Dè rinn sibhse thar saor-làithean a’ Mhòid? Innsidh mi dhuibh na rinn mise: leugh mi 300 duilleag dhen leabhar ghràmair ùr aig Richard Cox, Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, agus chan eil mi deiseil fhathast. Abair leabhar! Tha feum mòr againn air ge-tà, agus tha mi an dòchas gum bi fèill mhòr air cuideachd, oir rinn Richard saothair na sgrìobhadh a tha doirbh a chreidsinn. Tha iomadh gràmar againn nan cuimse air cloinn-sgoileadh no air luchd-ionnsachaidh, ach b’ e seo a’ chiad ghràmar Gàidhlig iomlan a chaidh fhoillseachadh bhon a chuir George Calder an gràmar aigesan an clò ann an 1923. Mur eil sibh eòlach air an stoidhle aig Richard, tha e a’ toirt beagan ùine fàs cleachdte rithe. ’S e stoidhle theann a th’ ann, làn ghiorrachaidhean agus briathrachais theicnigich, ach tha Sanas Bhriathar coimhleanta aig toiseach an leabhar gur cuideachadh, agus tha an gràmar air fad ann an riochd chnàmhan a nì e uabhasach furasta fiosrachadh sònraichte a lorg. Chan eil beud air, agus saoileam gun cuir mi ri taobh an fhaclair aig Colin Mark e agus gun dèan mi rùrach ann a h-uile latha. B’ e an aon trioblaid a bhiodh an sin ’s gum feumainn fear eile a cheannach. Bidh mi ag iarraidh fear san oifis cho math ri fear aig an taigh, agus cha bu mhath leam a ghiùlan air ais agus air adhart nam phoca a h-uile madainn is feasgar; aig 450 duilleag, tha e cho tomadach ri tarbh!
Richard A. V. Cox (2017) Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig. Ceann Drochaid: Clann Tuirc.
Bu toil leam ‘geàrr-phrìs’ a fhaighinn airson a’ Gheàrr-Gràmair seo 😉
Tha leabhar dhen t-seòrsa seo thar tomhais luachmhor do luchd-teagaisg agus oileanaich na Gàidhlig mar an ceudna. Chuir Ridseard bloighean gràmair a-mach o chionn grunn bhliadhnaichean, agus abair gun robh na bloighean seo aig inbhe àrd.
Uill, ’s dòcha gu bheil sibh ceart, ach chan urrainn dhomh pàirt an leabhair seo faicinn as aonais a’ chlàir-innse a-mhàin. Tha Calder agamsa cheana (le £3 sgrìobhte ann!) agus bu toil leam coimeas a dhèanamh eadorra, ach tha sin do-dhèanta gun caitheamh £20 aig a’ chiad dol a-mach 😦
Cuideachd, mholainn na fo-nòtaichean gu sònraichte. Seo far an do chuir Richard a’ chùl-eachdraidh agus mar a leasaich an cànan thar nam bliadhnaichean. Gu math spòrsail is inntinneach.