B’ eòlach do sheanair air veigeán!

farrasgag
Ceangailte ri pròiseact foillseachaidh a thig a-mach an ceann tamaill, bha mi fhìn agus caraid a’ beachdachadh air na faclan vegan agus vegetarian agus dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid orra. Tha mi fhìn nam vegi agus bha mi nam vegan fad greis mhòr nuair a bha mi òg. Nuair a bhios mi a’ bruidhinn orm fhìn sa Ghàidhlig, cleachdaidh mi glasraiche, agus saoilidh mi gu bheil sin reusanta stèidhichte agus so-thuigsinn, ach chan eil fios agam dè a bu chòir dhuinn cleachdadh air vegan.

A thaobh nan Èireannach, ’s e veigeán (vegan) agus veigeatóir (vegetarian) a mholar air tearma.ie (ug!), ach tha facal nas sine ann, feoilséantóir (vegetarian), a mholar anns an fhaclair aig Ó Dónaill, agus ’s e sin a chleachdas caraidean dhomh ann an Èirinn a Tuath.

’S e pàirt dhen trioblaid nach eil a’ Bheurla fhèin buileach soilleir, ciallach a thaobh nam faclan a chleachdar. ’S e vegetarian cuideigin a bhios a’ seachnadh feòil, ach a dh’itheas uighean, bàine, càise agus a leithid. Chan e tràth-bìdh stèidhichte air vegetables a-mhàin a tha sin idir. B’ e sin veganism. Mar thoradh, tha am briathar Èireannach, feoilséantóir, i.e. cuideigin a bhios a’ seunadh no a’ seachnadh feòil, fada na mìneachail, ciallaich na vegitarian anns a’ Bheurla.

Mar sin, mhol mi fhìn dhan charaid agam bu dòcha gum bu chòir dhuinn feoil-sheunadair a chleachdadh air vegetarian agus glasraiche no lusadair a chleachdadh air vegan. Bhiodh sin a’ dèanamh ciall a thaobh brìgh nam briathar, ach mhol mo charaid bu dòcha gum biodh e na b’ fheàrr cleas na Gàidhlig a leantainn a thaobh ìrean no chaiseadan, a’ dèanamh feum às na ro-leasachain sàr-, fìor- no làn-. Air an alt sin, mhol esan glasraiche air vegetarian agus làn-ghlasraiche air vegan.

Hmm, chan eil mi cinnteach. Dè do bheachd?

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to B’ eòlach do sheanair air veigeán!

  1. Thuirt Marconatrix:

    Uill … mar sin ’s docha gu bheil mise ’nam fheoil-sheunadair … ach ’s toigh leam iasg (uighean cuideachd) ???

  2. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Tha “luibh-bheathaiche” air vegetarian ann an liosta fhaclan a chruinnich Ailg O’Henley an 1987 an Ìle air làrach DASG.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s