Author Archives: lasairdhubh

FMG = Fànas tro Mheadhan na Gàidhlig

A+ agus ceithir rionnagan!

Air a phostadh ann an fànas | Sgrìobh beachd

Fèis-leabhair Inbhir Nis

Ma tha sibh gu bhith mun cuairt Inbhir Nis aig a’ cheann-seachdain seo tighinn, bidh mi fhìn a’ leughadh bho ACDD agus bho FBS aig Fèis-leabhair Inbhir Nis Disathairne aig 5f, còmhla ri Seonaidh Charity. Bidh Mark Wringe anns a’ … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Èirigh nan robotan

Anns a’ bhideo sgoinneil gu h-àrd, tha CGP Grey a’ dèanamh argamaid làidir gu bheil robotan a’ tighinn airson ar n-obrach, chan ann ann an ceud bliadhna, no deich bliadhna, ach a-màireach, agus chan ann a-mhàin airson obair làimhe, ach … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 2 beachd(an)

Iomall Fhèis Dhùn Èideann

Ma tha sibh gu bhith ann an Dùn Èideann anns a’ chiad seachdain dhen Lùnasdal aig an Fhèis Eadar-Nàiseanta, bidh mi fhìn an sàs ann an tachartas air Iomall na Fèise a thèid a chur air dòigh le Comann Crann … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Oi Polloi agus punc as a’ Ghàidhlig

Seo fìor dheagh agallamh le Ruairidh bho Oi Polloi còmhla ri Billy Liar air Culture Laser is iad a-mach air punc as a’ Ghàidhlig, agus cuid dhen phoileataics mun cuairt air sèinn ann am mion-chànan fo chunnart.

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

Lèirmheasan air leth

Fhuair ACDD dà lèirmheas uabhasach taiceil an t-seachdain seo. ’S e a’ chiad lèirmheas fear le Alison Lang air Goodreads.  Sgrìobh i gun do chòrd na caractaran ann an ACDD rithe gu sònraichte:  “The best sci-fi creates a world that reflects … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Sanas airson pickup + geama PC opra-fànais = miann

Mas ann às na Stàitean no à Canada a tha sibh, bidh sibh eòlach air sanasan-rèic coltach ri seo airson pickup trucks, ach seo fear a chaidh a dhèanamh mar shanas airson geama PC opra-fànais, Star Citizen, agus tha e cuimseach math. … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

LearnGaelic le Anndra, Coinneach is mi fhìn!

Tha seo dìreach sgoinneil. Chruthaich LearnGaelic.net leasan às a’ phìos-naidheachd a rinn BBC an Là mìos sa chaidh mun Fhèis-leabhair ann an Ulapul. Anns a’ phìos, rinn Coinneach Mac a’ Ghobhainn agallamh le Anndra Dunn agus leamsa, agus faodar èisteachd ris … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Fèis Leabhair Ulapuil san Albannach

Rinn David Robinson mòladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil ann am pìos a nochd anns an Albannach Didòmhnaich. Rachainn fhìn leis a h-uile rud a sgrìobh e mun fhèis.  Bha i sònraichte math. Cuideachd, chuirinn mo thaic-sa ris a’ mholadh a rinn e … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 1 bheachd

Moladh mòr air Fèis Leabhair Ulapuil

Bha deireadh seachdain buileach sgoinneil againn aig Fèis Leabhair Ulapuil agus chan urrainn dhomh a moladh cus.  Abair fosgladh sùile!  Cha chreid mi gun robh mi a-riamh aig fèis (chiùil, leabhair no ealain) a bha cho rianail, tlachdmhòr agus inntinneach. … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)