Luaithead-teicidh?

Bha mi a’ leughadh tro Dwelly an latha eile — dhiup, chan eil beatha agam — agus thachair mi ris an fhacal, teòthad, ga mhìneachadh le Dwelly mar degree of heat, agus thàinig e a-steach orm, duh … sin a’ Ghàidhlig air temperature. Feumas gu bheil mi tiugh, ach gu ruige sin, cha robh mi eòlach air facal air temperature anns a’ Ghàidhlig, ga thuigsinn mar sgèile °C no °F, agus ann an còmhradh Gàidhlig, chleachdainn am facal Beurla air iasad. Cha chreid mi gun cuala mi teòthad air aithris na tìde air Radio nan Gàidheal, chan eil cuimhne agam, ach saoilidh mi gum biodh e freagarrach.

Beagan ron sin, lorg mi am facal, searbhad ann an Dwelly, ga mhìneachadh mar degree of bitterness, sourness, harshness or severity, agus smaoinich mi, seagh, is dòcha gur e searbhad am facal Gàidhlig ceart air acidity (pH) anns a’ Ghàidhig. ’S e searbhag am facal a th’ aig Mark agus a th’ aig an t-Seotal air acid, agus mar sin, saoilidh mi gu bheil acidity no ‘degree of acidness’ ga riochdachadh gu math le searbhad.

A’ smaoineachadh anns an dòigh seo, tha iomadh facal anns a’ Ghàidhlig gan dèanamh leis an leasachan -ad — ann an co-fhreagairt air an leasachan -ness anns a’ Bheurla —  a dhèanadh deagh eadar-theangachadh air faclan saidheansail teicnigeach a tha a’ ciallachadh degree of rudeigin. Seo liosta goirid a lorg mi ann an Dwelly, le beachd air a’ bhriathar theicnigeach a fhreagradh orra:

dealraichead — degree of brightness — luminosity?
luaithead — degree of swiftness — velocity?
searbhad — degree of bitterness — acidity?
teòthad — degree of heat — temperature?
tomad — bulk, largeness (tomuilt) — mass?

Gu dearbh, chì mi gu bheil An Seotal a’ dol le tomad air mass. Agus tha mi cinnteach, le beagan smaoineachaidh gun b’ urrainnear iomadh briathar teicnigeach, saidheansail eile a chruthachadh, a’ cleachdadh an leasachain -ad anns an dòigh seo.

Nis, seo a’ cheist: chleachd mi luathas air velocity  ann an ACDD, agus mar sin, ’s e luathas-teichidh a chleachd mi air escape velocity agus a chleachd mi mar thiotal dhan chiad chaibideil, ach an robh mi ceàrr? Am bu chòir dhomh luaithead-teichidh a chleachdadh na àite? Dè ur beachd?

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to Luaithead-teicidh?

  1. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Ann am faclair Maclennan, ’s e ’speed’ a th’ aige air luathad, agus tuairisgeul nas mionaidiche air :’luathas’ (f) fleetness, speed, fastness, quickness, swiftness of foot; earliness; luathas an fhoghair, the earliness of the harvest. An e ’degree of speed’ a th’ ann an ‘velocity’? Mas e, ’s dòcha gur e luathad as fheàrr.

    • Thuirt lasairdhubh:

      Dhea, is e ceist chudromach a th’ ann. Ann an seann Ghàidhlig, cha bhite an dùil gun dèanadh labhraichean diofar eadar ’speed’ agus ‘velocity’, ach ann an còmhradh saidheansail, tha diofar mòr eadar an dà bhriathar, agus tha e deatamach gu bheil dà fhacal againn sa Ghàidhlig air an dà bhun-bheachd. Is e an aon rud le weight agus mass. Ann am fiosaics, tha ciall sònraichte air mass a tha eadar-dhealaichte bho weight. Tha mi toilichte faicinn gu bheil An Seotal a’ sònrachadh an diofair seo le dà fhacal: cuideam air weight agus tomad air mass, mar bu chòir.

  2. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

  3. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Seadh, dìreach. Tha faclan aig Gàidhlig diofar ìrean de luathas. Gheibhear mar eisimpleir: “braise-lìonaidh”, ’s e sin an tìde-mhara aig a h-astar as àirde, no sa Bheurla, flow-tide (at its greatest velocity). Mar sin, gheibhear “braisead airson “rapidity”. ‘S e luas a th’ aca air an Èirinn. http://www.teanglann.ie/ga/eid/velocity

    • Thuirt lasairdhubh:

      Tha mi a’ faicinn, air tearma.ei, gu bheil iad a’ moladh ‘treoluas’ air velocity mar rate of change of position agus ‘luas’ air velocity mar speed. Le velocity mar rate of change of position, tha mi an dùil gu bheil iad a’ ciallachadh velocity teicnigeach, mar a thuigear ann am fiosaics e, mar speed + direction, agus le luas, tha mi an dùil gu bheil iad a’ ciallachadh velocity ‘cumanta’, e.g. speed mar a chleachdas sinn gu làitheil e. Is e treoluas éalaithe a th’ aca air escape velocity.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s