Anns na nobhailean Cultair aig Iain M. Bank, tha muinntir a’ Chultair ceangailte ri chèile agus ris na longan-fànais ghlice aca tro eadar-aghaidh ann an riochd lìon neuranail innealta air fhighe nan eanchainn. ’S urrainn dha na caractaran aig Banks fiosrachadh a lorg air an eadar-lìon agus conaltradh ri chèile gu h-obann tron eadar-aghaidh seo nan claigeann, agus cuideachd, cleachdaidh iad an lìon neuranail gus an eanchainn fhèin agus an corp fhèin a riaghladh. Tha seasamh ceadachail aig sìobhaltas a’ Chultair a thaobh dhrugaichean agus staidean-inntinn atharraichte, agus leis an lìon neuranail aca, ’s urrainn do mhuinntir a’ Chultair diofar dhrugaichean a sgaoileadh tro an corp fhèin, ag atharrachadh ghnìomhan bitheòlach am bothaige fiosaigich no ghnìomhan inntinneil an eanchainn: gan socrachadh fhèin; gan giorrachadh fhèin; no gan cur fhèin air mhisg.
A-nis, tha saidheantairean aig Harvard air rudeigin coltach a dhèanamh ann an eanchainn luchagan. Dh’ann-steallaich iad lìon cuairt-dhealain ann an eanchainn nan luchagan agus chunnaic iad gun do dh’fhill an lìon a-steach do neuranan nan luchagan rè ùine, gun cron sam bith, is coltach, air na luchagan fhèin. An uair sin, tron chuairt-dhealain, b’ urrainn dha na saidheantairean mothachadh do shruth-dhealain ann an neuranan fa leth. Mar a thuirt prìomh rannsaiche an tionnsgnaidh, Charles M. Lieber, ann an agallamh ri Smithsonian, “we think we can really revolutionize our ability to interface with the brain”. Creididh na saidheantairean gun gabh lìon coltach ri seo cleachdadh anns a’ gheàrr-ùine gus sructar na h-eanchainn a mhapadh, agus cuideachd, anns an fhad-ùine, mar eadar-aghaidh eadar an eanchainn agus coimpiùtairean.
Is cinnteach gur e greis a bhios ann mus tig eadar-aghaidh dhen leithid dhan mhargaid phoblaich, ach tha companaidh mharsanta a-nis air eadar-aghaidh eanchainn diofraichte a chur air a’ mhargaid mar thà, agus cha leigear leas a chur anns an eanchainn gu fiosaigeach. Thèid a càradh air craiceann a’ chinn, os cionn na mala deis, agus ann an conaltradh le ap air fòn glic. ’S Thync as ainm dhi, agus gabhaidh i cleachdadh gus staid-inntinn atharrachadh, gad dhèanamh nas giorra no nas sochaire. Sin an agairt aca co-dhiù. ’S e brodadh sruthaidh dhìrich thar-chlaiginn (tDCS sa Bheurla) an teicneòlas air cùl an inneil. Rinneadh beagan rannsachaidh air an teicneòlas (cuid le proifeiseantaich agus cuid eile le daoine aig an taigh), agus tha fianais ann gu bheil buaidh aig tDCS air staid-inntinn ann an da-rìribh, gu h-àraidh air daoine a tha a’ fulang fo iomagain, ach chan eil an t-inneal fhèin aig Thync air mòran dearbhaidh fhaighinn. Sgrìobh na saidheantairean air a chùl pàipear an taic ris, ach cha deach am pàipear fhoillseachadh fhathast le iris sgoileireil, agus mar sin, cha deach lèirmheas neo-eisimeileach a dhèanamh air.
Caveat emptor mar sin, ach ma tha e ag obair, dè ur barail? An cleachdadh sibh e? Tha mi fhìn caran amharasach mu dhealan ga shruthadh tro m’ eanchainn, ach tha mi feòrachail. Dè mun lìon neuranail? An leigeadh sibh le cuideigin sin a chur nur claigeann?
Via boingboing.com, laughingsquid.com, techcrunch.com agus The Guardian.
Cha chleachdainn fhin e, ach ’s mathaid g’eil mi fas seann-fhasanta. Ach tha ceistean mu mar a dheiligeas mac an duine ri adhartasan teicneolais air faire dhuinne, saidheans ficsean ann neo as!
A thaobh Banks – ’s iomadh rud mu a leabhraichean a tha innleachdail, ach car connspaideach nan feallsanachd dhomhsa dheth. Cha robh mi-fhin a-riamh ag aontachadh le feallsanachd Banks a thaobh mar a bha e air “An Cultar” a riochdachadh – bhithinnsa air a bhith air taobh nan Ildiranach, chanainn…
Blog inntinneach ge-ta!
Dh’fheumadh trì casan a bhith agaibh mar sin! Tha mi fhìn mòran air taobh a’ Chultair, feumaidh mi aideachadh. Is e neamh anarcach a th’ ann, ach an rud a tha a’ cur beagan iomagain orm mu na h-innealan Thync seo is nach deach an dearbhadh idir. Tha iad a’ cur dealain tro d’ eanchainn, for flip sake! Fiù is mas e sruthadh beag a th’ ann, corra mA, cha bhithinnsa ga iarraidh gus an do rinneadh mòran deuchainnean air.
Trì casan? Thàinig pàirt de mo shinsearean as an Eilean Mhanainn, nach trì casach iadsan uile?
Mu dhéidhinn an inneil, cha bhiodh móran feum agamsa air … ach nam biodh seòrsa language chip ann … 🙂
Tha mi dhen aon bheachd mu language chip. Am measg a h-uile rud a bu toil leam, nam biodh lìon neuranail agam, bhiodh sin aig bàrr an liosta.
A bheil beachd agad dé Gàidhlig a bhiodh air ‘chip’ co-dhiù? Dé am facal a’s fheàrr?
Tha faclair coimpiutaireach Opera a’ moladh ’sgealb’ no ’sliseag’. Ann an ACDD, chleachd mi fhìn ’sgealban sileacoin’ air silicon chips. Faicibh:
http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/coimpiutair/
Reblogged this on An Tuairisceoir.
A chara,
An urrainn dhúinn leagan Gaeilge dhen alt seo a fhoillsughadh ar an Tuaisceoir?
Le meas
Ciarán Dunbar
Is urrainn gun teagamh! Bhiodh sin sgoinneil a Chiaráin.