Maighstir Robot

’S e Maighstir Robot am prògram t.bh as fheàrr leam an-dràsta, agus chan eil an sgot as lugha agam carson nach eil e nas mòr-chòrte na tha e. Chainte gur e seòrsa ficsean-saidheans ‘co-aimsireil’ a th’ ann, a-mach air teicneòlas an latha an-diugh agus a’ bhuaidh a th’ aige air ar comann, ach mar a tha a’ bhideo gu h-àrd ag argamaid, tha e fada nas fharsaing na sin, a-mach air an sgaiteachd, air an iomagain agus air an aonaranachd a tha air fàs uile-làthaireach nar bheatha anns an aona linn air fhichead.

Ach adhbhar air choreigin, cha bhi cus ga choimhead, agus chan eil fhios agam carson. Thòisich e gu mòr, ach a dh’aindeoin nan duaisean a choisinn e, agus a dh’aindeoin cho ùr-ghnàthach ’s a tha e anns a h-uile dòigh, tha na h-àireamhan a bhios ga choimhead a’ sìor a dhol sìos.

mr robot

B’ e am beachd aig Ideas At Play gu h-àrd nach eil am plot ro chudromach ann am Maighstir Robot, agus ged a tha mi a’ togail na tha e a’ leigeil, ’s e fìrinn na cùise gu bheil am plot aig a’ phrògram fìor theann-ghlacach. Ann an linn anns am bi mòran phrògraman gan dèanamh gun dealbh coileanta aig an sgioba sgrìobhaidh ro làimh (smaoinich air na caran gun chiall anns a’ phlot aig Lost no aig Battlestar Galactica), fhad ’s a thèid sinn air adhart tro Mhaighstir Robot, tha e follaiseach gun do chuir cruthaidhear a’ phrògraim, Sam Esmail, mòran smaoineachaidh anns a’ phlot aigesan, agus e a’ ceangal shnàithlean ri chèile gu dòigheil anns an treasamh ràith a thòisich e fada air ais anns a’ chiad ràith. Tha e uabhasach sgileil.

Ach a thuilleadh air sin, tha Maighstir Robot gu sònraichte cudromach air sàillibh ’s nach eil prògram eile againn coltach ris a bhios a’ cnuasachadh ann an dòigh cho dìreach air an t-saoghal anns a bheil sinn beò an-dràsta, saoghal de naidheachdan breugach, Donald Trump, caithris air-loidhne, cumhachd chorporra, olagarchachd eadar-nàiseanta gun smachd, agus m.s.a.a. ’S e linn làn eagail a th’ ann, agus ’s e Maighstir Robot an aon phrògram a bhios a’ sealltainn gu dìreach air an staing anns a bheil sinn gar lorg fhèin a-nis. ’S e an dearbh phrògram a tha a dhìth oirnn mun àm-sa, agus is duilich nach eile barrachd dhaoine ga choimhead. Saoil carson?

Graf via Wikipedia.

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s