Thàinig mi thairis air sgeulachd fhicsean-saidheans thràth eile aig an deireadh-sheachdain is mi a’ leughadh tro Rosg an Ealain air a dheasachadh le Alasdair I. MacAsgaill. ’S e Rosg an Ealain cruinneachadh de sgeulachdan goirid agus rosg goirid eile air an taghadh do dh’àrd-sgoilearan agus a chaidh a chur an clò le Roinn nan Cànan Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1966. Thàinig mòran dhe na sgeulachdan seo à Gairm, agus tha sùil agam gun tàinig an tè seo à Gairm cuideachd, ach chan eil mi cinnteach. Feumaidh mi barrachd rannsachaidh a dhèanamh.
Eu-choltach ri cuid dhe na sgeulachdan ficsean-saidheans tràth eile a tha mi air leughadh, ’s e tè aotram a tha seo. Cha robh Moireach a’ feuchainn ri ficsean-saidheans ‘ceart’, tomadach a sgrìobhadh, ach fealla-dhà goirid, mu bhodach a’ noradaich tac an teine agus ag aisling mu bheatha anns a’ bhliadhna 2503. Cha chaith sinn aodach an uair sin, is coltach, agus bidh clann a’ dol dhan sgoil air a’ ghealaich, a’ siubhail ann agus air ais ann an latha. Agus coltach ri mòran ficsean-saidheans tràth, bheachdaich Moireach air cor na Gàidhlig anns an linn ri teachd, agus gu h-inntinneach, cha tèid a bruidhinn ach ann an Afraga, air adhbhar air choreigin. Chan eil e ag innse dhuinn carson.
Aig dà dhuilleig de dh’fhaide, cha ionnsaich sinn mòran mun t-saoghal ùr, agus an sgeulachd uile a’ leantainn dhan denouement: am bodach air a dhùsgadh leis a’ bhean aige is ise ag iarraidh taic leis na soitheachan. Tha an sgeulachd a’ tòiseachadh le beachd a’ bhodaich bu dòcha gu bheil leasachadh teicneòlais a’ gluasad ro luath: “gun robh an t-eòlas ro mhòr agus an gliocas ro bheag” ach ’s e sùileachan na sgeulachd: ged a dh’atharraicheas teicneòlas, bidh daoine mar a bha iad a-riamh.
‘Togail Chaisteal anns na Neòil,’ le Dòmhnall Moireach, ann an Rosg nan Eilean, Alasdair I. MacAsgaill (deas.), Glaschu: Roinn nan Cànan Ceilteach Oilthigh Ghlaschu, 58–60.