ACDD ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu

https://i0.wp.com/encore.lib.gla.ac.uk/iii/encore/local/images/glasu-encore.jpgMa tha cairt-leabharlainn Oilthigh Ghlaschu agaibh, tha leth-bhreac ACDD aca a-nis.  Leabharlannan – nach eil iad math!

Air a phostadh ann an naidheachd | 3 beachd(an)

Blastadh dheth!

Leughar lèirmheas goirid anns an Albannach air Didòmhnaich le Seonaidh Caimbeul còir an-diugh, a-mach air an tachartas aig Meg agus mi fhìn aig an t-Sabhal Diciadain.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Transparencies agus ACDD aig SMO

bogadhSMO1

Bha fleadh sgoinneil againn a-raoir aig Sabhal Mòr Ostaig far an do chuir mi fhìn agus Meg Bateman ar leabhraichean ùra air bhog, anns a’ chomhairsneachd againn fhìn, agus thàinig mòran charaidean a-mach airson fìon, nibbles agus litreachas.  Bha an talla làn agus bha an oidhche blàth beòthail agus spòrsail.

bogadhSMO2Thòisich an oidhche le pìobaireachd bho Cheap Breatainn le Barry Shears.  Chuir Donnchadh MacAonghais bho Sheall fàilte air a h-uile duine agus bha facal againn bho John Storey còir bho Chomhairle nan Leabhraichean.  Bha Mark Wringe anns a’ chathair agus nan robh sibh a-riamh aig oidhche litreachais còmhla ri Mark, bidh fios agaibh gun cùm e an còmhradh a’ dol ann an dòigh a tha an dà chuid smaoineachail agus fiosraichte.  Leugh Meg an toiseach.  Bha mi air an leabhar aice a leughadh mar thà, ach ’s e rud gu tur eadar-dhealaichte a th’ ann a bhith a’ cluinntinn nan dàn bhon bhàrd fhèin, le mìneachadh air na smaointean a bha air an cùlaibh.  Sheinn Barry Shears a’ phìob a-rithist, agus an uair sin, leugh mi fhìn. Leugh mi bhon chiad chaibideil, agus cuideachd, rinn mi earrann bheag dhen rap aig A-Hiom.  Cha robh mi buileach cinnteach an dèanainn an rap chun na mionaid mu dheireadh, agus am bos agam, Boyd Robasdan, anns an èisteachd, am measg mòran daoine urramaichte eile, ach thug e gàire don t-sluagh, is bha sin math.

Bha na ceistean aig an luchd-èisteachd gu sònraichte inntinneach.  Dh’aontaich Mark agus John gun robh e iongantach cho math ’s a bha an còmhradh.  Bha pailteas biadh sgoinneil againn, agus uile ri chèile, ’s e oidhche air leth soirbheachail a bh’ ann.  Taing mhòr dhan a h-uile duine a thàinig!

bogadhSMO3

Air a phostadh ann an naidheachd | 2 beachd(an)

Der antifaschistischen Oi musik

Tha cuimhne agam nuair a bha Mill a h-Uile Rud air an rathad anns an Roinn Eòrpa còmhla ri Oi Polloi, ge be càite an robh sinn, gum bruidhneadh Ruairidh bho Oi Polloi ris an èisteachd ann an cànan na dùthcha, agus bha nàire orm, mar Ameirgeanach àbhaisteach, nach robh agam ach a’ Bheurla (uil, agus a’ Ghàidhlig). Seo Ruairidh agus na balaich ann am Berlin a’ cluich a’ chiùil ana-faisich Oi beagan seachdainean air ais, le Roddy còir (Na Gathan, An t-Uabhas, Atomgevitter) air an t-siont. Ròcamaid!

ananasachmor

Air a phostadh ann an ceòl, punc | Sgrìobh beachd

Transparencies agus Air Cuan Dubh Drilseach; Oidhche litreachais aig an t-Sabhal Mhòr

TransparenciesBidh mi fhìn agus Meg Bateman a’ cur ar leabhraichean air bhog ri chèile ann an Slèite, anns an sgìre againn fhìn, aig cuirm shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Diciadain, 28 An Lùnastal aig 7.30 f.  Bidh Meg a’ comharrachadh foillseachadh a’ leabhair bhàrdachd ùir aice, Transparencies, a tha na chruinneachadh de dhàin anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig, agus bidh mi fhìn a’ comharrachadh foillseachadh ACDD.  Bidh fìon ’s nibbles blasta againn, agus bidh mi fhìn agus Meg a’ leughadh (anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla) bho na leabhraichean againn.  Tha an leabhar ùr aig Meg dìreach sgoinneil agus air cliù nàiseanta a choisinn mar thà.  ’S e urram a th’ ann gum bi mi a’ cur na nobhail agam air bhog còmhla ri Meg, aig an dachaigh againn, Sabhal Mòr Ostaig, agus gu sònraichte iomchaidh a chionn ’s gun do rinn Meg deasachadh air ACDD agus gun tug i mòran taic agus brosnachaidh dhomh fhad ’s a bha mi ga sgrìobhadh.  Ma tha sibh ann an Slèite no faisg, feuch gun tig sibh ann.  ’S e oidhche craicte spòrsail a bhios againn — fada nas coltaich ri pàrtaidh na leughadh foirmeil no òraid.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Foillseachadh Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann

DE_20mh Thèid taisbeanadh sònraichte a chumail aig Fèis Leabhraichean Dùn Èideann a’ comharrachadh a h-uile leabhar a chaidh am foillseachadh anns a’ Ghàidhlig am bliadhna.  B’ e bliadhna iongantach torach a bh’ ann do litreachas na Gàidhlig, ach bliadhna de chaochladh cuideachd, le Ùr-sgeul a’ tighinn gu crìch agus Aiteal ga chur air bhonn.  Gu mì-fhortanach, cha bhi e comasach dhomh a bhith an làthair ach bidh Gillebrìde Mac Ille Mhaoil a’ leughadh beagan bho ACDD.  ’S ann aig 2f a bhios cùisean a’ tòiseachadh, aig Ceàrnag Charlotte ann an Dùn Èideann.  Bidh eadar-theangachadh beò ri fhaodainn cuideachd; thigibh le caraid!

Ùrachadh — Gillebrìde a’ leughadh ACDD aig an Fhèis:

ACDD_feis_DE

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Memrise … ceum air cheum

memrise2Tha mi fhathast ag obair air a’ chùrsa air Memrise. (Faicibh geàrr-chunntas an seo.) Tha mi air a’ mhòr-chuid dhen bhriathrachas ann an Caibideil II a chur a-steach, agus tha mi a-nis a’ feuchainn ri barrachd fhuaimean a chur ann. Tha am prògram-clàraidh ann am Memrise fhèin cianail doirbh a chleachdadh agus mar sin, tha mi a’ clàradh nam fuaimean aig an taigh air Audacity agus gan cur a-steach le làimh, fear seach fear. Slaodach ga rìribh ach sin an aon dòigh gus an ùraich muinntir Memrise an eadar-aghaidh aca.

Cuideachd, tha mi fhathast a’ leughadh tron leabhar agus a’ dèanamh liosta-briathrachais dhan chùrsa.  A chionn ’s gur e gnìomh cho fada a th’ ann, tha mi ag amas air a’ bhriathrachas as dorra an toiseach, agus a’ cur romham am briathrachas sin a chur a-steach ann an ùine nach bi ro fhada.

Tha mi toilichte faicinn gu bheil mòran a’ dèanamh feum às a’ chùrsa, agus tha dithis neo triùir air an t-uabhas a dhèanamh ann.  Ma tha sibh a’ dèanamh a’ chùrsa, bu toil leam beachdan a chluinntin air neo molaidhean fhaighinn air mar a thèid a mhathachadh, an seo neo air an fhoirm aig Memrise fhèin.  Leigibh fios dhomh air mar tha e a’ dol agus ma chì sibh mearachd anns a’ Ghàidhlig neo anns a’ Bheurla, bhithinn buidheach cluinntinn ma deidhinn.

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Prepare to make the jump to lightspeed…

Mar a tha C-3PO ag ràdh, “It’s impossible to go to light speed,” ach chan ann air sàilleabh gu bheil an hyperdrive briste, ach air sàilleabh gu bheil e an aghaidh nan riaghailtean fiosaics a rèir na dàimheachd sònraichte aig Einstein. Nuair a sgrìobh mi ACDD, bha mi ag amas air ficsean-saidheans ‘cruaidh’ anns an t-seagh gun robh mi ag iarraidh gum biodh am fiosaics ceart agus so-chreidinn, ach coltach ri iomadh ficsean-saidheans eile (Star Wars, Battlestar Galactica, Star Trek), bhris mi aon riaghailt cudromach airson na sgeulachd, agus ′s e sin an riaghailt aig Einstein nach urrainnear siubhail nas luaithe na solas. ′S e peacadh cumanta a th’ ann ann am ficsean saidheans, ach a rèir coltais, tha buidheann bheag aig NASA a-nis a tha ga rìribh ag obair air lùbadh spàs agus siubhail nas luaithe na solas. Tha iad air an oir anns a’ choimhearsnachd fhiosaics gu cinnteach, agus cuid gu math teagmhach mu na teòiridhean aca, ach ma tha iad ceart, b’ urrainn dhuinn siubhail dha na reultan ann an làithean seach bliadhnaichean neo linntean.  Chan eil mi fhìn fiosraichte gu leòr gus breithneachadh air an obair, ach ma tha thu ag iarraidh feuchainn agus long-fhànais nas luaithe na solas a thogail, seo am matamataics:

lubadh

Pios cèic!

Via space.com, io9.

Air a phostadh ann an fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd

Ùr-Sgeul anns an Albannach

Ùr-sgeulAnn an alt anns an Albannach, tha Alasdair Caimbeul air cunntas a dhèanamh air Ùr-sgeul agus air an sàr obair a rinn John Storey gu sònraichte ann an ath-bheothachadh na nobhail Gàidhlig.  Tha John ìorsail mar as àbhaist, ach thug Alasdair iomradh air beachd Moray Watson, a tha nas fhaisge air an fhìrinn:

“The Ùr-Sgeul project has meant changes of seismic proportions . . . the productivity of the last six years comes close to matching that of the preceding century . . . Ùr-Sgeul has been responsible for the biggest single publishing initiative ever seen in Gaelic fiction.”

’S e deagh naidheachd a th’ ann — ged nach bi iad an sàs ann am foillseachadh Ùr-sgeul tuilleadh — gum bi CLÀR (foillsichear ACDD) fhathast a’ cur a-mach nobhailean, maille ri Acair agus Sandstone.  Barrachd nobhailean Gàidhlig!

Air a phostadh ann an naidheachd | Sgrìobh beachd

Dihaoine…


′S e Dihaoine a th’ ann, tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, agus tha mi ga lorg cianail fhèin doirbh m’ aire a chumail air m’ obair.  Na h-àite, tha mi a’ coimhead a’ bhideò mheasgaichte seo suas gu 11 nam oifis.  Nicki Minaj + opra-fànais = aoibhneas glan.  Tha e spòrsal feuchainn cia mhead diofar fiolmachan/phrògraman as urrainn dhut aithneachadh.  Am fear as fheàrr leamsa… cha chan mi ach: Piiiigs Iiiiin Spaaaaace!

Air a phostadh ann an ceòl, fànas, Ficsean-saidheans | Sgrìobh beachd