Author Archives: lasairdhubh

No Man’s Sky

Sgrìobh mi post o chionn greis mu dhubh-fhacail Fermi agus air a’ chuspair sin, mholainn a’ bhideo ùr spòrsail seo aig Kurz Gesagt: Anns a’ phost a sgrìobh mi, shònraich mi aon fhuasgladh inntinneach dhan dubh-fhacail, agus ’s e sin gum fàsadh fìorachd ghu-bhith cho … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Sgrìobh beachd

Factaraidhean gun obraichean (beò)

“It is necessary to replace human workers with robots…” Di Suoling, head of Taiwan Business Association O chionn greis, chuir mi post suas mun bhideo, Humans Need Not Apply, le CGP Grey, agus esan am beachd gun tig an latha an ceann tamaill … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 3 beachd(an)

Robotan Cogaidh

Bha mi aig dìnnear le caraid an latha eile, agus dh’iarr i orm, ann an da-rìribh, an do chreid mi gun tigeadh an latha nuair a dh’fhàsadh coimpiutairean fèin-mhothachail mar a chaidh a dhealbhadh anns an nobhail agam? Dh’fhreagair mi, gu dearbh, … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an saibeirneatachd | 3 beachd(an)

Leabhar-èisteachd

Tha mi uabhasach toilichte innse gu bheil sinn ag obair an-dràsta air leabhar-èisteachd de ACDD a thig a-mach uaireigin tràth anns an t-samhradh seo tighinn. Chuir CLÀR ACDD air adhart ann am farpais a chùm Foillseachadh Alba, ann an co-bhonn ris an Royal … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 4 beachd(an)

Ne: neon no nìon? Ceist a’ bhriathrachais theicinigich sa Ghàidhlig

Speactram slàn nìon, Coitcheannas Cruthachail le Jan Homann An rèis cànanachais agus soiseochànanachais, is cinnteach nach coinnichear ri cuspair cho tòcail connspaideach ri dealbhadh corpais. Bho shusbaint na cuspair, cha bhite an dùil ris. Tha dealbhadh-corpais cho tioram fuar, air an uachdar co-dhiù, ach … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 9 beachd(an)

Fìorachd ghu-bhith, hipeitis Bostrom agus dubh-fhacal Fermi

Chithear anns a’ bhideo gu h-àrd staid na h-ealain ann am fìorachd ghu-bhith choimpiùtaireach, Unreal Engine. ’S ann do geamaichean coimpiùtair a chaidh a dhèanamh, ach ’s urrainnear a chleachdadh ann an tionnsgnaidhean gu-bhith sam bith. Tha am fìorachas ann cho iongantach, ga … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an fànas, naidheachd | 1 bheachd

Eachtradh agus litreachas eachtrannach

The earliest novelists discovered adventure. Thanks to them we find adventure itself beautiful and wish to have it. — Milan Kundera, The Art of the Novel, 1986, td. 122. As dèidh dhomh am post mu dheireadh a sgrìobhadh agus as dèidh … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | 29 beachd(an)

Ficsean saidheans ann an Gàidhlig na h-Èireann

Thug Fearghas MacFhionnlaigh alt inntinneach dham aire, Science Fiction and Fantasy in the Irish Language le Philip O’Leary aig Colaiste Boston anns na Stàitean. Tha an t-alt beagan sean a-nis, ach a’ sgrìobhadh ann an 2005, mheas O’Leary nach robh mòran ficsean-saidheans ann an … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 6 beachd(an)

Beachlann Shrutha

Na innsibh dhomh nach e ficsean-saidheans a tha seo! Seallaibh air an dealbh ùr do bheachlann a tha seo. Leigidh na beachlannan snasail seo leat mil a bhuain gun a bhith a’ cur dragh air na beachan agus gun bhuaireas mòr. Thòisich mi … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | 2 beachd(an)

Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig

Bha adhbhar agam an tasglann dideatach ùr, DASG, a chleachdadh an seachdain seo, agus dìos-o, abair goireas. Rannsachadh a thoireadh mòran ùine roimhe, a’ rùsladh tro fhaclairean is tro leabhraichean eile, rinn mi ann an corra dhiog ann an DASG. Seo na … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)