Author Archives: lasairdhubh

Ne: neon no nìon? Ceist a’ bhriathrachais theicinigich sa Ghàidhlig

Speactram slàn nìon, Coitcheannas Cruthachail le Jan Homann An rèis cànanachais agus soiseochànanachais, is cinnteach nach coinnichear ri cuspair cho tòcail connspaideach ri dealbhadh corpais. Bho shusbaint na cuspair, cha bhite an dùil ris. Tha dealbhadh-corpais cho tioram fuar, air an uachdar co-dhiù, ach … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 9 beachd(an)

Fìorachd ghu-bhith, hipeitis Bostrom agus dubh-fhacal Fermi

Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd staid na h-ealain ann am fìorachd ghu-bhith choimpiùtaireach, Unreal Engine. ’S ann do geamaichean coimpiùtair a chaidh a dhèanamh, ach ’s urrainnear a chleachdadh ann an tionnsgnaidhean gu-bhith sam bith. Tha am fìorachas ann cho iongantach, ga … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an fànas, naidheachd | 1 bheachd

Eachtradh agus litreachas eachtrannach

The earliest novelists discovered adventure. Thanks to them we find adventure itself beautiful and wish to have it. — Milan Kundera, The Art of the Novel, 1986, td. 122. As dèidh dhomh am post mu dheireadh a sgrìobhadh agus as dèidh … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 29 beachd(an)

Ficsean saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann

Thug Fearghas MacFhionnlaigh alt inntinneach dham aire, Science Fiction and Fantasy in the Irish Language le Philip O’Leary aig Colaiste Boston anns na Stàitean. Tha an t-alt beagan sean a-nis, ach a’ sgrìobhadh ann an 2005, mheas O’Leary nach robh mòran ficsean-saidheans ann an … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 6 beachd(an)

Beachlann Shrutha

Na innsibh dhomh nach e ficsean-saidheans a tha seo! Seallaibh air an dealbh ùr do bheachlann a tha seo. Leigidh na beachlannan snasail seo leat mil a bhuain gun a bhith a’ cur dragh air na beachan agus gun bhuaireas mòr. Thòisich mi … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 2 beachd(an)

Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig

Bha adhbhar agam an tasglann dideatach ùr, DASG, a chleachdadh an seachdain seo, agus dìos-o, abair goireas. Rannsachadh a thoireadh mòran ùine roimhe, a’ rùsladh tro fhaclairean is tro leabhraichean eile, rinn mi ann an corra dhiog ann an DASG. Seo na … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

2312

’S e nobhail eachdraidh àm-ri-teachd a th’ ann an 2312, le Kim Stanley Robinson, an 17mh nobhail aige, agus gun teagamh, an tè as ainmeil. Thàinig an nobhail a-mach an clò ann an 2012, agus mar a bhiodh dùil bhon tiotail, tha … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

One Way Ticket to Cubesville

Lèirmheas air Drilseach bhon mhion-iris iomrailteach, One Way Ticket to Cubesville: “… an angry Gaelic slant on proceedings,” gu dearbh fhèin!

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèimheas ann an NÓS

Sgrìobh Eoin P. Ó Murchú lèirmheas air ACDD anns an iris snasail Èireannach, NÓS, a thàinig a-mach an clò am mìos seo. Tha mi uabhasach toilichte gun do chòrd ACDD ri Ó Murchú, agus a bharrachd air an sgeulachd fhèin, rinn Ó Murchú … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | 6 beachd(an)

Manadh air bàs iom-chànanais?

Leis cho luath ’s a tha na teicneòlasan aithneachadh-gutha, eadar-theangachadh innealach agus tùr innealta gan leasachadh, bha e do-sheachanta gun tigeadh eadar-theangachadh beò am bàrr uair no uaireigin, agus chithear anns a’ bhideò an àrd gur e Skype (agus mar … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd, saibeirneatachd | 1 bheachd