Tag Archives: Gaelic

Iomall le Alistair Paul

Dh’fhoillsich Nathaniel Harrington lèirmheas smaoineachail air Iomall le Alasdair Paul anns a’ Glasgow Review of Books seachdain sa chaidh a thug e orm beachdachadh bu dòcha gum bu chòir dhomh an leabhar aige a leughadh a-rithist. Thug Alasdair còir cothrom … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Air a thagadh , , | Sgrìobh beachd

Baile Mòr Roc!

Bha tòrr spòrs agam aig OH!CON am bliadhna ann an Steòrnabhagh. Seo a’ chiad turas a bha mi a-riamh aig a’ cho-labhairt seo, agus bha e sgoinneil. Mholainn gu mòr e. Ceud taing dhan a h-uile duine a thàinig a … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Air a thagadh , , , , | 1 bheachd

OH!CON 2026

Ma bhios sibh faisg air Steòrnabhagh air Disathairne an treasamh latha dhen Dàmhair, tha mi a’ dol a bhith a’ bruidhinn anns an t-seisean Ghàidhlig aig OH!CON 2026. Nach tig sibh ann! Cha robh mi a-riamh aig a’ cho-labhairt seo, … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

An Luingeas Dorcha: Cainnt an t-Seòladair

Tha mi air meanbh-fhaclair dhen bhriathrachas-sheòlaidh anns an Luingeas Dorcha air Fàire a chruthachadh, agus gheibhear an seo i, ach shaoil mi gur dòcha nach dèanadh na mìneachaidhean an sin cus ciall do chuid nach eil tuilleadh is eòlach air … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Air a thagadh , , , , , | 1 bheachd

Cymera 2026

Bha fìor dheagh àm agam aig an fhèis Cymera ann an Dùn Èideann am bliadhna. Bha mi air an àrd-ùrlar còmhla ris an ùghdar à Glaschu, Robin C.M. Duncan, is sinne a’ bruidhinn ri Màiri Kidd mu sgrìobhadh ficsean-saidheans ann … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Air a thagadh , , , | Sgrìobh beachd

Tha iad ann an clò!

Tha mi toilichte a ràdh gu bheil an nobhail ùr agam, An Luingeas Dorcha air Fàire, a-nis anns na bùithtean! Cuideachd, rinn CLÀR ath-chlò-bhualadh dhen chiad nobhail anns an t-sreath, Air Cuan Dubh Drilseach, agus tha sin ri faighinn a-nis … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Air a thagadh , , , | 2 beachd(an)

Aig a’ chlò-bhualadair

Tha i gu bhith deiseil, is tha i mòr: 615 duilleagan! Bidh i air na sgeilpichean ro dheireadh a’ mhìosa, tha sinn an dòchas. Is nach eil an còmhdach brèagha!! Mo thaing do Phineas X Jones a tharraing an dealbh. … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an naidheachd | Air a thagadh , , , , | 1 bheachd

Cymera 2026

Ma bhios sibh ann an Dùn Èideann anns an Ògmhios, bidh mi aig an fhèis-leabhair Cymera a-rithist am bliadhna, air Dihaoine, an 5mh latha, far am bi mi a’ bruidhinn mun leabhar ùr agam, An Luingeas Dorcha air Fàire. Ma … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd | Air a thagadh , , , , | Sgrìobh beachd

Nad Aislingean — Lasair san Adhar

B’ ann fada air ais anns an Iuchar 2024 a thàinig mi fhìn agus na riochdairean-ciùil, Ill Equipped agus J-Rock, ri chèile air a’ cho-chomann agam, the Institute of Applied Piracy, anns na beanntan anns an Leth-eilean Oilimpeach faisg air … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an ceòl | Air a thagadh , , | Sgrìobh beachd

Daor-chleachdadh

Dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air ‘exploitation’ anns an t-seagh shònraichte a’ ciallachadh a bhith a’ cleachdadh cuideigin no rudeigin ann an dòigh mhì-chothromach no neo-bheusach, mar a mhìnicheas an OED: “The action or fact of taking advantage of something … Cum ort a leughadh →

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | Air a thagadh , , , | 2 beachd(an)