A thuilleadh air drilseach.net, tha mi a’ cumail blog eile, The Socialist Entrepreneur, agus nuair a chunnaic mi a’ bhideo sgoinneil gu h-àrd, bha fios agam sa bhad gun robh mi ag iarraidh a cur suas air fear dhe na blogan agam, ach cha robh e idir cho soilleir dhomh cò am fear a b’ fheàrr dhi. Air an dàrna làimh, tha Varoufakis a-mach air a’ bhuaidh a bhios aig deamocrasaidh (no cionn deamocrasaidh) air leasachadh na singilteachd teicneòlach, cuspair faisg air a’ bhlog seo, ach air an làimh eile, tha Varoufakis a’ moladh seòrsa siostam de dheamocrasaidh eacanomach a tha gu math coltach ri sealbhachd-obraiche, cuspair aig teis meadhan The Socialist Entrepreneur. Ach aig deireadh na cùise, creididh mi gum buin a’ bhideo gu h-àrd dhan bhlog seo gu sònraichte, air sàilleabh ’s gun do chleachd Varoufakis iomraidhean air ficsean saidheans gus a’ phuing aige a shoilleireachadh mun bhuaidh a bhios aig automatachadh air ar comann anns an àm ri teachd, .i., am fosgail saoghal ùr iar-ghainneid dhuinn, coltach ri Star Trek, no saoghal uabhasach diostopach mar am Matrix, agus a rèir Varoufakis, tha an t-slighe romhainn uile a’ crochadh air a’ cheist, am b’ urrainn dhuinn deamocrasaidh a thoirt air ais dhan eaconomaidh? Òraid mhaighstireil a th’ ann. Saoilidh mi gur e bhideo eachdraidheil a tha seo, agus tha mi an dòchas gum faicear fad is farsaing i.
Reblogged this on An Tuairisceoir and commented:
← Star Wars saibeir-punc
Yanis Varoufakis: Star Trek nó an Matrix
Posted ón Feabhra 17, 2016 by lasairdhubh
Mar aon le drilseach. net, tá mé ag coinneáil blag eile, The Socialist Entrepreneur, agus nuair a chonaic mé an físeán iontach go hard, bhí fios agam láithreach go raibh mé ag iarraidh a chur suas ar ceann de na blogan agam, ach ní raibh sé ar chor ar bith chomh soiléir dom cé an fear a b’fhearr di. Ar an dara lámh, tá Varoufakis amach ar an éifeacht a bhíonn ag daonlathas (nó cionn daonlathas) ar fhorbairt na singilteacht teicniúla, ábhar i ngar don bhlag seo, ach ar an lámh eile, tá Varoufakis ag moladh sórt córas de dhaonlathas eacanomach atá go maith cosúil le sealbhachd-obraiche, ábhar ag ceartlár The Socialist Entrepreneur. Ach ag deireadh na cúise, creidfidh mé go mbainfidh an físeán go hard don bhlag seo go háirithe, de bharr is gur úsáid Varoufakis cuntas air ficsean eolaíochta chun an nóta aige a léiriú faoin éifeacht a bhíonn ag automatachadh ar ár gcumann san am le teacht,. í., an n-osclóidh saol nua iar-ghainneid dúinn, cosúil le Star Trek, nó saol uafásach diostopach mar a Matrix, agus de réir Varoufakis, tá an bealach romhainn uile ag crochadh ar an cheist, arbh fhéidir dúinn daonlathas a thabhairt ar ais don gheilleagar? Óráid mhaighstireil atá ann. Sílfidh mé gurb é fís stairiúil atá seo, agus tá mé ag súil go bhfeicfear fad is fairsinge í.
Oh man, tha mi cho toillichte gun d’fhuair mi lorg air a’ bhlog agad, a charaid! Chan eil mi air a bhith really an làthair ann an saoghal na Gàidhlig on a fhàg mi Alba, ’s cha robh fhios ’am fiu ’s gun do sgrìobh thu leabhar. Tha e agam air ordugh a-nis bho Chomhairle nan Leabhraichean — tha fadachd orm a leughadh!
Tha mi air a bhith am fodha ann an sci-fi o chionn goirid, leabhraichean, fiolmaichean, agus programan TV — a’ leughadh na classics a chaill mi nuair a bha mi òg, bho Herbert is Heinlein go Asimov go Mary Doria Russell is Octavia Butler. Bha ùidh mhòr agam fad mo bheatha anns na programan TV, gu h-araid na Star Treks, is tha e a’ cordadh rium gu mòr coimhead orra a-rithist le barrachd context, litreachail is poileataigeach (chan fhaighear cuidhteas de phoileataics an-dràsta sna Stàitean — an ann a seo a tha thu na làithean sa?)
Theid mi tron archives agad (gu slaodach slaodach — chan eil mo chuid Gàidhlig mar a bha!) san t-seachdain seo — ach dha-rireabh, tha mi cho toilichte gun d’fhuair mi lorg ort a seo! Seo direach na tha mi air a bhith a sireadh — beachdan geura air cuspair a tha dluth dhomh. Tapadh leat!
-Magaidh à Boston (’s fhada bhon uairsin! 🙂
Magaidh a charaid,
Is fhada on uair sin gun teagamh! Tha mi toilichte gun do lorg thu seo cuideachd. Tha e a’ faireachdainn mar linn a-nis on a sgrìobh mi an nobhail, ach o chionn goirid, thog mi an sgeulachd a-rithist agus tha mi an dùil gun nochd nobhail eile anns an t-sreath ann an cruth air choireigin. Chì sinn. Chan eil mi air a bhith cho gnìomhach a sgrìobhadh air a’ bhog seo o chionn greis. Tha mi dìreach a’ dol fodha le obair teagaisg an-dràsta. Ach tha mi fhathast a’ cur rudeigin suas gach trì no ceithir seachdain. Tha mi an dòchas gun còrd e riut!
Tim
Pingback: Diostopach vs eutopach | Air Cuan Dubh Drilseach