¡Me siento muy orgulloso!

Tha mi ann am Madrid an dràsta, a’ mathachadh mo chuid Spàinnis, agus mhothaich mi gun deach ACDD a thaghadh le #SCOTLITFEST mar tè dhe na còig nobhailean as cudromaich anns a’ Ghàidhlig! Tha mi mi uabhasach moiteil, ach seo mise anns an Spàinn, gun duine mun cuairt dham b’ urrainn dhomh an naidheachd seo innse, duine a thuigeadh na tha seo a’ ciallachadh co-dhiù. Ach b’ urrainn dhomh innse dhuibhse!

Nis, a bhith cothromach, thathas air mìneachadh gun deach ACDD a thaghadh, gu h-ìre mhòir, mar chotharra air an deagh obair a rinn CLÀR ann an sanasachadh na nobhail, gu bheil ACDD ro ùr gus a cur am measg nobhailean clasaigeach na Gàidhlig, agus rachainn leis a’ mheasadh sin.

Rinn CLÀR sàr obair ann an cur na nobhail air adhart mu choinneimh a’ phobaill. B’ e dheagh eisimpleir a bh’ ann air mar a dh’fhoillsichear leabhar mion-chànain anns an linn ùir. Tha mi a’ dol a sgrìobhadh barrachd air a’ chuspair seo ann an greis bheag, ach gu h-aithghearr, creididh mi gum feum ùghdaran is foillsichearan Gàidhlig a bhith fada nas gnìomhaich a thaobh cruthachadh a’ phobaill-leughaidh aca na bhiodh a’ chuid a sgrìobhas agus a chuireas leabhraichean an clò anns a’ Bheurla. Mar gach nì a thaobh na Gàidhlig a-nis, is e iomairt a th’ ann am foillseachadh Gàidhlig sa linn ùir. Eu-choltach ri poball-leughaidh na Beurla, chan eil sluadh mòr de leughadairean Gàidhlig a-muigh an sin dìreach a’ feitheamh gus nobhailean a cheannach. Tha CLÀR a’ tuigsinn glè mhath gum feumar smaoineachadh mar iomairtiche ma thathar an dùil gun reicear nobhail Ghàidhlig sa latha a th’ ann. Tha iad fada is airidh air an aithneachadh.

Ach ged is ann do ChLÀR a tha an t-aithneachadh seo gu h-ìre mhòir, tha mi fhathast uabhasach moiteil às an nobhail agam. Ù hù! Abair deagh naidheachd is mi air aineoil!!!

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to ¡Me siento muy orgulloso!

  1. Thuirt CLÀR:

    Dat uas math dha-rìreabh. ‘S math rinn thu, mar ùghdar, a bhith air an liosta seo!

    Tha thu ceart: chan eil e furasta leabhar Gàidhlig a thoirt gu fìor aire an t-sluaigh: feumaidh beagan obrach a bhith ann, mar a tha làn fhios agad fhèin mar ùghdar! Sa chiad dol a-mach, feumaidh fìor dheagh cho-obrachadh a bhith ann eadar foillsichear agus ùghdar. ‘S e gnothach a th’ ann am “margaidheachd” (ma dh’fhaodas sinn am facal grot sin a chleachdadh). Chan e a-mhàin gu feum an t-ùghdar agus am foillsichear a bhith ag obair air an oidhche, air an deireadh-sheachdain, aig coig uairean sa mhadainn – uairean gun chiall: agus a bhith ag obair aig 110%, feumaidh iad a bhith ag obair aig 11000%. Aig ìre nàiseanta an Alba, tha e gu math doirbh, is a’ mhòr-chuid fhathast caran coma mu dheidhinn Gàidhlig. Aig ìre ionadail, chan eil na cothroman cho pàilt nas motha. Air an eadar-lìon, faodaidh rudan a dhol air chall gu math furasta: tha cunnart ann gun e uachdar gu math tana th’ anns a h-uile teachdaireachd eiligtrionigeach, mar eisimpleir. Dh’fhaodadh sinn leabhar a sgrìobhadh mu dheidhinn a h-uile rud! Gnìomh agus iomairt, le susbaint agus tuigse: sin cnag na cùise. ‘S math a rinn thu.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s