Na Nobhailean Takeshi Kovacs aig Richard Morgan

alteredcarbon’S ann à Sasainn a tha Richard Morgan, ach tha e a-nis a’ fuireach ann an Alba. ’S e Altered Carbon a’ chiad nobhail aige, agus a’ chiad nobhail anns an trianachd a sgrìobh e mun charactar, Takeshi Kovacs, saighdear marsanta ann an saoghal far an urrainnear gluasad bho chorp gu corp agus far a bheil beatha ga reic mar bhathar. Tha Altered Carbon na chothlamadh de dh’opra-fànais, de shaibear-punc dorcha agus de dh’fhicsean-saidheans cogail, ach leis a’ chuideam as treasa air an taobh saibear-punc. Tha buaidh Raymond Chandler gu math soilleir ann an sgeul na nobhail: Kovacs ann an San Fran Siosgo agus e ag obair mar lorgair prìobhaideach, le femme fatale air a thòir, daga teth na làimh, agus cainnt shearbh aoireil na bheul. Tha e glè spòrsail agus tha deagh chluais aig Morgan; chuirinn an sgrìobhadh aig Morgan an coimeas ri Chandler cuideachd: ruitheam gun-spàirn ann agus ealanta èibhinn ann am mòran àiteachan. Tha mi a-nis a’ leughadh tron dà nobhail eile anns an trianachd, Broken Angels agus Woken Furies. Ged a tha an sgrìobhadh a cheart cho math, tha Broken Angels nas coltaich ri ficsean-saidheans cogail dìreach, agus mar nach eil mi cho measail air an genre sin, cha do chòrd e rium chun na h-aon ìre, ach tha mi letheach-slighe tro Woken Furies a-nis — tha Kovacs air ais ag obair mar lorgair prìobhaideach, an turas seo air a’ phlanaid-dhachaigh aige fhèin — agus is gann gum b’ urrainn dhomh a chur sìos.

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, SF. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s