Author Archives: lasairdhubh

Never Let Me Go

Am measg nan leabhraichean ficsean-saidheans as fheàrr leam, tha Never Let Me Go le Kazuo Ishiguro. Tha Ishiguro ainmeil mar fhear dhe na h-ùghdairean litreachail as buadhaich ann am Breatainn, a choisinn an Duais Booker airson Remains of the Day, … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Iompaireachd na Radch

Rinneadh gàirdeachas mòr ris a’ chiad nobhail le Ann Leckie, Ancillary Justice, nuair a thàinig i a-mach an clò an-uiridh. Bha Ancillary Justice gu h-iongantach soirbheachail. Choisinn an nobhail na trì duaisean a bu mhotha ann am ficsean-saidheans ann an … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Orion

OK, a’ hype air fad gu aon taobh, feumaidh mi aideachadh gun robh e àibheiseach craicte am Millennium Falcon fhaicinn a-rithist, ceòl John Williams a’ cluich fhad ’s a thug i dubh ionnsaidh air dà TIE fighter. Dhìth hagh! Tha … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

An Lìon A-Muigh

An dèidh na dh’ionnsaich sinn o chionn greis mu dheircneachadh riaghaltais air an eadar-lìon, tha mòran air beachdachadh air a’ cheist, dè thig an dèidh a’ chiad dreach dhen eadar-lìon? Dè bhios anns an eadar-lìon 2.0 mar gum b’ eadh? A … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Uncategorized | 1 bheachd

Fèin-aithne, daonnachd no cumhachd?

Ann am beachd mòran, tha Bladerunner na mheòrachadh gun chosmhail air a’ cheist, dè tha e a’ ciallachadh a bhith daonna? Ach anns a’ bhideo gu h-àrd, tha an Nerdwriter air moladh, aig ìre nas doimhne, gu bheil Bladerunner a-mach … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

The Bridge Trilogy le William Gibson

’S e clasaic saibeir-punc a th’ ann an Neuromancer le William Gibson. Chaidh a foillseachadh ann an 1984, còrr is deicead mus do dh’fhill an t-eadar-lìon a-steach do gach ceàrn dar beatha, ach coltach ri fiosaiche, rinn Gibson ro-thaisbeanadh tràth agus eagalach cuimseach ann an Neuromancer air … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd, SF | 2 beachd(an)

Cudromachd Ficsean-Saidheans

O chionn ghoirid, thachair mi ris a’ bhideo seo le Iain M. Banks is e a’ bruidhinn mu dheidhinn ficsean-saidheans. ’S fhiach e a’ bhideo air fad a choimhead, ach is fìor thoil leam an earrann seo [1.30 a-steach]: I’ve … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 3 beachd(an)

The Dispossesed

Nuair a bha mi aig an Saltire Speakeasy ann an Dùn Èideann o chionn dà mhìos, chuir mo charaid, Beth, ceist orm mu Ursala Le Guin. Ceist mhath a bh’ ann, mu fhicsean-saidheans agus mu phoileataics anarcach, ach dh’fheumainn aideachadh aig an … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

Drilseach!

Beagan mhìosan air ais, sgrìobh mi gun robh cothrom agam tachairt ris a’ chòmhlan, Drilseach, anns an stiùideo, agus iad a’ clàradh òrain ùir don chlàr-chruinneachaidh, New Wave of the Grave New Beat, a chaidh a chur air dòigh le Our … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, punc | 2 beachd(an)

Deuchainn rocaid cheart … ùpraid is làn-sgrios!

Cheannaich mi rocaid seachdain sa chaidh, tè bheag, seann-sgoil, dha ainm “Yankee” le Estes, mar na rocaidean beaga a chuir mi suas nuair a bha mi nam bhalach òg. Tha mi an dòchas a cur ri chèile agus a cur … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd