Category Archives: corpas ficsean-saidheans

Daor-chleachdadh

Dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air ‘exploitation’ anns an t-seagh shònraichte a’ ciallachadh a bhith a’ cleachdadh cuideigin no rudeigin ann an dòigh mhì-chothromach no neo-bheusach, mar a mhìnich an OED: “The action or fact of taking advantage of something … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Air a thagadh , , , | 2 beachd(an)

Tùr Innealta

Ciamar a chanar artificial intelligence anns a’ Ghàidhlig? Nuair a thig teicneòlas ùr sam bith am bàrr, daonnan ’s e ceist a th’ ann—anns a h-uile cànan ach a’ Bheurla mar as tric—dè briathar ùr a chleachdar air an teicneòlas … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Air a thagadh , , , | 5 beachd(an)

Coimheagar

Chan eil diù a’ choin agam do glainead na Gàidhlig. Bidh cànanan daonnan a’ gabhail iasad air faclan is abairtean bho chànanan eile. ’S e gnìomh cudromach, àbhaisteach a th’ ann ann am mion-fhàs cànain sam bith. ’S mar sin, … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 1 bheachd

in-spreigeadh

Fhad ’s a bhios mi ag obair air an ath nobhail FS agam, bidh agam ri briathrachas a chruthachadh bho àm gu àm gus bun-bheachdan teicnigeach/saidheansail a chur an cèill, agus anns a’ bhlog seo, air uairibh, bu toil leam … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Cosg cidhis, a chlibire!

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

B’ eòlach do sheanair air veigeán!

Ceangailte ri pròiseact foillseachaidh a thig a-mach an ceann tamaill, bha mi fhìn agus caraid a’ beachdachadh air na faclan vegan agus vegetarian agus dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid orra. Tha mi fhìn nam vegi agus bha mi nam vegan … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 3 beachd(an)

Am Billeanamh Cù (td. 184)

Dè rinn sibhse thar saor-làithean a’ Mhòid? Innsidh mi dhuibh na rinn mise: leugh mi 300 duilleag dhen leabhar ghràmair ùr aig Richard Cox, Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, agus chan eil mi deiseil fhathast. Abair leabhar! Tha feum mòr againn air … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 4 beachd(an)

Briathrachas bheachan

Mar a sgrìobh mi roimhe, b’ àbhaist dhomh beachan a chumail nuair a bha mi òg, agus tha ùidh mhòr agam annta fhathast, ged nach eil àite agam dhaibh an-dràsta far a bheil mi a’ fuireach. Tha mi air a … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 2 beachd(an)

Mearan is dàsachd

Bha mi a’ lorg facal ùr air “insanity” do sgeulachd a bha mi a’ sgrìobhadh an latha eile. Bha mi air cus feum a dhèanamh de na seann charaidean mar ‘cuthach’ is ‘boile’ agus bha mi a’ lorg facal a … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 5 beachd(an)

ACDD air Raidió na Life

B’ ann beagan sheachdainean air ais a rinn Róisín Adams on phrògram litreachais, Aon Scéal air Raidió na Life, agallamh le Eoin P. Ó Murchú mun eadar-theangachadh a tha e a’ dèanamh air ACDD bho Ghàidhlig na h-Alba gu Gàidhlig na h-Èireann, agus … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd