Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein

grianliathTha iomadh ìre de sructar aig cànan. Aig a’ cheann shìos, tha feartan mar fhuaimneachadh agus pròsaid [prosody]; aig a’ mheadhan ìre tha feartan mar ghràmar agus briathrachas; agus aig a’ cheann shuas, tha na h-àrd-sructaran mar ghnàthasan-cainnte, sructaran conaltraidh agus dioscurs. Tha e cothromach a ràdh, an dà chuid ann an rannsachadh cànanachais agus ann an teagasg cànain, gu bheil mòran aire ga toirt dha na sructaran meadhanach, do ghràmar agus do bhriathrachas, agus nach eil an aon aire ga toirt dha na h-ìrean eile. Gu dearbh, am measg a’ phobaill, is cumanta gun tuigear cànan mar “faclan + gràmar”. (cf. Pawley 1986, 58–60) Agus air sàilleabh ’s gun gabh gràmar sgrùdadh mar rian sructarach, ’s e sin prìomh cuspair an raoin chànanachais, prìomh cuspair chànanachais ghlain co-dhiù.

Ach tha na h-ìrean eile de chànan a cheart cho cudromach ann an gnìomh, gu h-àraidh ma tha thu ag iarraidh cànan ionnsachadh chun na h-ìre gun tèid d’ aithneachadh mar labhraiche fhileanta. Tha daoine gu sònraichte mothachail do fhuaimneachadh agus do phròsaid, mar eisimpleir, agus ma tha deagh fhuaimneachadh Gàidhlig agad, agus tu ga bruidhinn le pròsaid thraidiseanta, ’s ann sa chumantas a thèid d’ aithneachadh mar labhraiche reusanta fileanta, fiù ’s mur h-eil mòran bhriathrachais agad no ma tha an gràmar agad fhathast rud beag cugallach. Agus mar a sheall Nancy Dorian (1982), is i a’ sgrùdadh ‘leth-labhraichean’ Gàidhlig, daoine a thogadh leis a’ Ghàidhlig ga bruidhinn mun cuairt orra, ach nach bruidhinn an cànan gu fileanta, ma tha thu eòlach air riaghailtean dioscurs traidiseanta, mar a bha na leth-labhraichean a sgrùd i, aithnichear mar bhall dhen choimhearsnachd chànain thu, fiù ’s gun cus comais labhairt.

’S ann anns na h-àrd-ìrean a nì mi fhìn mòran obrach nuair a bhios mi a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig, a’ sgrìobhadh anns an dàrna cànan agam. Rinn mi iomradh mar thà gun leugh mi faclairean tric, gan sgrùdadh is a’ lorg eisimpleirean de chleachdaidhean traidiseanta Gàidhlig – gnathasan-cainnte agus sructaran àrd-ìre eile – a bhios feumail dhomh nam sgrìobhadh. Tha mi gu sònraichte titheach air Faclair Colin Mark, agus leughaidh mi e, duilleag seach duilleag, a’ cumail nòtaichean anns an leabhar-là agam air na sructaran agus air na faclan ùra a chòrdas rium. Ach feumaidh mi aideachadh, air sàilleabh ’s gun deach m’ oideachadh mar shoiseochànanaiche seach mar chànanaiche ghlan, chan eil mi fhathast uabhasach cinnteach ciamar a thèid bruidhinn mu na sructaran aig an àrd-ìre seo. Chan eil mi eòlach air na bun-bheachdan agus air a’ bhriathrachas iomchaidh, agus mar sin, bha mi gu sònraichte buidheach nuair a dh’ionnsaich mi briathar ùr bho mo cho-obraiche, Nicola Cartycollocation, a shònraicheas diofar sructaran aig an ìre seo.

’S e co-ionadachadh a th’ anns an fhacal Ghàidhlig a mhol Roy Wentworth dhan bhrithear, collocation. ’S e co-ionadachadh a th’ ann an dà fhacal a thèid an cleachdadh ri chèile tric. Mar eisimpleir, ’s e dà cho-ionadachadh Beurla a th’ anns na h-abairtean, categorically deny agus deeply regret. Anns an dà abairt, tha na faclan categorically agus deeply a’ cur cuideam air na gnìomhairean deny agus regret. Tha an dà fhacal, categorically agus deeply a’ dèanamh an aon obrach, gu h-ìre mhòr, agus gu dearbh, a rèir gràmar na Beurla, faodaidh tu an suapadh – categorically regret; deeply deny. Thèid do thuigsinn; chan eil dad ceàrr leis an dà abairt gu gràmaireil, ach fhathast, mheasadh a’ mhòr-cuid de labhraichean Beurla nach eil na h-abairtean ùra seo buileach ‘ceart’ no gnathasach. Tha na co-ionadachaidhean categorically deny agus deeply regret nan gnàthasan-cainnte anns a’ Bheurla, agus gus a’ Bheurla a bhruidhinn no a sgrìobhadh ann an dòigh a mheasar ‘fileanta’, feumaidh tu co-ionadachaidhean dhen leithid ionnsachadh.

’S e bun-bheachd a th’ ann an co-ionadachadh a thèid a chleachdadh gu sònraichte ann an sgrùdadh corpais, ach air sàilleabh ’s gu bheil iad cho cudromach do luchd-ionnsachaidh cànain, thèid an sgrùdadh le rannsaichean a tha ag obair air buannachadh cànain cuideachd. Dh’ionnsaich mi am briathar air sàilleabh ’s gun tàinig mi thairis air post le Dr Carty air Facebook mu sgrùdadh ùr a sheall gu bheil luchd-ionnsachaidh a chleachdas an cànan ùr aca gu sòisealta taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg eòlach air barrachd cho-ionadachaidhean na a’ chuid nach chleachd. Tha mi fhìn mothachail nam obair mar òraidiche gu bheil mòran chalcan [calques] ùra bhon Bheurla air tighinn a-steach dhan Ghàidhlig air sàilleabh ’s nach eil labhraichean òga agus labhraichean ùra tric cho eòlach air co-ionadachaidhean traidiseanta, gu h-àraidh air gnìomhairean abairteach [phrasal verbs] anns a’ Ghàidhlig.

Canaidh sinn gnìomhairean abairteach ri gnìomhairean a dh’atharraicheas ciall a rèir nan roimhearan, nan ainmearan no nam faclan eile a thèid an cleachdadh taca riutha. Tha a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig làn dhiubh. Mar eisimpleir, anns a’ Bheurla, tha an gnìomhair againn, run, a tha a’ ciallachadh, gu sìmplidh, ‘ruith’ leis fhèin, ach ma chuireas tu roimhearan eile ris, gheibh tu gnìomhairean eadar-dhealaichte. Tha run up a’ ciallachadh meudachadh rudeigin, mar, running up a big room-service bill in Vegas. No tha run through a’ ciallachadh sàth rudeigin tro rudeigin eile, mar, I ran a stake through the sparkly vampire’s heart.

Tha gnìomhairean abairteach a’ toirt dhuinn mòran dhen chumhachd agus dhen t-sùbailteachd a th’ againn nar cuid Gàidhlig no nar cuid Beurla. Tha iad thar luach ann an sgrìobhadh cruthachail, ma bhios e, an dà chuid, gnàthasach agus togarrach, ach dh’fhaodadh iad a bhith nan trioblaid do labhraichean ùra, oir, chan eil gnìomhair abairteach anns an dàrna cànan daonnan a’ ciallachadh an aon rud anns a’ chànan eile. Mar eisimpleir, tha take on anns a’ Bheurla a’ ciallachadh gabhail os làimh (am measg rudan eile), ach tha ‘gabh air’ anns a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh pretend, beat no continue (am measg rudan eile). Sin aon adhbhar ’s gur toil leam fhìn Faclair Mark cho mòr: ’s gu bheil e uabhasach math a thaobh nan gnìomhairean abairteach agus a thaobh cho-ionadachaidhean eile, le trì duilleagan slàn a-mach air abairtean le ‘gabh’ mar eisimpleir.

Mar ùghdar agus mar rannsaiche, tha a’ chuspair seo uabhasach inntinneach dhomh, ged nach d’fhuair mi oideachadh ceart innte. Bhiodh ùidh agam ann am barrachd bhun-bheachdan ceangailte ris a’ chùis. Ma tha sibh eòlach air briathran ceangailte ri abairteòlais [phraseology] no ri sgrùdadh àrd-sructaran eile ann an cànanan, bu mhath leam gu mòr ionnsachadh mun deidhinn. Ceud mìle taing!

Dorian, Nancy C. (1982) “Defining the speech community to include its working margins.” Ann an: Sociolinguistic Variation in Speech Communities, Suzanne Romaine (deas.), London: Edwand Arnold, 25–33.

Pawley, Andrew (1986) “On Speech Formulas and Linguistic Competence.” Kansas Working Papers in Linguistics 11, 47–87.

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s