Anns a’ Chèitean, 1982, chaidh alt fhoillseachadh anns an iris, Omni, mu dheidhinn teòiridh a chuir air adhart, bu dòcha, gun do mhion-fhàs dineasaran chun na h-ìre ’s gun do dh’fhàs iad glic agus gun do chruthaich iad an sìobhaltas aca fhèin fada mun do ràinig mac an duine an Talamh. Nis, b’ e bioball nan neardaichean a bh’ ann an Omni. Bhithinn ga leughadh le dìorras tric is minig, agus ged nach robh mi ach 14 bliadhna a dh’aois aig an àm, tha cuimhne agam fhathast air an dealbh dhen bhiast mholta, ‘an Dinosauroid’ (clì), a nochd taca ris an alt. Tha e sgoinneil nach eil? Coltach ri Sleestak. Obh, bha eagal orm ro na Sleestakan nuair a bha mi òg, ach tha dreach car laghach air an fhear seo.
Uil, mar a thachras, rinneadh cnuasachadh air a bheachd a-rithist o chionn greis ann an alt sgoileireil a nochd anns The International Journal of Astrobiology: “The Silurian hypothesis: would it be possible to detect an industrial civilization in the geological record?” le Gavin A. Schmidt agus Adam Frank. B’ e am beachd aig na h-ùghdaran, na robh a leithid air tachairt, bhiodh e uabhasach doirbh sgeul a lorg air an t-sìobhaltas aca anns a’ chlàr chruinneòlach. Ged nach eil fianais sam bith againn gun robh duineasoran a-riamh a’ coiseachd na Talmhainn, chan urrainn dhuinn le cinnt a ràdh nach robh iad ann uaireigin.
Gu pearsanta, bu toil leam creidsinn nach bu sinne na h-aon bhiastan tùrach a dh’èirich air an Talamh. Cò aige a tha fios? Is dòcha gu bheil na duineasoran beò fhathast, am falach ann am fànas, a’ coimhead oirnn agus a’ feitheamh gus am meas iadsan gur fiach e conaltradh rinn. Dè ur beachd-sa?
Via boingboing.net.
A bheil sibh ag ràdh gu’n dh’fhàg iad an talamh mus do bhuail an sgeith-rionnaige? 😉