2312

2312’S e nobhail eachdraidh àm-ri-teachd a th’ ann an 2312, le Kim Stanley Robinson, an 17mh nobhail aige, agus gun teagamh, an tè as ainmeil. Thàinig an nobhail a-mach an clò ann an 2012, agus mar a bhiodh dùil bhon tiotail, tha an nobhail stèidhichte trì ceud bliadhna anns an àm ri teachd, ann an 2312. Mun àm sin, chithear gu bheil bithean daonna air ar rian-grèine a coilineachadh air fad bho Mhearcair gu Pliuto, agus ’s e na coilinidhean seo, agus droch staid ar phlanaid dhachaigh, an Talamh, prìomh cuspairean na nobhail. Leanaidh sinn ceathrar charactaran: dealbhadair-tìre eadar-ghnè bho Mhearcair; seòltaire leth-losgainn bhon ghealaich, Tìotan, mu Shatarn; sgrùdaiche-poileis beag bho Mhàrs agus Talamhach òg bho New Jersy, is iad uile a’ siubhail eadar na planaidean agus na gealaichean anns an rian-grèine, an sàs ann an corra atharrachadh mòra a thachras anns a’ bhliadhna fo cheist.

’S ficsean-saidheans fìorasach a th’ ann an 2312. Tha an teicneòlas ann an 2312 uile so-chreidsinn agus a’ leantainn bho na riaghailtean fiosaics mar as aithne dhuinn iad an-dràsta. Chan fhaicear siubhail nas luaithe na leus, mar eisimpleir, ach mìneachadh mionaideach air gnìomh an tìr-chruthachaidh air planaidean cèin. Ach a thuilleadh air sin, tha ùidh làidir aig Robinson anns na caractaran aige, anns a’ bheatha mhoralta agus shaiceòlach aca, agus anns na dàimhean eatarra. Tro shaidheans-ficsean, tha Robinson a’ cnuasachadh air na ceistean: dè th’ ann am beatha fhiachail agus dè an dleasdanas againn dha ar caraidean agus dha ar prionnsabalan, gu h-àraidh nuair a tha e coltach gu bheil na dleasdanasan againn do charaidean agus do phrionnsabalan a’ dol as àicheadh a chèile?

Ann an dòigh, chan eil dad as ùr ann an 2312 a thaobh chuspair. Chithear na h-aon chùraman ann an iomadh nobhail fhicsean-saidheans eile a chaidh foillseachadh o chionn greis: iar-daonnachd, tùr innealta, caitheamh na h-àrainneachd, strì eadar diofar shiostaman poilitigeach agus eaconomach, agus coilineachas anns an rian-ghrèine againn. ’S e na tha a’ comharrachadh na nobhail seo càileachd an sgrìobhaidh innte agus doimhneachd a’ cnuasachaidh air na cuspairean gu h-àrd. Is iongantach cho farsaing ’s a tha eòlas Robinson, gum b’ urrainn dha sgrìobhadh gu h-ùghdarail air cuspairean cho farsaing ri litreachas, feallsanachd, coimpiutaireachd, an àrainneachd, fiosaics, bitheòlas, teòraidh shòisealta agus poileataics.

Coltach ri Iain M. Banks, tha Robinson air fiscsean-saidheans a sgrìobhadh a tha meòrachail agus ioma-chuspaireil — “the fiction of ideas” mar a thuirt Ray Bradbury — ach cuideachd, ficsean-saidheans a tha ag obair mar dheagh sgeulachd spòrsail. Agus ann an 2312, tha Robinson air deuchainneachadh beagan le cruth na nobhail ann an dòigh a chuir Moby Dick nam chuimhne, a’ siubhail air falbh beagan bhon aithris dhìrich àbhaistich, agus eadar na caibideilean aithriseach dhen sgeulachd, a’ cur rithe caibideilean beaga de liostaichean de bhriathran air diofar chuspairean a bhuineas don nobhail, caibideilean sruth-mothachaidh bho eanchainn coimpiutair fhèin-mhothachail, agus caibideilean beaga eile a tha coltach ri earrannan a bha air an gearradh de theacsaichean teòiridheal neo-fhicsean.

Anns an t-seagh seo, tha 2312 rud beag coltach ri ficsean litreachail doilleir, gum feum an leughadair beagan obair a dhèanamh gus an teacsa a ghabhail a-steach, ach a dh’aindeoin sin, mholainn 2312 mar nobhail do chuid nach àbhaist dhaibh ficsean-saidheans a leughadh. Air sàilleabh ’s gu bheil 2312 cho deuchainneach, bhiodh i math mar inntrigeadh don chuid a tha teagmhach mun genre, a’ sealltainn cho farsaing a dh’fhaodadh ficsean-saidheans a bhith.

Chan eil 2312 gun lochd. Aig amannan bha am plot fhèin rudeigin doirbh a chreidsinn. Bha e doirbh a chreidsinn gun robh an ceathrar seo uile an sàs ann am mòran thachartasan cudromach, ach eadar-dhealaichte, air feadh an rian-ghrèine. Agus aig amannan, bha mi a’ faireachdainn gun robh cabhag air Robinson aig an deireadh, gun do chaill e foighidinn anns an sgeulachd aige fhèin. B’ fheàrr leam barrachd mionaideachd mu chuid dhe na tachartasan gaisgeil aig deireadh an leabhair. Ach na gearanan sin gu aon taobh, ’s e sàr nobhail a th’ ann an 2312, airidh air a chliù, air an fhèill agus air na duaisean a choisinn i.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

One Way Ticket to Cubesville

Lèirmheas air Drilseach bhon mhion-iris iomrailteach, One Way Ticket to Cubesville:

cubesville

“… an angry Gaelic slant on proceedings,” gu dearbh fhèin!

Air a phostadh ann an ceòl, naidheachd | Sgrìobh beachd

Lèimheas ann an NÓS

NosSgrìobh Eoin P. Ó Murchú lèirmheas air ACDD anns an iris snasail Èireannach, NÓS, a thàinig a-mach an clò am mìos seo. Tha mi uabhasach toilichte gun do chòrd ACDD ri Ó Murchú, agus a bharrachd air an sgeulachd fhèin, rinn Ó Murchú moladh mòr air ealain agus air dealbhadh còmhdach na nobhail le Heather Brennan agus le Freight Design. Chuirinn mo mholadh fhìn ri sin. Mar as tric, chan eil mòran smachd aig ùghdaran air dealbhadh agus air ealain nan leabhraichean aca, agus tha mi cho fortanach gun d’fhuair ACDD dealbhadh a tha cho grinn. Tha e ag ràdh mòran mun phroifeiseantachd aig CLÀR gu bheil na leabhraichean aca uile cho brèagha. Fhuair mi Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich sa phost o chionn ghoirid, an leabhar as ùire aig CLÀR, agus tha e a cheart cho àlainn.

Tha Ó Murchú air Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh aig SMO agus tha mi taingeil gun do rinn e an obair agus an oidhrip gus nobhail a leughadh anns a’ chànan. Ged a tha Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann coltach ri chèile, chan eil iad cho coltach sin, agus feumas nach robh e furasta dha. Gu dearbh, cha do rinn mi fhìn a leithid fhathast ann an Gàidhlig na h-Èireann. Bheachdaich Ó Murchú gun robh e toilichte nach deach ACDD eadar-theangachadh chun na Gàidhlig Èireannaich fhathast, oir thug e cothrom dha obair air a’ chuid Gàidhlig Albannach. Tuigidh mi sin, ach aig a cheart àm, saoilidh mi gum biodh e math nan rachadh a h-eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann aon latha. Chì sinn.

Air a phostadh ann an naidheachd | 6 beachd(an)

Manadh air bàs iom-chànanais?

Leis cho luath ’s a tha na teicneòlasan aithneachadh-gutha, eadar-theangachadh innealach agus tùr innealta gan leasachadh, bha e do-sheachanta gun tigeadh eadar-theangachadh beò am bàrr uair no uaireigin, agus chithear anns a’ bhideò an àrd gur e Skype (agus mar sin, Microsoft) a tha air a’ chiad sheirbheis dha leithid a chur air bhog le eadar-theangachadh eadar Spànnais agus Beurla ri fhaodainn aig ìre beta a-nis.

Tha an leasachadh seo garbh inntinneach, le buaidh a dh’fhaodadh mòran atharrachadh a thaobh chànanan agus shluaighean air feadh an t-saoghail, ach tha e doirbh a ràdh le cinnt an-dràsta, ciamar. Dè buaidh a bheir seirbheisean mar seo air ionnsachadh cànain? An tèid an cleachdadh mar ghoireas gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh is dòcha, no ma bhios na seirbheisean seo air am fidhe a-steach gu teicneòlas eile mar Google Glass, an dèan iad ionnsachadh-cànain uile gu lèir neo-riatanach aig a’ cheann thall? Mar a chanas muinntir Skype fhèin:

Skype Translator gives you the ability to speak another language without learning one.

Agus dè buaidh a bheir seo air mion-chànanan mar a’ Ghàidhlig gu sònraichte? Tha e gu math doirbh a ràdh. Atharraichidh eadar-theangachadh beò meidh na cumhachd eadar na cànanan mòra, agus tha e dòirbh ro-innse dè buaidh a bheir an rèite ùr seo air na mìlltean de mhion-chànanan nach gabh eadar-theangachadh leis na seirbheisean ùra, aig an toiseach co-dhiù. Chan eil beachd agam, ach tha fadachd orm gus faighinn a-mach. Linn ùr inntinneach gu cinneach.

Via Wired.

Air a phostadh ann an naidheachd, saibeirneatachd | 1 bheachd

Never Let Me Go

NeverLetMeGoAm measg nan leabhraichean ficsean-saidheans as fheàrr leam, tha Never Let Me Go le Kazuo Ishiguro. Tha Ishiguro ainmeil mar fhear dhe na h-ùghdairean litreachail as buadhaich ann am Breatainn, a choisinn an Duais Booker airson Remains of the Day, agus iomadh urram eile. Is geal a choisinn Ishiguro na h-urraman aige. Cha do thachair mi ri neach a leugh Never Let Me Go nach robh air an deargadh gu domhainn leatha. Tha an sgrìobhadh innte àlainn agus an sgeulachd neo-stràiceil, fìor agus drùidhteach truadh. Bha mi fhathast a’ meòrachadh air an leabhar mìosan as dèidh dhomh crìoch a chur air. Mholainn gu mòr e.

Chunna mi am fiolm dhen nobhail an toiseach, mus do leugh mi an nobhail fhèin; an rathad ceàrr is docha, ach cha chreid mi gun do rinn e diofair. Fhuair mi barrachd às an leabhar air sàilleabh ’s gum faca mi am fiolm an toiseach. Cha channadh tu sin mu dheidhinn mòran fiolmaichean stèidhichte air nobhailean soirbheachail, ach ’s e comharra air cho math ’s a tha am fiolm nach eil e a’ toirt air falbh bhon a gheibhear bhon nobhail, ach ga rìribh, a’ cur ris. Feumas gu bheil an deagh eadar-theangachadh a rinneadh bho nobhail gu fiolm na thoradh air comas an sgrìobhadair sgriobt, Alex Garland. Tha Garland na sgrìobhadair ficsean-saidheans e fhèin. Sgrìobh e an nobhail nuadh diostòpach, The Beach, agus na sgriobtan do 28 Days Later agus do Sunshine. Tha e soilleir gun robh Garland gu math dìleas agus faiceallach nuair a rinn e an tionndadh air Never Let Me Go gu sgriobt fiolm, agus a rèir coltais, tha an dìleas sin stèidhichte air càirdeas fada eadar an dithis ùghdair, mar a mhinich iad ann an agallamh a rinn iad goirid an dèidh dhan fiolm tighinn a-mach:

Is fhiach an t-agallamh air fad a choimhead. Tha an còmhradh eadar na h-ùghdaran smaoineachail agus tha e gu sònraichte inntinneach cluinntinn na thuirt iad mu fhicsean-saidheans anns a’ chiad còig mionaidean. Tuigear gun robh e rud beag doirbh do chuid aideachadh gur e ficsean-saidheans a th’ ann an Never Let Me Go. Anns an lèirmheas aice anns an New York Times, bha Sarah Kerr air a maslachadh gun sgrìobhadh ùghdair litreachail cho cliùiteach ri Ishiguro ann an genre cho ìorasal ri ficsean-saidheans:

The setup is so shocking — in such a potentially dime-store-novel way — that it’s hard to believe at first that it issued from Ishiguro’s desktop. Has one of our subtlest observers gone to pulp? […] Is he setting up house in a pop genre — the sci-fi thriller — in order to quietly upend its banal conventions, as he did with the manor-house elegy in ”The Remains of the Day” and the detective yarn in ”When We Were Orphans”?

Tha rudeigin truadh èibhinn mun tàmailt àrdanaich a ghabh Kerr an seo, cinnteach nach biodh an gaisgeach litreachail aice a’ sgrìobhadh gu dìreach agus gun chleas ann am ficsean-saidheans. Dh’fheumadh gun robh adhbhar eile aige, shaoil i, agus gu dearbh, aig a’ cheann thall, bha Kerr am beachd gun do ghabh Ishiguro ri cunnart sgrìobhadh ann am ficsean-saidheans airson maith na sgeulachd aige, gun do chleachd e an genre ìorasal air adhbharan ealtanta uasal, mar chothrom beachdachaidh air fèin-aithne agus air nàdar cuimhne. Ach an e rud ùr a tha seo, na beachd? Nach eil fèin-aithne agus cuimhne ri chèile nam prìomh chuspairean ann am mòran ficsean-saidheans? Is iongantach cho deiseil ’s a tha cuid beachdachadh air fiach ficsean-saidheans agus iad dearg aineòlach mu fhairsaingeachd an genre.

Ach chì sinn anns a’ bhideo gu h-àrd gun robh beachd fada nas subailte agus fosgailte aig Ishiguro fhèin na bh’ aig Kerr, gun robh e deònach aideachadh nach robh e cho fiosraichte ri Garland mu dheidhinn ficsean-saidheans agus gun robh an sgarradh eadar ficsean-saidheans air an dàrna làimh agus ficsean litreachail air an làimh eile faoin agus gun cus brìgh co-dhiù.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Iompaireachd na Radch

AncillaryRinneadh gàirdeachas mòr ris a’ chiad nobhail le Ann Leckie, Ancillary Justice, nuair a thàinig i a-mach an clò an-uiridh. Bha Ancillary Justice gu h-iongantach soirbheachail. Choisinn an nobhail na trì duaisean a bu mhotha ann am ficsean-saidheans ann an 2014: Duais Hugo, Duais Nebula agus Duais Arthur C. Clarke, agus a bharrachd air càileachd an sgrìobhaidh innte, rinneadh mòran iomraidh air a’ choltas eadar Ancillary Justice agus an t-opra-fànais aig Iain M. Banks. Dhùisg an coimeas ri Banks m’ aire gu sònraichte, agus nuair a thàinig an darna nobhail aig Leckie a-mach o chionn greis, Ancillary Sword, ghabh mi an cothrom an dà nobhail a leughadh, tè mu sheachd.

’S e Acillary Justice agus Ancillary Sword a’ chiad dà nobhail ann an sreath de thrì, suidhichte ann an siobhaltas eadar-reultach dan ainm, Iompaireachd na Radch, fo cheannas aintighearna a tha beò mar inntinn-lìonraidh air a sgaoileadh eadar iomadh corp clonnaichte. Tha an sgeulachd san dà nobhail a’ leantainn corp daonna a tha na ealamaid de dh’inntinn luinge-fànais tùrail, Justice of Toren, agus i air tòir dìoghaltais air feall a dh’fhulaing i. Leughar bhon toiseach cuspairean a tha gnathasach anns na nobhailean Cultar aig Banks — longan-fànais tùrail agus inntinnean-lìonraidh — ach cuideachd, coltach ri Banks, tha Leckie a’ cleachdadh ficsean-saidheans mar chothrom cnuasachaidh air ceistean mòra a thaobh teicneòlas, saiceòlas agus nàdar a’ chinne-dhaoine.

Cha do rinn a h-uile duine moladh air an taobh seo dhen obair aig Leckie. Sgrìobh Nina Allan ann an Arcfinity gu bheil “the ideas contained in Ancillary Justice seem disappointingly simple: empires are evil, class systems are oppressive, absolute power corrupts absolutely.” Ach ann an da-rìrirbh, an e sin na h-uile a fhuair Allan àiste? Cha chreid mi gun do leugh Allan is mi fhìn an aon nobhail. Dhomhsa dheth, bha an coluadair eadar na caractaran aig Leckie so-chreidsinn agus ioma-thaobhach. Le bhith a’ leantainn inntinnean-lìonraidh sa chiad phearsa, tha Leckie a’ togail cheistean inntinneach mu fhèin-aithne agus mu shaor-thoil nach gabhadh togail gu furasta ann an genre sam bith eile. Agus a chionn ’s nach eil cultar na Radch ag aithneachadh gnè, tha an t-aithrisiche a’ cleachdadh an riochdair bhoireann, ’she’, air a h-uile duine, nòs a nì an leughadh beagan mì-chinnteach an toiseach, ach an uair sin, fosgailte agus saor. Is iognantach cho cudromach ’s a tha gnè dhuinn ann an tuisgsinn aithris, agus cho eadar-dhealaichte ’s a tha aithris nuair nach eil gnè na phàrt dhith.

AncillarySwordChan eil e cothromach coimeas a dhèanamh eadar Leckie agus ùghdar cho stèidhite ri Banks, is dòcha, ach leis cho coltach ’s a tha cùraman agus cuspairean an dithis ùghdair, tha e inntinneach faicinn far nach eil iad co-ionnan. Chan eil an aon àbhachd dhorcha aig Leckie ’s a bh’ aig Banks. Ann an corra àite far an do dh’fheuch Leckie fella-dhà, cha do dh’obraich i. Agus mar sin, tha an aithris aig Leckie nas dorcha na Banks. Tha an taobh a bharrachd sin aig Banks, an àbhachd dhorcha, ga fhàgail fhathast gun chosmhail, agus tha èis na h-àbhachd sin a’ fàgail an sgrìobhaidh aig Leckie beagan nas dìrich, far a bheil Banks carach agus nas doimhne. Cuideachd, chan eil an aon ùidh ann an susbaint an teicneòlais aig Leckie. Tha Leckie a’ cosg mòran a bharrachd fhaclan air an dàimh eadar na caractaran, agus nas lugha air dealbhadh an t-saoghail a chruthaich i. Chan eil mòran beachd againn air coltas nan longan, mar eisipleir, no cruth nan stèiseanan-fànais anns a bheil mòran dhen sgeulachd san dà nobhail a’ dol air adhart. Ach anns an dòigh seo, tha e soilleir gur e saiceòlas agus dàimhean eadar-phearsanta na cuspairean as cudromaich do Leckie, seach teicneòlas per se.

Tha an dà nobhail air an sgrìobhadh gu cuimir, ach chanainn gu bheil Ancillary Justice nas fheàrr na Ancillary Sword. Bha Leckie mu shia bliadhna ri sgrìobhadh Ancillary Justice — ga tòiseachadh ann an NaNoWriMo is coltach — ach thàinig Ancillary Sword a-mach taobh a-staigh bliadhna as a deidh; aithnichear an ùine a choisg i air a’ chiad tè. Cuideachd, mar darna nobhail ann an sreath de thrì, tha Ancillary Sword a’ faireachdainn car coltach ri drochaid seach nobhail fa leth, agus tha sin do-sheachanta is dòcha. Mheal mi Ancillary Sword co-dhiù agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an treas nobhail. Air fianais a ciad dà nobhail, tha Lechie a’ dol a thogail air an dìleab a dh’fhàg Banks, ach anns an dòigh aice fhèin a tha uile gu lèir drùidhteach agus ùr.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Orion

OK, a’ hype air fad gu aon taobh, feumaidh mi aideachadh gun robh e àibheiseach craicte am Millennium Falcon fhaicinn a-rithist, ceòl John Williams a’ cluich fhad ’s a thug i dubh ionnsaidh air dà TIE fighter. Dhìth hagh! Tha mi air bhioran a-nis, ach dìos-o, 13 mìosan ri feitheamh gus am faic sinn am fiolm fhèin; tha sin fada. Gu fortanach, thàinig trailer eile a-mach an t-seachdain-sa a’ sanasachadh fìor long-fhànais, agus cha leig sinn leas fuireach ach beagan làithean gus a faicinn. An ath sheachdain, bidh an long-fhànais ùr, Orion, a’ dol suas air a’ chiad seòladh aice, gun sgioba, air muin rocaid tomadach mòr, an Delta IV Heavy. Air cho titheach ’s a tha mi air a’ Falcon, tha deuchainn Orion nas tarraingich buileach. ’S e seo an long-fhànais, thathar an dòchas, anns an nithear misean daonna gu Màrs, agus air an Diardaoin seo, an 4mh dhen Dùbhlachd, aig 7.05 am Florida (12.05 pm Slèite; 4.05 am Seattle), togaidh Orion oirre air siubhail ceithir uair a thìde, le dà chuairt air an Talamh, agus i a’ dol cho àrd ri 3,600 mìle os cionn na Talmhainn mus tig i sìos a-rithist sa mhuir, goirid ri San Diego, California. Tha e cudromach gun tèid an deuchainn gu math. Is fhada bhon a rinn an cinne-daonna iomairt seachad air cuairt-thalmhainn ìosail: 42 bliadhna bhon a chaidh Apollo 17 air a’ mhisean mu dheireadh againn dhan Ghealaich. Leis cho cosgail agus connspaideach ’s a tha miseanan daonna dha na speuran, tha mòran a’ crochadh air soirbheas na deuchainn Diardaoin. Chithear an seòladh air fad ga chraoladh air NASA TV.

Iar-sgrìobhadh:

Mar ro-shealladh air na h-eachdraidhean a dh’fhaodadh a bhith ron chinne-dhaonna anns an rian-ghrèine againn, chruthaich Erik Wernquist fiolm goirid ficsean-saidheans, Wanderers, a’ taisbeanadh dhaoine a’ rannsachadh, a’ tàmh, agus is coltach, a’ cluich ann an iomadh àite air feadh nam planaidean as fhaisge oirnn. Tha an rian-grèine againn cho mòr agus làn phlanaidean; tha am fiolm aig Wernquist a’ cur nar cuimhne nach leig sinn leas seòladh gu rionnagan eile fada air falbh gus saoghalan ùra a rannsachadh. Tha mòran iongantasan rin rannsachadh air an starsnaich againn fhìn. Thoir buaidh Orion!

Via io9.com.

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

An Lìon A-Muigh

An dèidh na dh’ionnsaich sinn o chionn greis mu dheircneachadh riaghaltais air an eadar-lìon, tha mòran air beachdachadh air a’ cheist, dè thig an dèidh a’ chiad dreach dhen eadar-lìon? Dè bhios anns an eadar-lìon 2.0 mar gum b’ eadh? A bheil dòigh ann lìon nas tèarainte a thogail, ach cuideachd, lìon a bhios nas fhosgailte, lìon a bhios nas coltaich ris an t-seann lìon shaorsail a bha againn aig an toiseach, tràth anns na naochadan, no a bheil na làithean geala sin air falbh gu sìorraidh?

Tha iomadh ro-innleachd air am moladh gus eadar-lìon fosgailte tèarainte a thogail, ach tha an tè a tha ga moladh anns an iomairt Indiegogo gu h-àrd, Lantern, gu sònraichte inntinneach air sàilleabh ’s gu bheil i a’ tabhainn lìon a bhios, an dà chuid, gun urra agus uile-làthaireach. ’S e lìon aon-sligheach a th’ ann, anns an t-seagh gun urrainnear dàta a luchdachadh sìos gu coimpiùtair tro shiostam de shaideilean, Outernet, ach chan urrainnear dàta a luchdachadh suas air ais dhan lìon. Chan e siostam-conaltraidh a th’ ann an Lantern/Outernet, mar an t-eadar-lìon a th’ againn a-nis, ach siostam airson sgaoileadh fiosrachaidh a-mhàin.

Ged a tha e coltach gur e laigse a tha seo, bho shealladh eile, ’s e neart a th’ ann. Air sàilleabh gur e lìon aon-sligheach a th’ ann, tha an lìon uile gu lèir gun urra agus tèarainte; chan fhaic an riaghaltas dè tha sibh a’ coimhead air Outernet. Cuideachd, air sàilleabh ’s gu bheil an lìon stèidhichte air sreath de shaidealan seach uèirean fiosaigeach, chan urrainn do riaghaltas ann an aon dùthaich caisg a chur air susbaint Outernet, gu furasta co-dhiù. Agus leis a’ ghlacadair, Lantern, bidh e comasach lìon ùr saor a’ sgaoileadh air feadh na cruinne, do dh’àiteachan gun eadar-lìon fiosaigeach, no eadhan gun dealain. Tha Lantern a’ tighinn le pannalan-grèine beaga agus aon uair ’s gun leudaichear an siostam le barrachd shaidealan, thèid Lantern a chleachdadh àite sam bith san t-saoghal.

Seo lìon sìmplidh, tèarainte agus gun chrìochan — dè ur beachd? An e seo am fuasgladh, no pàirt dheth co-dhiù?

Via boingboing.net.

Air a phostadh ann an Uncategorized | 1 bheachd

Fèin-aithne, daonnachd no cumhachd?

Ann am beachd mòran, tha Bladerunner na mheòrachadh gun chosmhail air a’ cheist, dè tha e a’ ciallachadh a bhith daonna? Ach anns a’ bhideo gu h-àrd, tha an Nerdwriter air moladh, aig ìre nas doimhne, gu bheil Bladerunner a-mach air ceist eile, ciamar a lorgas sinn ar fèin-aithne anns an t-saoghal nuadh? Agus bho mo thaobhsa, mholainn, nas motha na fèin-aithne no daonnachd, gur ann mu dheidhinn cumhachd a tha Blade Runner. Chithear nach do rinn aon duine taghadh saor anns a’ fiolm, ach an Replicant, Roy Batty, aig an deireadh nuair nach do mhuirt e am Bladerunner, Rick Deckard. Bho Deckard gu Bryant, Rachael, J.F. Sebastian, agus na replicants uile — tha gach caractar fo smachd cuideigin eile. Tha beatha ann am Bladerunner air a bogadh ann an cumhachd, an dà chuid cumhachd follaiseach agus cumhachd falaichte, agus saoilidh  mi gu bheil am fiolm a’ faighneachd nan ceistean, a bheil duine againn ga-rìribh saor anns an an t-saoghal nuadh, agus dè a’ bhuaidh aig teicneòlas air a’ chùis, gar saoradh is dòcha, no gar tràilleachadh barrachd?

Via Laughing Squid.

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

The Bridge Trilogy le William Gibson

idoru’S e clasaic saibeir-punc a th’ ann an Neuromancer le William Gibson. Chaidh a foillseachadh ann an 1984, còrr is deicead mus do dh’fhill an t-eadar-lìon a-steach do gach ceàrn dar beatha, ach coltach ri fiosaiche, rinn Gibson ro-thaisbeanadh tràth agus eagalach cuimseach ann an Neuromancer air an t-saoghal shaibeirneatach ri teachd. Thuig Gibson gum fàsadh saibeir-spàs a cheart cho iomadach agus farsaing ri spàs fiosaigeach, agus mheòraich e air a’ bhuaidh a bheireadh an saoghal ùr seo air ar beatha anns an t-saoghal as aithne dhuinn. Thug soirbheas Neuromancer cliù mòr do Gibson mar fhear de na h-ùghdaran a bu chudromaich a tha air foillseachadh ann am Beurla anns na fichead bliadhna mu dheireadh, agus bhon uair sin, lean e air a’ sgrìobhadh mòran nobhailean buadhach eile suas chun an latha an-diugh.

Nis, an seo, feumaidh mi m’ aineolas aideachadh a-rithist. A bharrachd air Neuromancer, cha robh mi air mòran eile le Gibson a leughadh, gus an do leugh mi, o chionn ghoirid, a’ chiad dà leabhar anns a’ Bridge Trilogy aige: Virtual Light (1993) agus Idoru (1996). Ged nach eil iad cho ùr-ghnathasach ri Neuromancer is dòchais iomadh ùghdar a-nis a tha air sgrìobhadh mu bheatha anns an lìonraidh — saoilidh mi gu bheil iad fiù ’s nas fheàrr na Neuromancer mar nobhailean.

Tha an sgrìobhadh aig Gibson gu h-obann a’ cur sgrìobhadh Raymond Chandler gam chuimhne: cànan sradagach teann le coslachdan èibhinn geura gam breacadh mun cuairt. Seo mar a mhìnich e bobhla ramen sràide ann an Tokyo:

… dyed pink slices of mystery meat, thin as paper, basked atop a sargasso of noodles.

a  saragasso of noodles — aibhseach math! Agus tha an coltas eadar Chandler agus Gibson a’ dol nas doimhne na cànan. Ghluais Gibson bho na Stàitean do Chanada ri linn cogadh Vietnam. Tha e a-nis a’ fuireach ann an Vancouver, agus coltach ri Chandler, tha Gibson a’ sgrìobhadh bho shealladh à Taobh Siar Aimeireaga. Tha Virtual Light suidhichte ann an SF agus LA, agus Idoru ann an Tokyo, Seattle agus LA, le Gibson a’ toirt sealladh dhuinn air an t-saoghal ùr saibeirneatach mar a tha e a’ fàs agus a’ leasachadh anns na bailtean mòra sìor-nuadh air iomall a’ Chuain Shèimh.

Tha na sgeulachdan a’ gluasad gu sgiobalta luath anns an dà nobhail, a’ leum bho annas ùr gu annas ùr gun tàmh, le prìomh charactaran domhainn boireann aig ceann ghnothaichean anns an dà nobhail cuideachd. Tha an nobhail mu dheireadh anns an t-sreath, All Tomorrow’s Parties (1999), air òrdugh a-nis agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr rithe. Bidh mi ga leughadh aig an deireadh-sheachdain. Na innsibh dhomh dè thachras!

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd, SF | 2 beachd(an)