A’ moladh Mark

MarkIs gasta linn uile am faclair aig Edward Dwelly.  ’S e miorbhail a th’ ann gun deach a chruinneachadh idir agus tha e luachmhor thar tomhais, ach aig a’ cheart àm, tha e doirbh a chleachdadh ann an iomadh dòigh.  Chan eil eisimpleirean gu leòr anns an fhaclair aig Dwelly de dh’fhaclan suidhichte ann an co-theacsa agus mar sin, leughar mòran seann fhaclan anns an fhaclair aige a bhiodh gu math feumail fhathast is dòcha, ach gun bheachd idir air ciamar a thèid an cleachdadh gu ceart.

Cha chanar an aon rud mun fhaclair aig Colin Mark.  Fo gach ceann, chuir Mark mòran eisimpleirean de na faclan air an cleachdadh ann an diofar sheaghan.  Le cànanan Ind-Eòrpach, tha e gu sònraichte cudromach gun tuigear mar a thèid ciall ainmearan agus ghnìomhairean atharrachadh a rèir cò na roimhearan ris an tèid an cleachdadh, agus tha am faclair aig Mark gu h-àraidh làidir a thaobh seo.  Cuideachd, on a chaidh am faclair a chruinneachadh agus Mark a’ cleachdadh litreachas na ficheadamh linne mar bhun-stèidh, thathar an earbsa gu bheil na faclan uile fhathast cumanta gu leòr agus a cheart cho freagaireach do sgrìobhadh anns an aonamh linn air fhichead.

Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ACDD, chaidh mi tron fhaclar aig Mark, ga leughadh duilleag seach duilleag mar nobhail, agus a’ gabhail nòtaichean.  Gu dearbh, reub mi dà leth-bhreac nam mìrean ri linn dhomh an nobhail a sgrìobhadh.  B’ e cleas cudromach a bh’ ann a chum am briathrachas agam a leudachadh ann an dòigh a fhreagradh air nobhail fhicsean-saidheans, ach cuideachd, b’ e togail-inntinn a bh’ ann dhomh.  Fhad ’s a bha mi ga leughadh, thàinig iomadh beachd ùr thugam a thaobh cleachdadh cànain, seantansan ùra, agus rudan a thachradh anns an sgeulachd fhèin.  ’S e tobar dhomhainn a th’ anns an fhaclair seo de bheartas na Gàidhlig.  Tha e gu math daor ceart gu leòr (agus gu brònach, tha an ceangal cianail brisg airson faclair a chleachdar gach latha – nàire air Routledge) ach ’s fhiach e gu cinnteach, agus mholainn e do dhuine sam bith, ge be ciamar a chleachdas iad an cuid Gaidhlig nam beatha.

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to A’ moladh Mark

  1. Thuirt Sukie:

    Tha mi a’ dol leat. Mar leughadair, ’s e MARK as fhearr – nas fheumaile na Dwelly. Tha Mark a’ tuigsinn gu bheil ‘co-theacsa’ cudromach, agus tha fior smachd ciallach aige air rudan mar gramar. Tha na h-eisimpleirean a tha mi a’ faighinn bho Mark fior mhath.

    Tha direach ‘knack’ aige air an leughadair a thuigsinn, feuch de tha dhith oirnn. Chan eil mi a’ faighinn sin ann an riochd Dwelly sam bith, math ’s gu bheil iad.

  2. Pingback: Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein | Air Cuan Dubh Drilseach

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply