in-spreigeadh

Fhad ’s a bhios mi ag obair air an ath nobhail FS agam, bidh agam ri briathrachas a chruthachadh bho àm gu àm gus bun-bheachdan teicnigeach/saidheansail a chur an cèill, agus anns a’ bhlog seo, air uairibh, bu toil leam innse mu chuid dhe na taghaidhean a rinn mi, feuch dè tha sibhse a’ smaoineachadh umhpa.

Cha chreid mi gu bheil deagh fhacal againn anns a’ Ghàidhlig air instinct anns an t-seagh bhitheòlach, mhion-fhàsach. Tha Dwelly a’ moladh nàdar, agus tha sin a’ freagairt air instinct anns an t-seagh choitcheann, ach chan eil e a’ freagairt air a’ chiall theicnigeach, cha chreid mi, mar ghiùlan aig creutair a tha air a phrògramadh na eanchainn le mion-fhàs. Tha nàdar ro choitcheann anns an t-seagh seo. Chan eil anseotal.org.uk a’ moladh sìon, agus chan eil na Raghall MacLeòid agus Ruairidh MacThòmais anns an leabhar aca, Bith-Eòlas.

Mar sin, mholainn gun togar briathar air na freumhan Laidinn. Tha instinct a’ tighinn bho instinctus a tha a’ ciallachadh impulse, bho instinguere, na chothlamadh dhen ro-leasachan in- agus dhen ghnìomhair stinguere a tha a’ ciallachadh to prick. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil in-spreigeadh a’ riochdachadh na cèille seo gu math, agus ann an co-theagsa, saoilidh mi gu bheil a chiall reusanta soilleir bho eileamaidean.

Dè tha sibhse a’ smaoineachadh. Leigibh fios!

T-Rex ScottRobertAnselmo CC BY-SA 3.0.

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 Responses to in-spreigeadh

  1. Tha facal “instinn” aig na h-Èirinnich. Facal boireann —
    “an instinn”, “na hinstinne”.
    https://www.focloir.ie/en/dictionary/ei/instinct

  2. Thuirt steaphan:

    Tim
    ‘S e “imfhios” a th’aig Stòrlann air instinct a rèir briathrachas saidheans a dheasaich SMO son nan sgoiltean.

    Ann an seann sgrìobhaidhean mu fhiadh-bheathaichean, theireadh iad “buadh nàdarra” ri instinct.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply