An dèidh An Introduction to Gaelic Fiction le Morray Watson a leughadh, thàinig e a-steach orm gu bheil an t-uabhas de sheann sgeulachdan ficsean-saidheans againn anns a’ Ghàidhlig nach do leugh mi fhathast, agus mar sin, tha mi nis ag obair tron liosta aige agus a’ feuchainn ri a’ bheàrn sin nam eòlas a lìonadh. Tha mi an dèidh post a chur suas mu ‘An t-Eilean Céin’, agus an tràth seo, bheir mi iomradh aithghearr air sgeulachd le Rob Shirley a thàinig a-mach ann an Gairm 38 ann an 1961, ‘An Duine Ur’.
Tha ‘An Duine Ùr’, ann an seagh, na leudachadh air na tèarmannan ann am Frankenstein le Mary Shelley, agus i air a stèidheachadh ann an aonad ann an Alba anns an àm ri teachd far an dèanar glèidheadh agus ath-chuairteachadh bhall-bhodhaig dhaoine. An cois na h-obrach aca, ’s urrainn dha na lighichean cuirp ath-bheothachadh a-rithist, agus anns an sgeulachd, leanaidh sinn ceannard an aonaid tro aon latha àbhaisteach a thig gu ceann annasach dha.
Tha an sgeulachd glè ghoirid, agus mar sin, chan eil cus cothrom aig Shirley na tèarmannan aige a leasachadh ro fhada, ach tha an sgeulachd air innse gu math agus tha e soilleir gun robh Shirley ag amas air fìor sgeulachd fhicsean-saidheans a bhiodh a’ meòrachadh air beusan innleadaireachd bitheòlaich. Tha aon earrann innte an bha gu sònraichte aognaidh dhomh, nuair a thèid nighean ath-bheothachadh ann an corp grànda agus an aghaidh a toil, agus anns an fharsaingeachd, tha Shirley air faireachdainn an-fhoiseil a chruthachadh a ruitheas tron sgeulachd chun an deiridh gun-dùil. Chuir Shirley car ‘spioradail’ ann an earball na sgeulachd, agus ged dh’iarradh tu barrachd ullachaidh dhan char seo ann an sgeulachd na b’ fhaide, taobh a-staigh crìochan na sgeulachd goiride, tha mi am beachd gu bheil e ag obair.
Mar mheòrachadh air innleadaireachd bhitheòlach tràth ann an eachdraidh rosg nuadh Ghàidhlig, b’ e sgeulachd adhartach eachdraidheal a bh’ ann, agus saoilidh mi nach do chaill i a’ bhuaidh anns na bliadhnaichean a chaidh seachd. Mar a chunnacas anns The International Summit on Gene Editing mìos sa chaidh, tha innleadaireachd bhitheòlach na cùis chonspaid fhathast, agus air an adhbhar sin, tha ‘An Duine Ur’ a cheart cho puingeil co-aimsireil an-diugh sa bha i nuair a chaidh a foillseachadh còrr is 50 bliadhna air ais.
Pingback: An Duine Ur le Rob Shirley | An Tuairisceoir