An t-Eilean Céin le Garbhan MacAoidh

SaturnVO chionn greis, bha mi a’ leughadh an leabhair iomraitich aig Moray Watson, An Introduction to Gaelic Fiction, agus anns an earrainn dheth a-mach air na sgeulachdan goirid a nochd anns an iris, Gairm, thàinig mi thairis air iomradh air corra sgeulachd fhicsean-saidheans thràth air nach robh mi eòlach. A rèir Watson, is coltach gun do sgrìobh grunnan ùghdaran ficsean saidheans anns na seasgadan, agus iad gan sgrìobhadh anns an stoidhle a bha gnàthasach anns an genre anns an linn sin. Cha robh fios agam idir gun robh ficsean saidheans cho làidir anns a’ Ghàidhlig aig an àm, agus chaidh mi sa bhad sìos dhan leabharlann againn, a’ lorg gach sgeulachd air an tug Watson iomradh, agus a’ cur romham an leughadh.

Thòisich mi le sgeulachd le Garbhan MacAoidh, ‘An t-Eilean Céin’, a thàinig a-mach an clò ann an eagran 32 de Ghairm, anns an t-samhradh, 1960. Cho fad sa dh’fhiosraich mi, b’ e seo a’ chiad sgeulachd fhicsean-saidheans a chaidh a foillseachadh a-riamh anns a’ Ghàidhlig, agus ga leughadh ann an 2015, tha e coltach ri siubhail air ais ann an àm, seach siubhail air adhart. Chaidh a sgrìobhadh ann an stoidhle nan làithean geala ann am ficsean-saidheans. Tha iomradh air ’sàsairean itealaich’, air a’ Chogadh Fhuar agus air ‘bomaichean fuilbheanach (atomach)’. Tha e fior gu bheil ficsean-saidheans tric na sgàthan air cùraman an latha anns an tèid a sgrìobhadh, agus gu dearbh, tha brìgh agus cumadh ‘An t-Eilean Céin’ a’ riochdachadh zeitgeist na linne aice glè mhath.

Is dòcha gur e an rud as inntinnich mun sgeulachd an dòigh ’s gun do làimhsich MacAoidh cànanan innte: daonnan na ceist dhoirbh ann am ficsean Gàidhlig, agus gu h-àraidh ann am ficsean-saidheans Gàidhlig, saoilidh mi. Gun an sgeulachd a mhilleadh cus, ’s urrainn dhomh innse gur ann innte a thèid speuradairean comannach agus calpach gu planaid chèin far an tachair iad ri coigrich a bhruidhneas a’ Ghàidhlig. Tha cùl-sgeulachd mhac-meanmnach aig MacAoidh a mhìnicheas ciamar a sgaoil a’ Ghàidhlig dha na speuran, agus ge be cho craicte sa tha a’ chùl-sgeulachd, tha i a’ freagairt ceart gu leòr air nòs na h-aithris, agus a’ toirt na Gàidhlig dha na speuran ann an dòigh spòrsail. Agus a bharrachd air gnàthachadh na Gàidhlig ann am fànas mar amas, rinn MacAoidh obair gus briathrachas teicgnigeach saidheansail a ghnàthachadh anns a’ Ghàidhlig cuideachd, a’ cleachdadh fhaclan nach biodh idir cumanta, bu dòcha, mar ‘fuilbheanach’ agus ‘àile-bheathail’ (ocsaidean), ach a tha rin lorg ann an Dwelly agus a tha stèidhichte air freumhan Gàidhlig, an àite tarraing air faclan saidheansail a thig dhan Ghàidhlig air iasad bhon Bheurla-Laidinn-Greugais.

Tha e soilleir gun deach an sgeulachd a sgrìobhadh fo iùil ideòlas làidir agus mar oidhirp gus sealladh saoghal na Gàidhlig a leudachadh agus a nuadhachadh. Tha ‘An t-Eilean Céin’ sgoinneil agus cuideachd na dheagh uinneag air beachdan na linne anns an deach i sgrìobhadh. Mholainn gu mòr i. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri na sgeulachdan FS tràth eile a leughadh agus nì mi aithisg orra sa bhlog seo cho luath sa gheibh mi cothrom.

Chaidh seo a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to An t-Eilean Céin le Garbhan MacAoidh

  1. Thuirt Marconatrix:

    ‘S truagh nach eil stuth mar sin ri faighinn air-loigne, o chionn nach eil móran dhuinn faisg air leabharlann oilthighe is mar sin.

  2. Thuirt lasairdhubh:

    Is truadh da-rìribh. Tha seann Ghairmean ri lorg aig Abe Books is eile, agus chan eil iad ro dhaor, ach rinn mi Google dìreach an sin agus chan fhaca mi àireamh 32. Cho math ’s a tha fios agam, chan eil seann Ghairmean air an sgànadh a-steach agus air an luchdachadh suas ann an àite sam bith nas motha. An e ceist dlighe-sgrìobhaidh a th’ ann? Is dòcha.

  3. Pingback: An t-Eilean Céin le Garbhan MacAoidh | An Tuairisceoir

  4. Pingback: An Duine Ur le Rob Shirley | Air Cuan Dubh Drilseach

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s