Thàinig mi air a’ bhideo seo air Facebook agus e na chlàradh de dhithis bhoireannach a’ bruidhinn Gàidhlig Earaboil. Tha e uabhasach inntinneach. Fhad ’s a bha mi ga èisteachd, chuir e iongnadh orm air cho faisg sa tha a’ Ghàidhlig acasan agus a’ Ghàidhlig anns a bhios an t-Ochtachan, Seòcair, a’ bruidhinn: Gàidhlig Shiorrachd Pheairt. Ged is e Gàidhlig Chataibh an Ear a th’ aig na boireannaich seo, fhathast, ’s e Gàidhlig tìr-mòr a th’ ann, agus cluinnear cuid dhe na feartan a th’ aig an dà dhual-chainnte ann an cumantas, mar aid an àite iad, no gum fàg iad fuaimreagan às aig deireadh an fhacail, mar na daoin’ an àite na daoine. Mar a tha an dàrna tè ag ràdh, “We’re too lazy to finish it, you see.” Sgoinneil fhèin.
Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean
- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom
- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD
Roinnean-seòrsa
- ceòl (31)
- corpas ficsean-saidheans (16)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (87)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (126)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (5)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
https://www.facebook.com/droitseach/videos/830017700379146/. Aig deireadh nan facal, gach dh, mh, bh msaa air atharrachadh gu ‘ù’? Cosail ri Gàidhlig Ultach?
Pingback: Gàidhlig Earaboil | An Tuairisceoir