na còig nobhailean as cudromaich anns a’ Ghàidhlig! Tha mi mi uabhasach moiteil, ach seo mise anns an Spàinn, gun duine mun cuairt dham b’ urrainn dhomh an naidheachd seo innse, duine a thuigeadh na tha seo a’ ciallachadh co-dhiù. Ach b’ urrainn dhomh innse dhuibhse!

Nis, a bhith cothromach, thathas air mìneachadh gun deach ACDD a thaghadh, gu h-ìre mhòir, mar chotharra air an deagh obair a rinn CLÀR ann an sanasachadh na nobhail, gu bheil ACDD ro ùr gus a cur am measg nobhailean clasaigeach na Gàidhlig, agus rachainn leis a’ mheasadh sin.

Rinn CLÀR sàr obair ann an cur na nobhail air adhart mu choinneimh a’ phobaill. B’ e dheagh eisimpleir a bh’ ann air mar a dh’fhoillsichear leabhar mion-chànain anns an linn ùir. Tha mi a’ dol a sgrìobhadh barrachd air a’ chuspair seo ann an greis bheag, ach gu h-aithghearr, creididh mi gum feum ùghdaran is foillsichearan Gàidhlig a bhith fada nas gnìomhaich a thaobh cruthachadh a’ phobaill-leughaidh aca na bhiodh a’ chuid a sgrìobhas agus a chuireas leabhraichean an clò anns a’ Bheurla. Mar gach nì a thaobh na Gàidhlig a-nis, is e iomairt a th’ ann am foillseachadh Gàidhlig sa linn ùir. Eu-choltach ri poball-leughaidh na Beurla, chan eil sluadh mòr de leughadairean Gàidhlig a-muigh an sin dìreach a’ feitheamh gus nobhailean a cheannach. Tha CLÀR a’ tuigsinn glè mhath gum feumar smaoineachadh mar iomairtiche ma thathar an dùil gun reicear nobhail Ghàidhlig sa latha a th’ ann. Tha iad fada is airidh air an aithneachadh.

Ach ged is ann do ChLÀR a tha an t-aithneachadh seo gu h-ìre mhòir, tha mi fhathast uabhasach moiteil às an nobhail agam. Ù hù! Abair deagh naidheachd is mi air aineoil!!!

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Sgeul Sci-Fi

  Tha sreth ùr ga chraoladh an dràsta air BBC Radio nan Gaidheal, Sgeul Sci-Fi, ga liubhairt le Michelle NicDhòmhnaill. Anns a’ chiad prògram, tha i a’ toirt sùil air tùs a’ ghnè, còmhla ris na gaisgich, Craig Atkins, Gavin Humphreys, Alasdair MacCallum agus Dòmhnall Dòmhnallach, agus ann am prògram ri teachd, nochdaidh mi fhìn! Abù SF!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Yanis Varoufakis: Star Trek no am Matrix?

A thuilleadh air drilseach.net, tha mi a’ cumail blog eile, The Socialist Entrepreneur, agus nuair a chunnaic mi a’ bhideo sgoinneil gu h-àrd, bha fios agam sa bhad gun robh mi ag iarraidh a cur suas air fear dhe na blogan agam, ach cha robh e idir cho soilleir dhomh cò am fear a b’ fheàrr dhi. Air an dàrna làimh, tha Varoufakis a-mach air a’ bhuaidh a bhios aig deamocrasaidh (no cionn deamocrasaidh) air leasachadh na singilteachd teicneòlach, cuspair faisg air a’ bhlog seo, ach air an làimh eile, tha Varoufakis a’ moladh seòrsa siostam de dheamocrasaidh eacanomach a tha gu math coltach ri sealbhachd-obraiche, cuspair aig teis meadhan The Socialist Entrepreneur. Ach aig deireadh na cùise, creididh mi gum buin a’ bhideo gu h-àrd dhan bhlog seo gu sònraichte, air sàilleabh ’s gun do chleachd Varoufakis iomraidhean air ficsean saidheans gus a’ phuing aige a shoilleireachadh mun bhuaidh a bhios aig automatachadh air ar comann anns an àm ri teachd, .i., am fosgail saoghal ùr iar-ghainneid dhuinn, coltach ri Star Trek, no saoghal uabhasach diostopach mar am Matrix, agus a rèir Varoufakis, tha an t-slighe romhainn uile a’ crochadh air a’ cheist, am b’ urrainn dhuinn deamocrasaidh a thoirt air ais dhan eaconomaidh? Òraid mhaighstireil a th’ ann. Saoilidh mi gur e bhideo eachdraidheil a tha seo, agus tha mi an dòchas gum faicear fad is farsaing i.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | 4 beachd(an)

Star Wars saibeir-punc

starwarssaibeirpuncChunnaic mi Star Wars: The Force Awakens ann an taigh-dealbh ann an Shibuya ann an Tokyo; abair àite saibeir-punc gus Star Wars fhaicinn! Dh’ath-bheothaich am film ùr a h-uile dealas a bh’ annam nuair a chunnaic mi a’ chiad film ann an 1977. Bha e sgoinneil. Air a’ cheann sin, tha CG+ air farpais a chumail far an cruthaichear saoghal Star Wars ann an stoidhle ùr, agus tha mi gu sònraichte titheach air a’ chothlamadh seo de Star Wars agus Blade Runner, an dà film ficsean-saidhean as fheàrr leam ri chèile. Tha fada a bharrachd phìosan math mar seo rim faicinn aig làrach-lìn na farpais.

Via Kotaku.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

Rocaidean so-ath-cleachdadh

Tha SpaceX air bhideo ùr fhoillseachadh dhen rocaid aca, am Falcon 9, mìos sa chaidh a’ tighinn air ais gu tìr gu dìreach agus deiseil gu cleachdadh a-rithist. Tha a’ bhideo fhèin rud beag cus, coltach ri bhideo Justin Bieber ann an àiteachan, ach a dh’aindeoin sin, tha e doirbh gun a bhith air do dhrùidheadh leis cho iongantach sa tha an teicneòlas seo. Is toil leam gu h-àraidh an dàrna sealladh dhen laighe, aig 2.35. Sin ficsean-saidheans! Nach eil e math a bhith beò agus a’ faicinn a lethid de dh’adhartas nar linn-ne.

via boingboing.

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

An Duine Ur le Rob Shirley

An dèidFrontispiece_to_Frankenstein_1831An Introduction to Gaelic Fiction le Morray Watson a leughadh, thàinig e a-steach orm gu bheil an t-uabhas de sheann sgeulachdan ficsean-saidheans againn anns a’ Ghàidhlig nach do leugh mi fhathast, agus mar sin, tha mi nis ag obair tron liosta aige agus a’ feuchainn ri a’ bheàrn sin nam eòlas a lìonadh. Tha mi an dèidh post a chur suas mu ‘An t-Eilean Céin’, agus an tràth seo, bheir mi iomradh aithghearr air sgeulachd le Rob Shirley a thàinig a-mach ann an Gairm 38 ann an 1961, ‘An Duine Ur’.

Tha ‘An Duine Ùr’, ann an seagh, na leudachadh air na tèarmannan ann am Frankenstein le Mary Shelley, agus i air a stèidheachadh ann an aonad ann an Alba anns an àm ri teachd far an dèanar glèidheadh agus ath-chuairteachadh bhall-bhodhaig dhaoine. An cois na h-obrach aca, ’s urrainn dha na lighichean cuirp ath-bheothachadh a-rithist, agus anns an sgeulachd, leanaidh sinn ceannard an aonaid tro aon latha àbhaisteach a thig gu ceann annasach dha.

Tha an sgeulachd glè ghoirid, agus mar sin, chan eil cus cothrom aig Shirley na tèarmannan aige a leasachadh ro fhada, ach tha an sgeulachd air innse gu math agus tha e soilleir gun robh Shirley ag amas air fìor sgeulachd fhicsean-saidheans a bhiodh a’ meòrachadh air beusan innleadaireachd bitheòlaich. Tha aon earrann innte an bha gu sònraichte aognaidh dhomh, nuair a thèid nighean ath-bheothachadh ann an corp grànda agus an aghaidh a toil, agus anns an fharsaingeachd, tha Shirley air faireachdainn an-fhoiseil a chruthachadh a ruitheas tron sgeulachd chun an deiridh gun-dùil.  Chuir Shirley car ‘spioradail’ ann an earball na sgeulachd, agus ged dh’iarradh tu barrachd ullachaidh dhan char seo ann an sgeulachd na b’ fhaide, taobh a-staigh crìochan na sgeulachd goiride, tha mi am beachd gu bheil e ag obair.

Mar mheòrachadh air innleadaireachd bhitheòlach tràth ann an eachdraidh rosg nuadh Ghàidhlig, b’ e sgeulachd adhartach eachdraidheal a bh’ ann, agus saoilidh mi nach do chaill i a’ bhuaidh anns na bliadhnaichean a chaidh seachd. Mar a chunnacas anns The International Summit on Gene Editing mìos sa chaidh, tha innleadaireachd bhitheòlach na cùis chonspaid fhathast, agus air an adhbhar sin, tha ‘An Duine Ur’ a cheart cho puingeil co-aimsireil an-diugh sa bha i nuair a chaidh a foillseachadh còrr is 50 bliadhna air ais.

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | 1 bheachd

Gàidhlig Earaboil

Thàinig mi air a’ bhideo seo air Facebook agus e na chlàradh de dhithis bhoireannach a’ bruidhinn Gàidhlig Earaboil. Tha e uabhasach inntinneach. Fhad ’s a bha mi ga èisteachd, chuir e iongnadh orm air cho faisg sa tha a’ Ghàidhlig acasan agus a’ Ghàidhlig anns a bhios an t-Ochtachan, Seòcair, a’ bruidhinn: Gàidhlig Shiorrachd Pheairt. Ged is e Gàidhlig Chataibh an Ear a th’ aig na boireannaich seo, fhathast, ’s e Gàidhlig tìr-mòr a th’ ann, agus cluinnear cuid dhe na feartan a th’ aig an dà dhual-chainnte ann an cumantas, mar aid an àite iad, no gum fàg iad fuaimreagan às aig deireadh an fhacail, mar na daoin’ an àite na daoine. Mar a tha an dàrna tè ag ràdh,  “We’re too lazy to finish it, you see.” Sgoinneil fhèin.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

KIC 8462852?

megastructure

Dà latha air ais, dh’fhoillsich The Atlantic alt a-mach air rannsachadh a rinneadh air rionnag shònraichte, KIC 8462852, agus am beachd aig cuid gur dòcha gun do lorgadh fianais gu bheil sìobhaltas coigreach air sructaran ana-mhòr a thogail mun cuairt orra. Mhothaicheadh anns na dàta bhon phrosbaig Kepler lùghdachadh caochlaideach anns an t-solas a thig bho KIC 8462852, an aon seòrsa lùghdachaidh a chleachdar mar fhianais gu bheil planaidean mun cuairt air rionnag, ach le KIC 8462852, fada nas motha na bhiodh dùil. Tha cuid a tha ag obair air na dàta seo air cur air adhart, is dòcha, gu bheil sructaran ana-mhòr coigreach ag adhbharachadh an lùghdachaidh a chithear, sructar mar chruinne Dyson no a leithid. ’S e alt beag baoth a th’ anns an fhear anns The Atlantic, agus tha e gu math doirbh a ràdh dè cho earbsach sa tha an fhianais aig an ìre seo, ach leughar deagh dheasbad air reddit.com uime an seo agus an seo. Cha chuirinn fhìn airgead air idir, ach tha mi an dòchas gu bheil e fìor. Nam b’ fhìor, dh’atharraicheadh an naidheachd a h-uile rud.

Dealbh CC 3.0 Utente:Hill

Air a phostadh ann an fànas | 1 bheachd