Fasan Fànais agus So-fhaicsinneachd

nad aislingeanNuair a bha sinn a’ cruthachadh a’ chòmhlain-chiùil theicneo againn, Nad Aislingean, bha mi fhìn agus mo charaid, Anna Ròc, gu math titheach air a’ chòmhlan mas-fhìor, Gorillaz, agus a’ leantainn a’ chleas aig Damon Albarn agus Jamie Hewlett, chruthaich mi seòrsa cùl-sgeulachd fhicsineach dhan chòmhlan againne. Cha do rinn mi mòran leis an sgeulachd sin, ach às dèidh dha Nad Aislingean tighinn gu crìch, lean mi orm a’ cnuasachadh mu fhear dhe na caractaran a chruthaich mi, duine saibeirneatach a rapadh, agus thàinig A-Hiom, agus an uair sin, ACDD air fad a-mach às an t-sìol bheag sin. Dh’atharraich an sgeulachd mòran an cois sgrìobhadh na nobhail, agus cha b’ ann mu Nad Aislingean a bha ACDD aig a’ cheann thall, ach chleachd mi eileamaidean dhith, agus nam measg, bha stòras de dhàin agam a sgìobh mi dha Nad Aislingean, ach nach do chleachd mi mus do sguir sinn, agus nochd cuid dhe na dàin sin (le beagan atharrachadh) anns an nobhail mar na rapan aig A-Hiom.

gaolO chionn greis, fhuair mi post-d bho Anna, a’ faighneachd am bithinn leagte leis nan dèanadh i lèine-T Nad Aislingean mar phàirt dhen loidhne-fhasain aig a’ chompanaidh dhealbhaidh aicese, Graficanna, agus fhreagair mi, gu dearbh fhèin, bhithinn! Tha na lèintean-T a-mach a-nis agus tha iad àlainn. Tha a h-uile rud a nì Anna garbh cruthachail agus bòidheach, agus thug e orm smaoineachadh air cho cudromach ’s a tha an obair aice, gu h-àraidh na lèintean spòrsail a nì i do chloinn. Fhad ’s a bhios nàdar coimhearsnachdan nan Gàidheal a’ caochladh bho choimhearsnachdan sgìreil gu lìonraidhean de labhraichean, bidh so-fhaicsinneachd mar a bheir bathar Anna dhuinn a’ sìor fhàs nas cudromaich. Is gaisgeach i!

O chionn greis a-nis, thog buidhean ‘leasachaidh’ ann an Slèite sanas mòr aig ceann rathaid Shlèite, gun ach bloigheag de Ghàidhlig air, agus coltach ri mòran eile, chuir e cais mhòr orm nuair a chaidh e an àird, agus fhathast, tuitidh mo chridhe beagan gach turas a thèid mi seachad air. Tha iomadh rud gòrach mun t-sanas seo ach ’s e an rud as miosa ’s gu bheil e a’ dubhadh às na 40% againn ann an Slèite a bhruidhneas a’ Ghàidhlig. Tha e gar falachadh mar nach eil sinn ann. ’S e a’ Ghàidhlig agus na labhraichean Gàidhlig a bheir spionnadh dhan sgìre agus a tharaingeas daoine a-steach, ach dìreach mar sin, thèid ar cleith le comataidh beag air choreigin, agus sin e. Saoilidh mi, gu math no olc, gur e strì mu sho-fhaicsinneachd a bhios romhainn tric is minig anns an àm ri teachd. Gu fortanach, tha Anna Ròc ga dèanamh uabhasach fasanta!

Welcome-To-Sleat

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Fasan Fànais agus So-fhaicsinneachd

  1. Thuirt Marconatrix:

    Bu toigh leam “Air do shocair!” faicinn sgrìobhte air léine-t 🙂

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s