Mar a sgrìobh mi roimhe, b’ àbhaist dhomh beachan a chumail nuair a bha mi òg, agus tha ùidh mhòr agam annta fhathast, ged nach eil àite agam dhaibh an-dràsta far a bheil mi a’ fuireach. Tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh mu bheachan o chionn ghoirid cuideachd, agus a’ rannsachadh briathrachas — cuid sean, cuid ùr — ceangailte riutha. Seo na th’ agam mar-thà:
beachair — colanaidh bheachan nàdarra.
beachlann — bocsaichean anns an cumar beachan.
beachlannach — àite far an cumar beachan; apiary.
beachlannair — cuideigin a chumas beachan.
bocsa-àil — bocsa ann am beachlann anns an àraich na beachan an ath ghinealach aca.
bocsa-meala — bocsa ann am beachlann anns an taisg na beachan a’ mhil aca.
colanaidh — teaghlach de bheachan, le banrigh, obraichean, agus lunndairean na lùib.
lunndair — beach fireann; drone.
sgaoth — colanaidh bheachdan a’ dèanamh imrich.
sgeap — beachlann thraidiseanta; skep.
Dè ur barail?
Dealbh CC 4.0 Maciej A. Czyzewski.
Có as a thàinig am facal ‘lunndair’, ‘eil ‘fhios agaibh?
Tha Dwelly a’ moladh ’seillean-lunndach’ air drone bee, agus airson sìmpleachadh, chaidh mise le ‘lunndair’ fhèin, a tha cuideachd a’ ciallachadh drone, ged nach eil iomradh air drone bee gu sònraichte. Seo am mìneachadh aig MacBain: lunndair, a sluggard; cf. Fr. lendore, an idle fellow, from M.H.G. lentern, go slow, Du. lentern. Br. landar, idle, is borrowed from the Fr.