‘Am Putan Dearg’ le Fionnlagh I. MacDhòmhnaill

launchkey

Tha Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig a’ cur na tasglainn aca ann an rian uair an-dràsta, agus an cois na h-obrach seo, tha iad a’ reic cuid dhe na seann leabhraichean aca: leth-bhreacan a bharrachd no leabhraichean air an caitheamh le cus leughaidh agus a leithid, agus cheannaich mi ultach dhiubh. Nam measg, fhuair mi fear eile de na leabhraichean-cruinneachaidh aig Gairm. Uaireigin na h-eachdraidh, rinn deasaichean Gairm sreath de leabhraichean a chruinnich na h-irisean aca ri chèile, agus b’ e àireamh 9 a bh’ anns an fhear seo, a’ gabhail a-steach na h-irisean bho 1960 agus 1961. Agus a’ leughadh troimhe, dè lorg mi ach sgeulachd fhicsean-saidheans eile ris nach do thachair mi roimhe: ‘Am Putan Dearg’ le Fionnlagh I. MacDhòmhnaill. B’ ann anns an eagran 34 a nochd i, an aon eagran anns an do nochd sgeulachd fhicsean-saidheans thràth eile: ‘Crìochan Farsaing” le Cailean T. MacCoinnich. Is iongantach cho pailt ’s a bha ficsean-saidheans ann an rosg Gàidhlig anns an fhicheadamh linn. Ciamar nach robh fios agam mu sheo!?

Anns an sgeulachd seo, tha MacDhòmhnaill a-mach air triùir a’ fuireach ann an saoghal diostopach ri teachd: fear ann an New York, fear ann am Peking, agus fear ann an Uibhist, an Gàidheal mu dheireadh anns an eilean. Tha gach fear ag obair dha na riaghaltasan aca, a’ cumail faire agus am meòir air na putanan a loisgeas na rocaidean niuclasach aca ma chì iad fianais air ionnsaigh bho na nàimhdean aca. Agus tha iad uile air an cronachadh leis na comannan ceannsachail aca ann an dòigh air choreigin: tha pàiste a bharrachd air an dithis a tha ceadaichte aig an fhear ann an New York; chaidh am fear ann am Peking a spothadh air sàillibh ’s gun robh pàiste gun chead aigesan; agus chaidh am fear ann an Uibhist a thoirt air falbh bho a phàrantan is e na bhalach òg, agus a chur gu sgoil shònraichte far an do rinn na h-ùghdarrasan nighe-eanchainn air.

Ach cha do sguab iad a h-uile toinisg às a’ Ghàidheal ghaisgeach seo, agus nuair a nì teaghlach de ghobhlanan-gaoithe nead na h-uinneig, thèid seann tuigse adhlaichte aig bonn inntinne a dhùsgadh a chuireas a shaoghal gu sgrios. Mar mhòran sgeulachdan ficsean-saidheans Gàidhlig às an linn sa, tha crìonadh cultair agus cànain na fho-theacsa soilleir, agus anns an sgeulachd seo, ’s e an ceangal dùthchasach aig an duine ri nàdar ann an Uibhist a bheir slighe a-mach dha à smachd nan ùghdarrasan.

Tha e smaoineachail gun deach uibhir de dh’fhicsean-saidheans a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig tro na 60an agus tràth anns na 70an, agus tha mi cinnteach gun lorg mi barrachd. Molaidhean?

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill (1960) ‘Am Putan Dearg,’ Gairm 34:171–5.

Chaidh seo a phostadh ann an FS Gàidhlig Tràth. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s