’S e dithis bhalach òga à Beul Feirste an Iar a th’ ann an Kneecap, còmhlan hip-hop a leagas an cuid dhàn ann an Gàidhlig na h-Èireann, làn drabastachd, dhrugaichean is droch fhacal. Tha a h-uile duine a’ bruidhinn umpa an dèidh dhaibh a bhith air am bacadh le RTE. Chan eil mi fhìn cinnteach fhathast, ach tha mi a’ smaoineacheadh gur toil leam iad. Dè ur beachd-se?