Sgrìobh Eoin P. Ó Murchú lèirmheas air ACDD anns an iris snasail Èireannach, NÓS, a thàinig a-mach an clò am mìos seo. Tha mi uabhasach toilichte gun do chòrd ACDD ri Ó Murchú, agus a bharrachd air an sgeulachd fhèin, rinn Ó Murchú moladh mòr air ealain agus air dealbhadh còmhdach na nobhail le Heather Brennan agus le Freight Design. Chuirinn mo mholadh fhìn ri sin. Mar as tric, chan eil mòran smachd aig ùghdaran air dealbhadh agus air ealain nan leabhraichean aca, agus tha mi cho fortanach gun d’fhuair ACDD dealbhadh a tha cho grinn. Tha e ag ràdh mòran mun phroifeiseantachd aig CLÀR gu bheil na leabhraichean aca uile cho brèagha. Fhuair mi Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich sa phost o chionn ghoirid, an leabhar as ùire aig CLÀR, agus tha e a cheart cho àlainn.
Tha Ó Murchú air Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh aig SMO agus tha mi taingeil gun do rinn e an obair agus an oidhrip gus nobhail a leughadh anns a’ chànan. Ged a tha Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann coltach ri chèile, chan eil iad cho coltach sin, agus feumas nach robh e furasta dha. Gu dearbh, cha do rinn mi fhìn a leithid fhathast ann an Gàidhlig na h-Èireann. Bheachdaich Ó Murchú gun robh e toilichte nach deach ACDD eadar-theangachadh chun na Gàidhlig Èireannaich fhathast, oir thug e cothrom dha obair air a’ chuid Gàidhlig Albannach. Tuigidh mi sin, ach aig a cheart àm, saoilidh mi gum biodh e math nan rachadh a h-eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann aon latha. Chì sinn.
Reblogged this on An Tuairisceoir.
Bu toil leam a radha cuideachd gun do chòrd an leabhar seo gu mòr leam, agus tha mi nam Éireannach. Tha mi an dùil ’s an dòchas gu bheil thu fhathast a’ sgrìobhadh leat oir bu fhiach do leabhar leaghadh.
Eadar-theangachadh ann Gàidhlig na h-Éirinn? gun teagamh, bu fhiach dhà.
Tha mi cho toilichte cluinntinn gun do chòrd! Gu mì-fhortanach, cha robh cothrom agam mòran sgrìobhadh cruthachail a dhèanamh o chionn greis fhada. Tha an obair agam a’ toirt orm uibhir de sgrìobhadh rannsachaidh a dhèanamh ’s nach eil cus cothrom agam sgrìobhadh ficsein a dhèanamh san ùine agam fhìn, ach chì sinn. ‘S e bliadhna ùr a th’ ann!
Thachair mi air aiste ùidheil ghoirid an-diugh sa mhadainn. Is ann amach air eachdraidh ficsean-saidheans ann an Gàidhlig na h-Èirinn a tha i (ged a chaidh a sgrìobhadh bho dheich bliadhna). Is dòcha gum bi thu fhèin eòlach oirre mar-thà, ach tha mi ’n dùil gur fhiach e aire do luchd-leughaidh a tharraing rithe. Is e ainm na h-aiste, “Science Fiction and Fantasy in the Irish Language”. Sgrìobh Philip O’Leary i. Gabhar a leughadh air loidhne an seo:
http://www.celtic-cultural-studies.com/papers/04/oleary-01.html
Aon rud co-dhiù sna ghabh mi fhìn ùidh, an nuadh-fhacal “duinneall” (co-nasgadh eadar “duine” agus “inneall”) a chaidh a chùinneadh ann an 1938 le Seosamh Ó Torna.
Duilich: “bho chionn deich bliadhna”.
Inntinneach da-rìribh. Cha do thachair mi ris an alt seo roimhe. Leughaidh mi e. Mìle taing!