Author Archives: lasairdhubh

Beag air Bheag

Cò bh’ ann an sgrìobhaiche na seachdain air Beag air Bheag seachdain sa chaidh ach mi fhìn! Air a’ phrògram, leugh mi a’ chiad earrann bhon nobhail do dh’inbhich òga agam, Feur Buidhe an t-Samhraidh. Èistibh an seo (briog air … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Togail Chaisteal anns na Neòil le Dòmhnall Moireach

Thàinig mi thairis air sgeulachd fhicsean-saidheans thràth eile aig an deireadh-sheachdain is mi a’ leughadh tro Rosg an Ealain air a dheasachadh le Alasdair I. MacAsgaill. ’S e Rosg an Ealain cruinneachadh de sgeulachdan goirid agus rosg goirid eile air … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | Sgrìobh beachd

Fear ùr eile bho Kneecap

Iontach maith!

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd

‘Am Putan Dearg’ le Fionnlagh I. MacDhòmhnaill

Tha Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig a’ cur na tasglainn aca ann an rian uair an-dràsta, agus an cois na h-obrach seo, tha iad a’ reic cuid dhe na seann leabhraichean aca: leth-bhreacan a bharrachd no leabhraichean air an caitheamh le … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth | Sgrìobh beachd

Maighstir Robot

’S e Maighstir Robot am prògram t.bh as fheàrr leam an-dràsta, agus chan eil an sgot as lugha agam carson nach eil e nas mòr-chòrte na tha e. Chainte gur e seòrsa ficsean-saidheans ‘co-aimsireil’ a th’ ann, a-mach air teicneòlas … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Fasan Fànais agus So-fhaicsinneachd

Nuair a bha sinn a’ cruthachadh a’ chòmhlain-chiùil theicneo againn, Nad Aislingean, bha mi fhìn agus mo charaid, Anna Ròc, gu math titheach air a’ chòmhlan mas-fhìor, Gorillaz, agus a’ leantainn a’ chleas aig Damon Albarn agus Jamie Hewlett, chruthaich mi … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an Ficsean-saidheans | 1 bheachd

Ciom-Tì

Mmmm, is toil leam ciom-tì. Tha mi beò air an stuth. Teth, saillte, agus tòrr Lactobacillus beò. Nuair a bha mi òg an Seattle, b’ àbhaist dhomh torran ciom-tì ithe mus do thuig mi nach robh an stuth traidiseanta buileach … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an punc | Sgrìobh beachd

B’ eòlach do sheanair air veigeán!

Ceangailte ri pròiseact foillseachaidh a thig a-mach an ceann tamaill, bha mi fhìn agus caraid a’ beachdachadh air na faclan vegan agus vegetarian agus dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid orra. Tha mi fhìn nam vegi agus bha mi nam vegan … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans | 3 beachd(an)

Duineasor

Anns a’ Chèitean, 1982, chaidh alt fhoillseachadh anns an iris, Omni, mu dheidhinn teòiridh a chuir air adhart, bu dòcha, gun do mhion-fhàs dineasaran chun na h-ìre ’s gun do dh’fhàs iad glic agus gun do chruthaich iad an sìobhaltas aca … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an naidheachd | 1 bheachd

Falman

’S e dithis bhalach òga à Beul Feirste an Iar a th’ ann an Kneecap, còmhlan hip-hop a leagas an cuid dhàn ann an Gàidhlig na h-Èireann, làn drabastachd, dhrugaichean is droch fhacal. Tha a h-uile duine a’ bruidhinn umpa … Cum ort a leughadh

Air a phostadh ann an ceòl | Sgrìobh beachd